. Giomach SpÓinnteach - Scottish Natural Heritage
skip to main content

Giomach SpÓinnteachá (Giomach creige) /á Palinurus elephas / Crayfish

Tha an giomach SpÓinnteach air beathach cho mýorbhaileach 's a gheibhear air grunnd na mara ann an Alba. Tha dath soillseach buidhe-orains air, glŔ thric le baltan purpaidh ann agus fÓsaidh e gu 60cm a dh'fhaid. Tha paidhir iadhairean lÓidir air a tha nas fhaide na a bhodhaig. Tha ceithir ýnean-t˛isich beaga air, ach tha e air a dhýon gu math le spŔicean lÓidir: deagh dhýon on mh˛r-chuid de chreachadairean.

CÓit am bi iad a' fuireach?

'S ann gu h-Óraidh far taobh an iar Bhreatainn agus ╚irinn a bhios iad, suas tuath gu Sealtainn, agus le dýreach fýor chorra chlÓr air cladach an ear-thuath. Bidh iad cuideachd ann an uisge nas blÓithe deas air Breatainn, sýos gu Eileanan Chanary agus am Muir Meadhan-thýreach. Ann am Breatainn, tha an giomach SpÓinnteach aig an iomall as fhaide tuath aige. Mar sin tha e dualtach gun toir atharrachadh sa ghnÓth-shýde buaidh air an sgaoileadh aige timcheall Bhreatainn.

Mar as trice lorgar an giomach SpÓinnteach ann an sgýrean cladaich fosgailte agus air grunnd na mara far a' chladaich. A-staigh ris a' chladach, 's fheÓrr leis a' ghiomach SpÓinnteach grunnd creagach no measgaichte, le sgoltaidhean caran m˛r, no tuill ann an ulbhagan, airson dýon. 'S Óbhaist dhaibh a bhith be˛ ann an uisge nas doimhne na 15m, agus bidh iad a' gluasad a-mach far a' chladaich gu uisge nas doimhne aig amannan imrich.

Ciamar a tha iad be˛?

Bidh na giomaich SpÓinnteach glŔ thric be˛ ann am buidhnean ann an sgoltaidhean sna creagan, le na h-iadhairean fada aca a' stobadh a-mach. 'S e clÓbaraichean a th' annta, agus bidh iad a' cleachdadh nan casan toisich beaga gus biadh a chruinneachadh bho ghrunnd na mara. Tha s¨ilean m˛ra annta a leigeas leotha a bhith nas gnýomhaiche air an oidhche, ach dh'fhaodadh gum faicear iad cuideachd ris an latha. A bharrachd air daoine, chan eil m˛ran chreachadairean aig a' ghiomach SpÓinnteach, ach tha na fŔithean lÓidir na earball a' toirt comas dha leum air falbh bho chunnart. Nuair a tha san sgoltadh aige sa chreig, cleachdaidh an giomach SpÓinnteach na spŔicean lÓidir airson e fhŔin a dhinneadh a-steach, agus tha e an uair sin doirbh a thoirt a-mach.

Nuair a tha e fon mhuir, bidh an giomach SpÓinnteach a' dŔanamh fhuaimean dýosganaich le bhith a' suathadh bonn nan iadhairean. Mus gin iad, bidh an fheadhainn bhoireann a' tÓladh fheadhainn bhoireann le bhith a' dŔanamh fuaim s˛nraichte. Tha an giomach SpÓinnteach a' tighinn gu inbheachd nuair a tha an t-slige mu 10cm a dh'fhaid. Bidh iad a' gintinn as t-samhradh, agus an uair sin bidh an fheadhainn bhoireann a' gi¨lan nan uighean airson suas ri naoi mýosan. GlŔ thric gluaisidh iad gu uisge nas doimhne airson a' gheamhraidh gus am fÓs na ginein. Nuair a thŔid am breith, bidh na larbha a' gluasad agus ag ithe planctan mus socraich iad air grunnd na mara mar inbhich bheaga. Tha iad gu math dýblidh aig an ýre seo, agus feumaidh iad grunnd freagarrachd gus am bi iad m˛r gu le˛r airson coimhead Ós an dŔidh fhŔin.

Carson a bhiodh uallach oirnn mun ghiomach SpÓinnteach?

Tha iasgach a' ghiomaich SpÓinntich na ghnýomhachas beag, ach gnýomhachas a tha cudromach gu h-ionadail, ach tha Óireamh a' bheathaich Ólainn seo air crýonadh gu m˛r bho na 1970an. Chan eil uiread gan glacadh, agus tha meud cuibheasach an fheadhainn a tha, nas lugha. Gu traidiseanta chleachd a bhith gan glacadh ann am poitean agus ann an clŔibh. Tha e dualtach gur e na lýn a thathar a-nis a' cleachdadh as coireach gu bheil an stoc air a dhol sýos; tha e furasta dha na spŔicean air am bodhaigean a dhol an sÓs sna lýn. Dh'fhaodadh gu bheil pÓirt aig adhbharan Órainneachd cuideachd, gu h-Óraidh a thaobh tional agus mairsinneachd larbha. Seach nach eil an giomach SpÓinnteach ach air cladaichean an Atlantaig a-mhÓin, bidh e coltach gur e uisge a' chuain as fheÓrr leotha, agus dh'fhaodadh gum bi iad buailteach do dh'atharrachadh ann an cÓileachd uisge. Tha an giomach SpÓinnteach na ghnŔ le prýomhachas airson Plana Gnýomh Bith-iomadachd na RA.

á

á

English version