. Mamailean beaga eile - Scottish Natural Heritage
skip to main content

Mamailean beaga eile / Other small mammals

Creachadairean beaga / Small scale predators

Tha cig gnithean mhamailean a bhios ag ithe bhiastagan ann an Alba:

Cha bhi dallagan be fada, ach bidh iad trang fad am beatha. Tha an reat meataboilig rd aca a' ciallachadh gum feum iad 80-90% de chuideam am bodhaigean ithe (na ceudan de neo-dhruim-altachain bheaga) gach latha, agus a dh uiread seo nuair a bhios iad a' beathachadh an il. Ma thid iad barrachd air beagan uairean a thde gun bhiadh, bsaichidh iad. Tha iad treil agus bidh iad gu math tric a' toirt an aghaidh air a chile. Chithear uaireannan dallagan marbh nan laighe a-muigh. 'S dcha gu bheil seo na chis iongnaidh nuair a smaoinicheas sinn cho beag 's a tha iad agus ann a leithid de chunnart bho chreachadairean. Ach 's e an t-adhbhar air a shon na fireagan fileidh nan cliathaich a tha a' danamh droch fhileadh. Cha bhuin iad idir do luchainn. Bha iad uaireigin air an geur-leanmhainn oir bha daoine a' creidsinn nam biodh iad a' ruith mun cuairt gun cailleadh daoine lths an casan agus an lmhan gu brth thuilleadh. Bha daoine fi 's dhen bheachd gum marbhadh iad crodh! 'S dcha gur ann air sgth an fhileidh a thisich daoine a' creidsinn nan rudan sin. Tha dallagan feumail do dhaoine oir bidh iad ag ithe mran bhurrasan agus bhiastagan.

Gheibhear famhan agus grineagan sa mhr-chuid de thr-mr Alba agus ann an cuid de dh'eileanan mar an t-Eilean Sgitheanach agus Muile. Chaidh grineagan a thoirt a-steach dha na h-Eileanan Siar (Uibhist a Deas) sna 1970an agus tha crr air 7,000 ann a-nis. Air sgth 's gum biodh iad a' creach uighean nan ein a bha a' neadachadh air an talamh, gu h-raidh air machraichean Uibhist, chaidh Priseact Ein-ghrunnachaidh Uibhist a stidheachadh.

'S ann an coilltean seargach as pailte a than a famhan oir tha neo-dhruim-altachain gu ler an sin. Chan fhaic thu mran thuim fhamhan oir cha bhi na tunailean aca air am milleadh cho tric agus faodaidh iad a dhol bho ghinealach gu ginealach. Tha e fortanach dha na famhan gum fs iad cleachdte ri talamh-itich agus chithear na tuim aca an sin nas trice. Ann an Alba gheibhear beagan dhiubh cuideachd ann an coilltean durcanach, air a' mhintich agus far a bheil docan gainmhche.

Radain / Rodents

Thathar a' faicinn radain mar phlighean san fharsaingeachd, ach nam measg tha gnithean a th' ann an cunnart mar an fherag ruadh agus am famhalan, agus cuideachd feadhainn raidh mar luch Hiort agusfamhalan Arcaibh. Tha gnithean pailt, mar amfamhalan agus an luch-choille, cudromach ann an sreath a' bhdh. Tha an ireamh aca uaireannan a' cumail smachd air ireamh chreachadairean nas motha. Tha radain nan cunnart do ghlidhteachas ann an cuid de dh'eileanan far am faodadh iad for dhroch bhuaidh a thoirt air coloinidhean cudromach de dh'ein-mhara.

English version