. Seilcheagan - Scottish Natural Heritage
skip to main content

Seilcheagan (Moileasgan) / Slugs and snails (Molluscs)

'S e neo-dhruim-altachain le bodhaigean bog gun chnimhneach a-staigh a th' ann am moileasgan, ged a tha sligean air a' chuid as motha dhiubh airson am bodhaigean a dhon. Am measg nam moileasgan, tha feadhainn le d bhalbh (creachain agus feusgain) agus gastropodan (seilcheagan). Tha gastropod a' ciallachadh "casan mionaich" no "belly feet", a tha a' toirt tarraing air an digh anns am bi iad a' snigeil air am mionaich.

Chaill cuid de sheilcheagan na sligean aca. Seach nach eil slige aca anns am falaich iad nuair a tha cunnart ann, tha iad nas buailtiche tiormachadh, ged a bhios iad gan don fhin gu re le ronn.

Bithear gl thric a' coimhead air seilcheagan mar phlighean sa ghrradh, ged as fherr leis a' mhr-chuid dhiubh stuth lusan a tha a' lobhadh. Tha seo a' ciallachadh gu bheil grraidhean ridh, sgiobalta nas buailtiche barrachd millidh fhaicinn na feadhainn sa bheil trr fsmhorachd mharbh. Ach, cuir na moileasgan dhan bhiona-mathachaidh agus n iad feum mhr dhut.

Tha mu 24 gn seilcheig ann am Breatainn, agus bidh timcheall air an dara leth a' nochdadh sa ghrradh bho m gu m. Faodaidh iomadh sersa seilcheig, a dh'fhaodas tu feuchainn ri aithneachadh. Bidh smeraich, losgainn, muileachan-mga, nathraichean-calltainn, dallagan agus grineagan ag ithe sheilcheagan.

English version