. Mu sheallaidhean-t́re Alba - Scottish Natural Heritage
skip to main content

Mu sheallaidhean-t́re Alba / About Scotland's landscapes

'S fhada bho chaidh seallaidhean-t́re ḿorbhaileach Alba a chomharrachadh ann an dealbhan, bàrdachd, rosg agus ̣rain. Tha e math a bhith a' fuireach agus a' tadhal ann an àite le seallaidhean cho brèagha, agus tha ́omhaighean de chruth t́re gun mhilleadh cudromach ann am margaidheachd turasachd, ann an gńomhachas nam filmichean agus a thaobh bathar ainmeil mar uisge-beatha.

Tha inbhe nan àiteachan gorma sna bailtean againn, agus cho furasta 's a tha e dhuinn faighinn thuca, cudromach a thaobh slàinte agus sunnd: tha na seallaidhean-t́re seo gar brosnachadh gu bhith a' dol a-mach.

Tha rudeigin ṣnraichte anns gach àite ann an Alba, agus tha sin a' cur ri fèin-aithne nàiseanta agus ionadail, rud ris an canar 'faireachadh àite'. Tha eugshamhlachd nan cruthan t́re agus nam bailtean a' toirt dealbh bhẹ dhuinn air eachdraidh Alba, agus tha e a' nochdadh na ḍigh-beatha agus an dualchais a tha cho domhainn ann an cultur Alba.

Fhuair na seallaidhean-t́re as àille an comharrachadh mar Roinnean seallaidheach nàiseanta no Pàirc Nàiseanta agus tha iad a' c̣mhdach cuid dhe na sǵrean as ainmeile ann an Alba - An Cuiltheann, Gleann Comhann, Beinn Nibheis, Am Monadh Ruadh, Loch Laomainn. Thathar a' cur luach air cuid de sǵrean airson iad a bhith nan àiteachan fiadhaich.

Tha seallaidhean-t́re Alba air càil cho pŕseil 's a th' againn, ach tha iad ag atharrachadh. Tha e riatanach gun coimhead sinn às dèidh nan seallaidhean-t́re agus gun dèan sinn cinnteach nach caill sinn na rudan ṣnraichte anns gach pàirt de dh'Alba.

Stoura Pund, Sealtainn ©Lorne Gill/SNH Airson fiosrachadh mu cḥraichean leth-bhreacan, cuir fios gu Leabharlann ̀omhaighean Dualchas Nàdair na h-Alba air F̣n 01738 444177 no thèid gu www.snh.gov.uk

Caochlaidheachd nan seallaidhean-t́re

Tha iomadh sẹrsa cruth t́re ann an Alba, eadar cladach agus t́r, beanntan agus talamh ́osal, baile agus dùthaich.

Loch Raineach agus Śdh Challainn ©Lorne Gill/SNH Airson fiosrachaidh mu chleachdadh dhealbhan aig Dualchas Nàdair na h-Alba cuir f̣n gu 01738 444177 no thèid gu www.snh.gov.uk

Cudromachd sheallaidhean-t́re

Tha e math a bhith a' fuireach agus a' tadhal air na seallaidhean àlainn. Tha cruthan t́re ḿorbhaileach a' cur ri slàinte agus sunnd.

Causewayhead, Sruighlea.  ©Lorne Gill/SNH.
Airson fiosrachaidh mu chleachdadh dhealbhan aig Dualchas Nàdair na h-Alba cuir f̣n gu 01738 444177 no thèid gu www.snh.gov.uk

Dè th' ann an sealladh-t́re?

Tha seallaidhean-t́re timcheall oirnn uile agus air cùl ar beatha bho latha gu latha.

Tèarmann Nàdair Nàiseanta Tentsmuir ©Lorne Gill/SNH Airson fiosrachadh mu cḥraichean leth-bhreacan, cuir fios gu Leabharlann ̀omhaighean Dualchas Nàdair na h-Alba air F̣n 01738 444177 no thèid gu www.snh.gov.uk

Roinnean fo dh́on

Tha roinnean fo dh́on a' riochdachadh na seallaidhean-t́re, lusan, beathaichean, creagan agus fosailean nas fhèarr ann an Alba.



Last updated on Tuesday 22nd May 2012 at 10:08 AM. Cliog an seo airson beachd a thoirt air an duilleag seo