. Iomairean feusgain nan each - Scottish Natural Heritage
skip to main content

Iomairean feusgain nan each /áááááááááááááááá Horse mussel beds

Canar uaireannan claban-dubhaidh (Modiolus modiolus) cuideachd riutha seo. 'S d˛cha gu bheil seo air sgÓth 's an coltas air an truinnsear, ach tha e cuideachd na dheagh iomradh air mar a tha iad air grunnd na mara, le oir an fheusgain bhe˛ a' dŔanamh 'liopan' soilleir am broinn na slige dhorcha. 'S e moileasgan le dÓ bhalbh ann am feusgain nan each. Tha iad coltach ri na feusgain dhubh-ghorm a chý sinn air a' chladach, ach tha iad gu math nas motha le 10-20cm a dh'fhaid, agus 's Óbhaist dhaibh a bhith be˛ fo uisge ýosal. Tha an t-slige cruaidh agus dorcha gorm, le c˛mhdach donn, gleansach air slige ann am beathaichean be˛.

Carson a tha e cudromach?

Bidh feusgain nan each a' cruthachadh iomairean agus sgeirean a bhios a' dŔanamh grunnd stŔidheil dhaibh fhŔin, a' toirt dachaigh do iomadh creutair eile agus a' dŔanamh deagh Óite beathachaidh do dh'iasg ˛g. Tha fios againn gun do rinn sgrýobairean ag obair air grunnd na mara milleadh m˛r, maireannach, gu h-Óraidh feadhainn a bha a' sgrýobadh airson chreachain air cuid de dh'iomairean feusgain nan each. 'S ann mu Strangford Lough, ann an ╚irinn a Tuath as motha a tha de dh'fhiosrachadh againn. Tha iomairean feusgain nan each nan Órainn le prýomhachas airson Planaichean Gnýomha Bith-iomadachd na RA external site , ga thoirt air adhart a-nis le Riaghaltas na h-Alba mar phÓirt de Ro-innleachd Bith-iomadachd Alba external site .

CÓit am bi iad a' fuireach?

Gheibhear feusgain nan each air feadh Bhreatainn, ach tha iad nas bitheanta aig tuath. Tha na h-iomairean as motha far nan cladaichean a tuath agus an iar, ann an doimhneachd de 5-70m. Mar sin tha uallach s˛nraichte oirnn air an son ann an Alba. Chan eil iomairean de dh'fheusgain a th' air tighinn gu ýre deas air beul an Severn agus a' Humber, ach tha clÓran on deas dualtach a bhith mu fheadhainn fa leth no feadhainn ˛ga.

'S Óbhaist dhan feusgain a bhith be˛ le pÓirt dhiubh air a thýodhlacadh ann an gr¨id a tha eadar a bhith bog agus garbh, ach faodaidh iad cuideachd leantainn ri creag, bho chladach ýosal gu mu 280m a dhoimhneachd. Bidh iad be˛ fa leth, no ann am buidhnean beaga, no faodaidh iad a bhith nan iomairean no nan sgeirean m˛ra, gu h-Óraidh ann an Óiteachan fasgach le uillt dhan tig an lÓn, leithid caolais lochan-mara agus caolais eadar eileanan.

NÓdar na sgeire

Tha snÓithleanan byssus lÓidir feusgan nan each coltach ri t˛rr r˛pannan-teanta beaga, býodach a tha ga cheangal gu math ri clachan, sligean agus feusgain eile mun cuairt, agus ga cheangal ri grunnd na mara. Ma bhios m˛ran fheusgan c˛mhla, ný iomairean m˛ra. Bidh gr¨idean, fuigheall shligean agus sgudal fheusgan a' cruinneachadh eadar na feusgain bhe˛, agus faodaidh na h-iomairean fÓs thar ¨ine gu bhith nan d¨in no nan sgeirean a tha gu math nas Óirde na bha grunnd na mara bho th¨s. Bidh feusgain ˛ga a' seatlaigeadh eadar, agus air uachdar, an fheadhainn as sine. Nuair a bhÓsaicheas na feusgain as sine, bidh na sligean aca air am fÓgail. Cuidichidh seo le bhith a' togail Óirde na sgeire, agus bidh e a' toirt na h-uiread de dh'atharrachadh air grunnd na mara. Bidh feusgain nan each be˛ gu math fada - bidh m˛ran be˛ c˛rr is 25 bliadhna, agus faodaidh cuid a bhith be˛ c˛rr is 50 bliadhna. Tha cr¨bagan agus crosgagan uabhasach dŔidheil air feusgain ˛ga, ach aon uair 's gu bheil na feusgain c˛rr 6cm a dh'fhaid, tha iad sÓbhailte bho na creachadairean sin.

Tha sligean m˛ra nam feusgan a' toirt bunait mhath do dh'ainmhidhean mar corailean bog, cnuimhean-ti¨ba, bÓirnich, giuthais-mhara, bratan-mara agus cuideachd feamainn. Bidh creachain ˛ga a' ceangal ri giuthais-mhara. Bidh brittlestars, crustÓiseanan, cnuimhean, moileasgan agus iomadh ainmhidh beag a' faighinn fasgadh eadar na sligean, agus am broinn fheadhainn nas sine, agus a' tÓladh iasg ˛g (cuideachd gnŔithean malairteach mar an trosg) gu beathachadh.

á

á

English version



Last updated on Monday 3rd September 2012 at 14:24 PM. Cliog an seo airson beachd a thoirt air an duilleag seo