. Corail uisge fuar - Scottish Natural Heritage
skip to main content

Corail uisge fuar / Cold-water coral

Chan ann a-mhin sna tropaigean a tha sgeirean corail - tha ar cuid fhin againn ann an Alba! Cleas corailean ann an uisge blth, tha cnimhneach cruaidh, eireachdail cuideachd air an fheadhainn ann an uisge fuar, agus faodaidh iad sgeirean mra a dhanamh le iomadh beathach an urra riutha airson fasgadh agus biadh. Ao-coltach ri corailean tropaigeach a bhios a' danamh sgeirean, fsaidh corailean uisge fuar ann an uisge fuar, domhainn, dorcha agus glacaidh iad am biadh fhin. 'S e Lophelia pertusa an aon chorail a bhios a' danamh sgeirean ann am Breatainn.

Carson a tha e cudromach?

Tha sgeirean corail uisge fuar a' danamh iteachan bdh agus fasgaidh air grunnd na mara, agus thathar dhen bheachd gu bheil iad nan ionadan gintinn agus tarmainn aig iomadh iasg malairteach. Sheall sgrdaidhean bhidio gu bheil iomadh sersa isg a' fuireach air na sgeirean, mar an t-iasg dearg, an langa, an traigh agus an laugh am measg corail be, agus chunnacas langa agusiasg a' mhadaidh far an robh corail marbh. Dh'fhaodadh gum bi an t-iasg dearg a' cleachdadh na sgeire mus beir e no mar ionad-raich. Seach gu bheil iasg cho pailt an seo, tha na sgeirean nan targaid airson iasgach. Tha mran shersaichean neo-dhruim-altachain co-cheangailte ri na sgeirean.

Carson a tha iad a' cur feum air don?

Bidh na sgeirean a' fs gu math mall, tha iad lag agus tha e furasta am milleadh. Faodaidh uidheam iasgaich trom cur s do mhltean bhliadhnachan de dh'fhs ann am beagan mhionaidean. Dh'fhaodadh gun toir na sgeirean ceudan bhliadhnachan mus faigh iad thairis air, ma gheibh idir. Rinn leudachadh ann an iasgach ghnithean a bhios domhainn sa mhuir, mar iasg dearg agus grenadier, cron uabhasach air cuid de sgeirean corail. Ann an Nirribhidh, chaidh mu 30-50% dhen chorail a sgrios gu tur, no pirt dheth, le sgrobadh mus tinig lagh a-steach ann an 1999 gus 970 cilemeatair cernagach de sgeirean a dhon bho iasgach millteach. San RA, chaidh casg a chur air trladh ann an 2003 mar chis iginn air na Darwin Mounds, 100 cilemeatair cernagach de sgeir chorail an ear-thuath air Rocabarra, an didh iomairt ag innse mun chunnart san robh na sgeirean. Chaidh an casg a dhanamh maireannach ann an 2004, ach chan eil e a' gabhail a-steach ach pirt bheag dhen sgeir. Am measg nan rudan eile a tha nan cunnart dha na sgeirean corail, tha obair ola agus mhinnirean, agus cuideachd cbaill agus poban.

Tha comisean OSPAR external site airson don rainneachd na mara ann an ceann an ear-thuath an Atlantaig, air sgeirean Lophelia pertusa aithneachadh mar rainn ann an cunnart agus a tha a' cur feum air don. Tha na sgeirean nan rainn le promhachas airson Planaichean Gnomh Bith-iomadachd na RA external site , ga thoirt air adhart a-nis le Riaghaltas na h-Alba mar phirt de Ro-innleachd Bith-iomadachd Alba external site . Tha Lophelia pertusa air a liostadh fo CITES Pipear-taice ll.

Cit a bheil na sgeirean?

Tha raon mr cruinn-elais aig Lophelia pertusa eadar 55S agus 70N, mar as trice ann an uisge le tethachd de 4-8C, agus chaidh a lorg cho domhainn ri 4,000m. Far Bhreatainn, bidh na sgeirean gan cruthachadh mar as trice air sgeilpean mr-roinnean aig 200-400m a dhoimhneachd, an iar air Alba agus irinn. Ach chaidh Lophelia cuideachd a lorg ann an uisge nach robh cho domhainn, os cionn 150m ann an corra ite, gu h-raidh faisg air Barraigh agus Mighalaigh, far a bheil raon sgeirean a' cmhdachd mu 100 cilemeatair cernagach. Tha na sgeirean sin crr is 4,000 bliadhna a dh'aois, agus a rir coloinidhean corail a chaidh a stidheachadh o chionn ghoirid, bidh e coltach gu bheil iad fhathast a' fs. Gu tuath, tha sgeirean air feadh costa Nirribhidh, agus tha aon t 13km a dh'fhaid agus suas ri 30m a dh'irde. Tha an sgeir san uisge as taine aig 39m (128tr) ann an Trondheimsfjord.

Cit am fs iad?

Feumaidh Lophelia larvae uachdar cruaidh air an seatlaig iad sa chiad dol-a-mach. 'S dcha gur e seann stuth creige a bhios an sin, agus aon uair 's gum faigh iad gu dol, cumaidh iad iad fhin a' dol. Faodaidh na sgeirean a bhith co-cheangailte ri seann shnaichean suathadh bheanntan-deighe, far a bheil tasgaidhean eigheachaidh cruaidh nochdte. 'S ann air grunnd le aomadh far a bheil sruth lidir as fherr a dh'fhsas an corail. Chaidh badan beaga corail a lorg air casan chrainn-ola sa Chuan a Tuath, agus air druimlinean fon mhuir tuath air Sealtainn.

Ndar a' chorail

'S e corail bragha, geal le iomadh meur cnimhnich a th' ann an Lophelia pertusa. Tha na meuran a' tighinn cmhla mar chupa a tha 5-10mm a leud, le poilip beag ann le 60 no crr de ghreimirean trd-shoilleir, airson biadh a ghlacadh. 'S bhaist an stuth-bodhaig be a bhith geal, ach faodaidh e bhith pinc no orains. Bidh an corail a' fs gu mall, dreach mu 6mm gach bliadhna; thathar a' tuairmse gu bheil na sgeirean as sine crr is 8500 bliadhna a dh'aois.

Ann an uisgeachan Bhreatainn, bidh eadar 5-10m a leud sna coloinidhean preasach, agus faodaidh gum bi, no nach bi, iad ceangailte ri grunnd na mara. Nuair a bhios mu 2 mheatair de thrast-thomhas annta, tha a' choloinidh dualtach briseadh leis a' chuideam, ach thid aige air cumail a' fs. Thig spuingean agus ainmhidhean eile an uair sin a dh'fhuireach air na posan briste. Fon sgeir tha sn de ghrinneal corail. Tha beatha eugsamhail air na sgeirean, le 614 gn ainmhidh clraichte bho sgeirean Nirribhidh, nam measg gaotharain-mara, spuingean, ainmhidhean mra le d bhalbh, musgain-chaol, giomaich scuat, basket stars agus cnuimhean.

English version



Last updated on Wednesday 18th July 2012 at 14:42 PM. Cliog an seo airson beachd a thoirt air an duilleag seo