. Sgeirean serpulid - Scottish Natural Heritage
skip to main content

Sgeirean serpulid / Serpulid reefs

'S e cnuimh-ti¨ba mhara bhrŔagha a th' ann an cnuimh na pýob ˛rgain Serpula vermicularis le cr¨n sealltanach de ghreimirean iteach a tha dearg, pinc agus orains a tha a' coimeas ri na ti¨ban cruaidhe, geala. Gheibhear cnuimhean fa leth cha mh˛r air feadh an t-saoghail ach a-mhÓin anns na marannan p˛larach. Ach ann am fýor chorra Óite, bidh na ceudan dhiubh a' fÓs c˛mhla agus a' dŔanamh phris no 'sgeirean.'

Tha na ceudan de thi¨ban chnuimhean le trast-thomhas 4-5mm agus suas ri 150mm a dh'fhaid annta fa leth air na sgeirean serpulid. Bidh gach sgeir a' t˛iseachadh le cnuimh a tha air ¨r sheatlaigeadh a' togail ti¨b air clach no slige san eabar air grunnd na mara. Bidh barrachd chnuimhean a' seatlaigeadh air a' chreig agus air ti¨ban a th' ann mar-thÓ, agus bidh na cinn a tha fosgailte a' fÓs suas agus a-mach. Tha gach sgeir coltach ri preas bheag, le na cnuimhean bhrŔagha air leudachadh agus ga sgeadachadh le structaran orains coltach ri dýtheanan. Tha na cnuimhean uabhasach mothachaidh do sholas agus do chritheadaich. Slaodaidh iad a-steach na greimirean gu luath ma chuirear dragh orra agus d¨inidh iad am fosgladh dhan ti¨ba le pluga coltach ri c˛n. Gu h-obann, tha an sgeir air a cruth-atharrachadh bho bhith dearg agus orains gu bhith dýreach a' sealltainn dath geal nan ti¨ban.

Dh'fhÓs sgeirean m˛ra mu dheireadh ro mh˛r airson taic a chumail rin cuideam fhŔin agus thuit iad a-mach on mheadhan le cruth mar bonnach gun mheadhan. Ch¨m cuid dhe na cnuimhean sna pýosan briste a' fÓs. Bha feadhainn eile nan dachaighean t˛iseachaidh ris an leanadh cnuimhean eile, agus mu dheireadh rinn iad sgeirean ¨ra.

CÓit am faighear iad?

Tha sgýre bheag le sgeirean beaga ann an dÓ loch air taobh an iar ╚irinn, agus chaidh am faicinn ann an loch air cladach san Eadailt. Bha roimhe sgeirean ann an Linne Mhuirich, Loch Suain, ach bhÓsaich iad sin anns an 1990an. Chan eil fios carson, agus chan eil a-nis air fhÓgail ach na ti¨ban chnuimhean marbh. Chaidh cruinneachaidhean beaga de chnuimhean pýob ˛rgain a lorg ann an Loch Teacuis, Morbhairn ann an 2006. Chan eil iad sin fhathast nan sgeirean, ach dh'fhaodadh gum fÓs iad nas motha agus nas pailte agus gun c˛mhdaich iad barrachd de ghrunnd na mara. 'S ann an Loch Creurain, dýreach tuath air an Ďban air taobh an iar Alba, a tha na sgeirean serpulid as motha agus as adhartaiche. Tha na sgeirean serpulid ann an Loch Creurain a' fÓs aig doimhneachd eadar 6 agus 10m, agus suas gu 75cm a dh'Óirde agus 1m a leud.

Tha na sgeirean nan dachaigh Órd do dh'iomadh beathach eile, gu h-Óraidh san eabar air grunnd na mara far nach eil m˛ran Óitichean eile anns am falaich no an ceangail iad. Tha spuingean soillseach orains le gasain fhada air leth pailt ann an cuid de choloinidhean, agus bidh giuthais-mhara, sea squirts agus feamainn cuideachd a' leantainn ri na ti¨ban. Bidh cr¨bagan beaga, giomaich scuat, giomaich thuathal, crosgagan, cnagan-feannaig bheaga agus seilcheagan-mara a' gabhail fasgadh no a' sealg sa choloinidh, agus bidh gÓirdeanan biorach nam brittlestars agus greimirean fada, gluasadach nan cnuimhean terebellid a' ruigsinn a-mach on taobh a-staigh.

Cunnartan

Tha sgeirean serpulid gu math dýblidh agus ann an cunnart bho uidheaman, mar eisimpleir uidheam iasgaich gluasadach agus stŔidhte, gluasad a craichean agus fi¨ 's uidheam dhÓibhearan. Faodaidh iad cuideachd a bhith mothachail do chÓileachd uisge agus atharrachadh ann an sruthadh uisge.

Dýon

Seach gu bheil sgeirean serpulid cho tearc, tha iad air an dýon le Plana-gnýomh Órainn Bith-iomadachd na RA external site . Tha Loch Creurain cuideachd comharraichte mar Sgýre S˛nraichte GlŔidhteachais (SAC) airson nan sgeirean, a tha a' gabhail a-steach sgeirean nan cnuimhean.

Tha Loch Creurain air a riaghladh le F˛ram Riaghlaidh Mara SAC Earra-GhÓidheal. Tha am F˛ram air a cho-˛rdanachadh le Comhairle Earra-GhÓidheal is Bh˛id agus tha iad air Plana Riaghlaidh a dhŔanamh airson na loch. Tha am Plana Riaghlaidh a' gabhail a-steach map s˛naidh airson iasgach, "Pac Acrachaidh external site " a chuidicheas le blocan acrachaidh a lorg far nach mill iad an sgeir serpulid, agus sti¨ireadh air acrachadh agus dÓibheadh gu sÓbhailte san loch.

á

á

English version



Last updated on Monday 27th August 2012 at 15:26 PM. Cliog an seo airson beachd a thoirt air an duilleag seo