. Taghain - Scottish Natural Heritage
skip to main content

Taghain / Pine Martens

Cùl-fhiosrachadh

Bha an taghan (Martes martes) uaireigin air feadh Bhreatainn. Ach tha e air leth buailteach do gheur-leanmhainn agus san 19mh linn, chŕonaich an gnè na bu luaithe na 's ḍcha mamail sam bith eile san Ŕoghachd Aonaichte. Aig toiseach an 20mh linn cha robh ach beagan air fhagail ann an ceann an iar-thuath Alba. Mhair iad an sin ann an coilltean iomallach agus air ṃinteach creagach. Ann an 1988, fhuair an gnè seo làn d́on fon lagh.

San dara leth dhen 20mh linn, thàinig an taghan air ais gu math agus sgaoil e deas agus an ear bho na pŕomh sǵrean ann an ceann an iar-thuath na Gàidhealtachd. Chan ann a-nis sa Ghàidhealtachd (sǵre na comhairle) a-mhàin a gheibhear an taghan. Tha iad an-diugh ann am Moireibh, Peairt & Ceann Rois agus ann an Earra-Ghàidheal & Bḥid, cho math ri pàirt de shiorrachd Obar Dheathain agus Shruighlea. Tha buidheann beag, a thugadh a-steach agus a tha a' coimhead às an dèidh fhèin, ann an Gall-Ghàidhealaibh. Ach tha iad fhathast tearc san RA le eadar 2,600 agus 3,500 inbheach ann an Alba. Ach le mar a chŕon an gnè cho ṃr, tha comas gu lẹr ann fhathast airson na sǵrean san do chleachd iad a bhith ath-thuineachadh. Mar sin 's iongantach mura sgaoil iad barrachd nas lugha na chuireas càil eile bacadh orra, mar geur-leanmhainn ḿ-laghail.

Ged nach ann a-mhàin ann an coille a bhios na thaghain, feumaidh gach beathach eadar 86 agus 166ha de choillteach san àrainn aige. Nuair a thèid craobhan durcanach aig ́re gu lẹr a chur, bheir iad c̣mhdach dha na taghain. Sheall sgrùdaidhean le lorg-rèidio gum bi iad a' cur seachad ṭrr ùine ann an àitichean mar sin - barrachd na bhios iad far an deach craobhan a chur às ùr air talamh fosgailte no aig ́re pris. Dh'fhaodadh gu bheil iad a' seachnadh talamh fosgailte seach gu bheil barrachd cunnairt an sin bho chreach. San fharsaingeachd, bidh e coltach gun robh leudachadh ann an coilltearachd chraobhan durcanach ann an Alba na bhuannachd dhan taghan san 20mh linn.

Glèidhteachas agus riaghladh

Ann an cuid de dh'àitichean ann an Alba, tha taghain air gabhail ri thogalaichean (agus lobhtaichean ann an taighean le daoine a' fuireach annta) airson gintinn, seach gu bheil deagh dh́on-cḥmhdach annta agus faodaidh seo a bhith na dhuilgheadas dha na daoine. Far a bheil fàilte ro na beathaichean, ach chan ann san taigh fhèin, faodar bogsaichean gintinn a thogail air craobhan faisg air làimh anns am fuirich iad. Dh'fhaodadh aimhreit cuideachd a bhith eadar daoine agus taghain ma gheibh iad faisg air bothag chearc no stàile easagan. Faic na Duilleagan Ceadachaidh airson barrachd fiosrachaidh mun ḍigh laghail airson dèiligeadh ris an seo. Cuideachd, faic na duilleagan seo airson fianais air droch bhuaidh nan taghan air àireamh cuid de dh'ẹin fhiadhaich a th' ann an cunnart.

 

 

English version