. Lus-iteach tuathach - Scottish Natural Heritage
skip to main content

An lus-iteach tuathach /                                 Northern feather star

'S e echinoderm (on Ghreugais airson craiceann spèiceach) grinn agus annasach a th' anns an lus-iteach thuathach (Leptometra celtica) agus buinidh e do ghnè nan crinoids (a' ciallachadh "coltach ri lilidh"). Tha 10 gàirdeanan fada, caola orra agus faodaidh iad a bhith de dh'iomadh dath, leithid buidhe, geal, pinc-dhearg no le bannan dearga agus geal. Fàsaidh an gàirdeanan gu 15cm a dh'fhaid agus tha ann an ̣rdugh timcheall air diosga sa mheadhan. Fon diosga seo tha cirri, a tha coltach ri casan tana, rag le dubhain air a' cheann leis an cùm iad iad fhèin nan àite.

Bidh an lus-iteach tuathach a' dèanamh taisbeanadh sealltanach nuair a bhios e a' sealltainn a' chomais air 'snàmh' astaran beaga tron uisge, agus bidh e a' dèanamh sin le bhith a' crathadh a ghàirdeanan suas agus śos (faic bhidio an seo).

Bidh an lus-iteach tuathach a' beathachadh le bhith a' śoladh agus bidh e ga shuidheachadh fhèin far am bi sruthan a' gabhail thairis air. Bidh iad a' cumail an gàirdeanan san t-sruth agus bidh na 'pinnules' (sẹrsa de gheugan iteach air an gàirdeanan) a' glacadh stuth organach, measgachadh fillte de mhoileciùilean crochte san uisge, agus a tha air a ghiùlan śos na gàirdeanan chun a' bhẹil sa mheadhan. Thèid aig an lus-iteach tuathach air a ghàirdeanan a sgaoileadh a-mach mar ghaotharan bheartaigeil thar an t-sruth.

Carson a tha iad ṣnraichte?

'S e gnè as àbhaist a bhith ann an uisge domhainn a tha san lus-iteach tuathach, ach tha taobh an iar Alba ṣnraichte seach gu bheil eisimpleirean ann an uisge tana mu dhoimhneachd 20m ann an lochan-mara, fasgach. Faodaidh iad fàs ann an cruinneachadh tiugh agus a bhith nam pàirt chudromach dhen choimhearsnachd air grunnd na mara.

Càit am faighear iad?

'S àbhaist lusan-iteach tuathach a bhith ann an doimhneachd eadar 40 gu c̣rr is 1000 m, ach gheibhear iad ann an uisge nach eil cho domhainn air taobh an iar Alba. Gheibhear iad tric air grinneal shligean, clachan agus measgachaidhean de ghainmheach, grinneal, morghan agus eabar, a bharrachd air a bhith co-cheangailte ri sgeirean corail ann an uisge fuar.

Tha a' ghnè seo pailt mun Chuan Sǵth, san Eilean Sgitheanach agus far cladach a tuath Alba. Chan eil f́or chorra chlàr ri cladach a-staigh Bhreatainn taobh a-muigh Alba. Chaidh a lorg ann an uisge domhainn ann an ceann a deas agus air taobh an iar Èirinn agus aig beul a' Chaolais Shasannaich.

Dè an inbhe a th' aig a' ghnè ann an Alba?

Ged nach eil fiosrachadh ann mu inbhe a' ghnè seo, tha gnè coltach ris, an rionnag-iteach dhearg (Antedon bifida) ann an cunnart bho dhragh fiosaigeach agus gun cuirear às dha le uidheam iasgaich gluasadach, atharrachadh ann an hydrology agus call àrainn a dh'fhaodadh tachairt air sgàth leasachaidhean cladaich no mara, cladhach airson gńomhachas chlachan, truailleadh agus ̣trachas.

A bheil sinn a' feuchainn ri coimhead às dèidh an lus-itich thuathaich ann an Alba?

Tha a' ghnè seo na Fheart Mara airson Pŕomhachas  aig Dualchas Nàdair na h-Alba agus gabhar a-steach e fo oidhirpean ùra d́on fo Bhile Muir Alba (a' gabhail a-steach Planadh Farsaingeachd na Mara agus na Sǵrean Mara ùra).

 

 

English version