. Anemone ti¨ba - Scottish Natural Heritage
skip to main content

Anemonaidhean ti¨baá / Tube anemones

Tha a dhÓ dhe na trý anemonaidhean ti¨ba ann am Breatainn s˛nraichte do dh'Alba. 'S e an t-anemone m˛r, drýlseanach Pachycerianthus multiplicatus an t-anemone as sealltanaiche ann am Breatainn, agus 's e ainmhidh annasach a th' ann a bhith a' fuireach aig bonn lochan-mara ann an Alba. Tha Arachnanthus sarsi cho tearc 's nach eil ainm cumanta air idir, agus cha do lorgadh e ach ann an corra Óite air an taobh siar. Tha an t-anemone beag, Cerianthus lloydii, air an lÓimh eile, glŔ chumanta cha mh˛r air feadh Bhreatainn, ach ann am pÓirt dhen taobh an ear.

DŔ th' ann an anemonaidhean ti¨ba?

'S e na h-anemonaidhean ti¨ba an aon bhuidheann de anemonaidhean a tha a' fuireach ann an ti¨ba ronna air a thiodhlacadh air grunnd na mara. Tha an ti¨ba glŔ shleamhainn air an taobh a-staigh, agus thŔid aig an anemone air sleamhnachadh a-steach ann gu luath ma chuirear dragh air, agus thŔid e Ó sealladh gu tur ann an grunnd na mara. Tha dÓ she˛rsa ghreimirean air gach anemone ti¨ba - feadhainn fhada air an taobh a-muigh agus buidheann de fheadhainn nas giorra air an taobh a-staigh timcheall air beul sa mheadhan.

Carson a tha iad cudromach?

Tha an t-anemone drýlseanach agus Arachnanthus sarsi le chŔile s˛nraichte do dh'Alba, agus tha iad nan gnŔithean le prýomhachas airson Planaichean Gnýomh Bith-iomadachd na RA a tha Riaghaltas na h-Alba a-nis a' toirt air adhart tro Ro-innleachd Bith-iomadachd Alba external site .

Anemone drýlseanach / Pachycerianthus multiplicatus / Fireworks anemone

Suas ri 30 cm a leud, le ti¨ba suas ri meatair a dh'fhaid, 's e an t-anemone drýlseanach an t-anemone as motha ann am Breatainn agus fear dhen fheadhainn as Óille. Tha mu 200 greimire fad air taobh a-muigh a' chr¨in, mar as trice le bannan soilleir bÓn. 'S d˛cha gum bi an aon dath air na greimirean goirid air an taobh a-staigh, no gum bi iad buidhe, pinc no purpaidh. Bidh cinn nan greimirean fada a' gluasad leis an t-sruth as lugha agus a' toirt dhaibh coltas liorcach. Ma thŔid suathadh annta gu socair, d¨inidh na greimirean gu teann. Ann am Breatainn, chan fhaighear an t-anemone seo ach ann an eabar bog, domhainn sa chuid as fhasgaiche de lochan-mara, gu h-Óraidh an fheadhainn fhada le bacan tana agus cladhain dhomhainn annta, aig doimhneachd eadar 15-200 m. Gheibhear e cuideachd far cladach Nirribhidh.

Arachnanthus sarsi

'S e glŔ bheag a dh'fhios a th' againn mun anemone Ólainn seo, oir tha e cho tearc. Cha do lorgadh e ach ann an corra Óite air taobh siar Alba, Linne Latharna am measg sin, agus ann an iar-thuath ╚irinn, ann an eabar le gainmheach no sligean aig doimhneachd eadar 10-36 m. Chan eil uimhir de ghreimirean air 's a tha air na h-anemonaidhean ti¨ba eile a th' againn, le dýreach 30 air an taobh a-muigh agus 30 air an taobh a-staigh. Bidh an fheadhainn a-staigh glŔ thric air an cumail c˛mhla ann an c˛n biorach. 'S d˛cha gum bi e nas gnýomhaiche air an oidhche, cleas anemonaidhean ti¨ba tropaigeach, agus 's d˛cha gur e sin as coireach nach bi dÓibhearan ga fhaicinn ro thric.

Anemone cladhaich / Cerianthus lloydii / Burrowing anemone

'S e an t-anemone cladhaich as cumanta agus as lugha dhe na h-anemonaidhean ti¨ba. Tha 70 greimire fada air, le rŔis mu 7 cm. Bidh an dath aige ag atharrachadh, ach glŔ thric bidh na greimirean a-muigh soilleir dhonn no geal. Tha meadhan brŔagha, uaine air cuid dhiubh. Bidh e be˛ ann an iomadh se˛rsa gr¨ide. Bho pholl gu grinneal garbh agus maerl, agus bho chladach ýosal gu doimhneachd de 100 m no barrachd.

á

á

English version