. Daolagan - Scottish Natural Heritage
skip to main content

Daolagan / Beetles

Buinidh daolagan dhan ˛rdugh Coleoptera (truaill-sgiathach, mu dheidhinn nan sgiathan toisich cruidh aca), agus gheibhear iad ann am meudan eadar 0.25 mm gu c˛rr is 17 cm, agus tha iad cha mh˛r sa h-uile h-Óite.

'S e daolagan am buidheann as motha de mheanbh-fhrýdean, le iomradh air timcheall air 400,000 gnŔ air feadh an t-saoghail. Tha an Óireamh seo a' ciallachadh gur e daolag a th' ann an 1 Ós gach 4 ghnŔ bheathaichean as aithne dhuinn. Sin as coireach gu bheil e air aithris gun tuirt an t-e˛laiche gintinneachd Breatannach, J. B. S. Haldane, gun robh an Cruthaighear uabhasach measail air daolagan. Tha mu 4,000 gnŔ ann am Breatainn. Dhiubh sin, tha mu dhÓ thrian, no eadar 2,500 agus 3,000, ann an Alba. Ach cha deach Alba a sgr¨dadh gu math agus mar sin chan eil fiosrachadh math againn mu dhaolagan.

Tha m˛ran dhaolagan cudromach airson poileanachadh, agus tha ceÓrd-dhubhainá(gu h-Óraidh sgaraban) a' toirt t˛rr buachair air falbh Ós an Órainneachd. Bidh daolagan carabid a' cuideachadh le bhith a' l¨ghdachadh na tha de bhratag agus de sheilcheagan ann a bhios ag ithe lusan. Seach gun deach eag-shiostaman Óitich a shýmpleachadh, chan eil uiread de chreachadairean sna h-achaidhean, agus faodar pýosan fearainn fhÓgail a dh'aon ghnothaich mar ionadan dhaolagan. Faodaidh cuid de dhaolagan eile, mar daolag an fhraoich agus an daolag-bhreac-dhearg harlequin a bhith cronail ann an suidheachaidhean Óraidh.

Ann an Alba, tha cuid de ghnŔithean nan uallach s˛nraichte a thaobh glŔidhteachais, mar an daolag dheich-spotach  PDF document , an daolag shia-spotach  PDF document , an daolag-uisge  PDF document agus an daolag-chuilce  PDF document Donacia aquatica.

á

á

English version