. Feusgan-neamhnaid for-uisge - Scottish Natural Heritage
skip to main content

Feusgan-neamhnaid for-uisge / Freshwater pearl mussel

Tha am feusgan-neamhnaid for-uisge (no an t-slige-mhadaidh) na phirt cudromach dhen bhith-iomadachd againn agus tha e cudromach nar cultur. Ach seo fear dhe na moileasgan as motha a tha ann an cunnart air an t-saoghal. 'S e pirt dhen adhbhar gu bheil iad cho tearc ann an Alba gu bheil iasgach m-laghail fhathast a' dol air adhart agus tha iad a' cur feum air do chuideachadh.

'S ann an Alba a tha an ireamh as cudromaiche a th' air fhgail dhiubh air an t-saoghal. Ach fi 's ann an Alba tha cronadh mr san ireamh aibhnichean sa bheil feusgain-neamhnaid. Thar nan 100 bliadhna mu dheireadh, chan eil a-nis ach d thrian de dh'aibhnichean air fhgail sa bheil na feusgain-neamhnaid seach mar a chleachd. Ann an trian eile 's e seann fheusgain-neamhnaid a th' annta agus chan eil coltas gu bheil iad a' gintinn. Tha iad nam fianais air a' chronadh ann an inbhe nan aibhnichean agus tha iad a' cur feum iginneach air obair glidhteachais.

Ciamar a chuidicheas mi?

Gus an cunnart bho eucoraich a sheachnadh, tha am feusgan-neamhnaid a' cur feum air do chuideachadh. Ma ch thu cil amharasach sam bith a' dol air adhart ann an abhainn, no faisg air abhainn, anns am faodadh feusgain-neamhnaid a bhith, cuir fios air na poileis external site cho luath 's a ghabhas. Tha tuilleadh fiosrachaidh anns a' bhileag  PDF document seo. Ma tha thu an dil a bhith ag obair ann an abhainn anns am faodadh feusgain-neamhnaid a bhith, cuimhnich gur e eucoir a th' ann feusgain-neamhnaid a mhilleadh.

D th' ann am feusgain-neamhnaid for-uisge?

Tha cruth nam feusgan-neamhnaid coltach ri cruth feusgan cumanta ach tha iad nas fhaide agus bidh iad be nas fhaide na feusgain mara. Faodaidh iad a bhith be crr is 100 bliadhna, agus 's iad mar sin fear dhe na neo-dhruim-altachain as fhaide a bhios be. Faodaidh iad a bhith cho mr ri do limh agus tha iad dorcha donn no dubh. Bidh iad be air grunnd aibhnichean bras, glan far am bidh iad air an tiodhlacadh, no cha mhr air an tiodhlacadh, ann an gainmheach no greabhal mn. Bidh iad a' faighinn biadh le bhith a' toirt a-steach uisge aibhne agus a' soladh s ghrinneanan beaga. Gach latha thid aig fear mr air barrachd uisge a sholadh na chleachdas sinne ann am frasaire. Tha cuairt-bheatha fhillte aca, agus anns a' chiad bhliadhna, bidh iad be gun chron air girain bradan no breacg.

Carson a tha iad ann an cunnart?

'S e an t-adhbhar gu bheil ite aca nar n-eachdraidh gum bi neamhnaid annta corra uair. Ann an digh 's e sin a dh'fhoghainn dhaibh oir rinn 'iasgairean neamhnaid' cus iasgaich agus chron an ireamh agus an raon. Ach air sgth 's gu bheil iad ag ithe le bhith a' soladh, tha na feusgain-neamhnaid cuideachd ann an cunnart bho thruailleadh san uisge agus bho obair innleadaireachd ann an aibhnichean mar togail chairidhean no doimhneachadh linneachan. Tha buaidh nan cunnartan sin a' ciallachadh nach eil e idir cinnteach gum mair an gn seo ann an Alba. Mar sin tha feusgan-neamhnaid for-uisge air a ln dhon agus tha e m-laghail feusgan-neamhnaid for-uisge a len no mharbhadh no dragh a chur air. A dh'aindeoin don, tha e fhathast ann an cunnart agus tha am feusgan-neamhnaid na eucoir fiadh-bheatha le promhachas glidhteachais san RA.

ite nar cultur

Bhathar ag iasgach fheusgain-neamhnaid ro Linn nan Rmanach. 'S e Suetonius, eachdraiche Iuliuis Cheasair, a tha a' toirt a' chiad iomradh orra ann am Breatainn. Thuirt esan gun robh meas Cheasair air neamhnaidean na adhbhar airson a' chiad ionnsaigh a thug na Rmanaich ann an 55BC. Ann an Alba, tha a' chiad iomradh a' nochdadh san 12ra linn le bhith ag rdh gun robhar dhen bheachd gun robh an cruinneachadh neamhnaidean a b' fherr air an t-saoghal aig Alasdair I, Rgh nan Albannach. Tha dn 'The Parl', bho na meadhan-linntean anmoch sa 14mh linn cuideachd na iomradh trth air feusgain-neamhnaid ann an Alba.

Tha iomraidhean eile sna linntean an didh sin a' sealltainn gun robh barrachd is barrachd iasgaich ga dhanamh air feusgain-neamhnaid ann an Alba. San 18mh linn chithear a' chiad iomraidhean air cronadh ann an ireamh nam feusgan-neamhnaid. Chaidh an cronadh sin am meud gu mr san 20mh linn, agus sin gu re gun robh fianais ann bho chionn greis gun robh am feusgan-neamhnaid air a dhol bith ann an timcheall air d abhainn gach bliadhna ann an Alba eadar 1970 agus 1998 (nuair a fhuair an gn ln don laghail).

Leis an ite a th' aig feusgain-neamhnaid nar cultur, tha e cudromach nach e a' chaibideil mu dheireadh gun deach an gn bith anns na h-aibhnichean againn. An ite sin, le rudeigin a dhanamh mu dheidhinn, bidh ite fhathast aige nar n-eachdraidh mar phirt cudromach sa bhith-iomadachd.

English version