. Feusgan gobhlach - Scottish Natural Heritage
skip to main content

Feusgan gobhlach / Atrina pectinata (fragilis) / Fan mussel

'S e am feusgan gobhlach an t-slige as motha a gheibhear ann am Breatainn, le paidhir bhalbhan a tha 30cm a dh'fhaid. Tha na beathaichean m˛ra seo be˛ leis a' cheann bhiorach aca air a thiodhlacadh ann an grunnd na mara. Bidh a' chuid as leatha a' stobadh a-mach, le na sligean rud beag fosgailte airson gun tŔid aig an fheusgan air sÓl a shýoladh.

DŔ tha cho s˛nraichte mun deidhinn?

Tha an t-slige air a dŔanamh de stuth ruadh, coltach ri adhairc, a bhios a' fÓs caran cleiteagach nuair a bhios e tioram, agus chithear an uair sin slige-neamhnaid bhrŔagha fodha. Tha an ceann dhen t-slige a tha air a thiodhlacadh ri slige no clach le snÓithleanan lÓidir byssus. Chaidh na snÓithleanan brŔagha, ˛rach a bhios iad a' dŔanamh airson na sligean a cheangal ri grunnd na mara a chleachdadh gus Ŕideadh rýghrean a sgeadachadh.

Faodaidh gum bi a' mh˛r-chuid dhen t-slige air a tiodhlacadh sa ghr¨id agus nach faicear ach oir bheag aig an uachdar, no le train dhen t-slige ri fhaicinn. FÓsaidh r¨sg de bhÓirnich, de chnuimhean-ti¨ba agus de dh'fheamainn air a' chuid a chithear. Bhon cheann shuas, a tha fosgailte beagan, nochdaidh oir bhÓn an fhallainn. Bidh seo a' leigeil stuth-slige ¨r mu sgaoil timcheall na h-oir uachdraich nuair a bhios am feusgan a' fÓs. Tha na pýoban analachaidh nan dÓ fhosgladh cumhang; cleas fheusgain eile, bidh am moileasg seo ag ithe le bhith a' sýoladh planctan on t-sÓl. Bidh e ga sh¨ghadh a-steach tro aon phýob agus a-mach tron tŔ eile. Ma chuirear dragh air, thŔid am beathach air ais dhan t-slige ach chan tŔid aige air a d¨nadh gu tur. Air sgÓth 's cho m˛r 's a tha aid, thathar an d¨il gu bheil na feusgain seo be˛ gu math fada. Bidh iad a' gintinn le bhith a' breith an t-sýl sa mhuir. Tha uallach ann nach urrainn dhaibh gintinn ceart a-nis air sgÓth 's cho tearc 's a tha iad; feumaidh beathaichean fa leth a bhith faisg air a chŔile airson a bhith cinnteach Ó torrachadh.

CÓit am faighear iad?

'S ann bho cheann a deas, agus bho thaobh an iar Bhreatainn, as motha a tha na clÓran airson na feusgain ghobhlach. Tha a' mh˛r-chuid dhiubh air taobh an iar Alba, agus mar sin tha uallach s˛nraichte oirnn airson a' mhoileasg Ólainn seo. Bidh iad a' fuireach ann an eabar bog le grinneal no gainmheach air grunnd na mara, no measgachadh dhiubh sin, aig ýre lÓn ýosal agus sýos. Tha iad cumanta ann an raointean gr¨ide a-mach on chladach, sýos gu 600m a dhoimhneachd co-dhi¨.

DŔ an inbhe a tha aig an Órainn seo ann an Alba?

Bha na feusgain ghobhlach uaireigin cumanta far cladaichean Bhreatainn, ach cha mh˛r gum faighear iad idir a-nis os cionn 50m. 'S ann glŔ ainneamh a chý fi¨ 's dÓibhearan iad agus bidh iadsan tric air grunnd na mara. Seach gu bheil iad a' stobadh suas on ghrunnd, tha e furasta dhaibh a dhol an sÓs ann an uidheam iasgaich, gu h-Óraidh sgrýobairean chreachain. Tha dÓibhearan cuideachd air a bhith gan cruinneachadh mar bhuill-maise.

A bheil sinn a' dŔanamh cÓil airson coimhead Ós dŔidh iomairean shligean ann an Alba?

Tha am feusgan gobhlach air a dhýon fo Achd an Fhiadh-bheatha is na D¨thcha 1981, mar a chaidh a h-atharrachadh le GlŔidhteachas NÓdair (Alba) 2004, agus tha Plana Gnýomh GhnŔithean na RA aige (mar Atrina fragilis), ga thoirt air adhart a-nis le Riaghaltas na h-Alba mar phÓirt de Ro-innleachd Bith-iomadachd Alba external site .

á

á

English version



Last updated on Thursday 3rd January 2013 at 10:56 AM. Cliog an seo airson beachd a thoirt air an duilleag seo