. PŔileagan ann an Alba - Scottish Natural Heritage
skip to main content

Ceanglaichean

PŔileagan ann an Alba

'S iad na pŔileagan na mamalan mara as lugha a th' ann an uisgeachan na h-Alba. Chan eil iad ach 1.4-1.8 meatair a dh'fhaid agus tha suas ri 90 kg a chuideam annta. Tha cuirp bheaga chruinn orra agus cinn ghoirid, ach Ós aonais na goban a th' air leumadairean. Ged a tha iad ann an dl¨th-chÓirdeas ri leumadairean, tha grunn eadar-dhealachaidhean eatorra. Dha neach sam bith a tha gan coimhead bhon uachdar 's e an d˛igh as fhasa air an aithneachadh sealltainn ri cumadh na h-ite droma. Tha itean droma air cumadh corrain air na leumadairean a th' ann an uisgeachan na h-Alba ach tha ite nam pŔileagan beag is trý-cheÓrnach.

Mar as trice tha iad rin lorg ann an uisgeachan staoin a' chladaich ann an nas lugha na mu 100 meatair a dhoimhneachd. Ged a tha iad rin lorg air feadh uisgeachan na h-Alba tha iad nas bitheanta air a' chosta an iar agus mu na h-Eileanan Siar is Tuath, gu s˛nraichte as t-samhradh. Ma tha thu foighidneach agus ma choimheadas tu bho rubha sna h-Óiteachan seo, tha deagh cothrom agad pŔileag fhaicinn, ach ma bhios an aimsir garbh faodaidh e a bhith doirbh an itean beaga droma fhaicinn ann an uisgeachan brosgalach.

Bidh pŔileagan ag ithe raon farsaing de dh'iasg, a leithid sgadan, cuidhteagan is easgainn. Mar as trice bidh iad a' siubhal nan aonar no ann am buidhnean beaga. Ach ma lorgas iad st˛ras pailt de bhiadh thig iad c˛mhla gu tric a dh'ithe ann am buidhnean de 100 pŔileag no barrachd, agus 's e fýor dheagh shealladh a tha sin. Chan eil iad cho dualtach ri mamalan eile a bhith gan taisbeanadh fhŔin. Mar as trice, chan fhaigh thu ach boillsgeadh de phŔileag a' dol seachad gu luath, a' tighinn gun uachdar corra uair airson anail a tharraing, fhad 's a tha i air a slighe gu roinnean bidhe eile.

Harbour porpoise David Ainsley