. Leumadairean agus pèileagan - Scottish Natural Heritage
skip to main content

Leumadairean agus pèileagan /                  Dolphins and porpoises

Tha an t-uisge mu chuairt Alba air uisge cho math 's a th' anns an Roinn Ẹrpa airson leumadairean agus pèileagan fhaicinn. Tha c̣ig gnèithean an ́re mhath cumanta agus chithear iad on chladach no o bhàta:

Muc bhiorach / Bottlenose dolphin

'S iongantach mura h-e mucan biorach na ceatàisianaich as aithnichte a gheibhear ann an Alba. Chithear iad faisg air a' chladach air an taobh an ear agus air an taobh an iar, ach chan fhaicear iad cho tric air a' chost a tuath no anns na h-eileanan a tuath. Tha an aon bhuidheann de mhucan biorach sa Chuan a Tuath ann an Linne Mhoireibh. 'S e buidheann beag de 120 beathach a tha seo agus tha iad air feadh Linne Mhoireibh agus śos an taobh an ear cho fada ri Linne Fhoirthe. Chaidh Sǵre Glèidhteachais Sḥnraichte Linne Mhoireibh a chruthachadh gus na mucan biorach san sǵre chudromach seo a dh́on.

Pèileagan / Porpoises

'S e pèileagan a' chala na ceatàisianaich as lugha a gheibhear ann an uisge Alba. 'S iad cuideachd an ceatàisian as pailte far a' chladaich, agus gheibhear e air feadh a' chosta. 'S àbhaist dhaibh a bhith leotha fhèin, no ann am buidhnean beaga, ged a dh'fhaodas iad a bhith ann am buidhnean nas motha far a bheil pailteas b́dh.

Ma tha thu foighidneach agus gun coimhead thu gu cùramach bho àite freagarrach, mar rudha, dh'fhaodadh gum faic thu pèileag a' chala, ach ma tha i fiadhaich, faodaidh e bhith doirbh na h-itean droma beaga aca fhaicinn san uisge. Chan eil iad cho buailteach nochdadh ri ceatàisianaich eile agus tha iad buailteach gluasad air falbh gu luath bho bhàtaichean.

 

 

English version