. Lusan talamh tuathanachais is croitearachd - Scottish Natural Heritage
skip to main content

Lusan air tuathanasan agus air croitean / Farmland and croftland plants

Tha iomadh sẹrsa àrainn air tuathanasan. Buinidh cuid dhiubh sin dhan àm mus robh daoine a' cur bàrr agus a' cumail bheathaichean. Dh'fhaodadh gun do dh'atharraich coilltean, bruaichean aibhnichean, talamh fliuch agus lochan air sgàth tuathanachas, ach tha talamh àitich, talamh fẹir agus talamh monaidh againn air sgàth linntean de thuathanachas. Tha a lusan d́theanach fhèin anns gach àite.

Monadh – coille gun chraobhan

Chaidh ṭrr dhen mhonadh ́osal a chruthachadh nuair a chaidh craobhan a ghlanadh far na talmhainn. Mar sin chan eil e na iongnadh gu bheil am fraoch agus na braoileagan a tha cho pailt cuideachd rim faotainn ann an coilltean agus talamh coillteach. Cuideachd tha bṛg na cuthaig, flùr na gaoithe agus, corra uair, glas-luibh meadhanach am measg an fhraoich a' cuimhneachadh dhuinn nuair a bha barrachd choilltean ann. Lean an ceangal gu duilleagan a' mḥintich agus gheibh thu a-mach barrachd mun àrainn seo agus mu na lusan a th' ann.

Talamh fẹir

Far a bheil an ùir nas doimhne agus nas fheàrr, 's e talamh fẹir seach monadh a thàinig an àite na coille nuair a leudaich tuathanachas. An-diugh 's e fuidheall dhen t-seann thalamh fẹir sin a tha sna raointean beaga a tha làn mhogairlean agus d́theanan brèagha eile. Feumaidh magairlean nan dealan-dè nas motha, creachlach-coille agus mùisean ionaltradh no feur a bhith ga bhuain san àrainn seo.

Talamh àitich – eachdraidh an duine agus a' chruinn

Dh'fhaodadh nach faicear tric raointean arbhair làn chrom-lusan, nẹineanan ṃr agus bhilean-buidhe, ach shoirbhich le na 'luibhean' seo mus robhar a' cleachdadh stuthan-marbhaidh luibhean, agus cuideachd feadhainn nach eil cho dathte mar an gath dubh agus a' chearc fearainn. Tha gu lẹr dhiubh nach eil dùthchasach. Thàinig iad an cois a' chiad thuathanaich agus tha iad air a bhith an seo cho fada agus gu bheil sinn a' coimhead orra a-nis mar lusan dùthchasach. Lean an ceangal gu duilleag lusan raointean àitich airson tuilleadh fiosrachaidh.

Machair – sealladh gun shamhail

Chan fhaighear machair ach ann an Alba agus ann an Èirinn, agus bu cḥir dhut na bhios de lusan a' fàs air talamh gainmhche, agus a tha a' faighinn taic bho àiteachas, fhaicinn. Tha ṃran dhe na lusan pailt gu lẹr (nẹineanan, nẹineanan mḥra, buidheagan an t-samhraidh, seamragan agus mùisean) ach tha na tha de dh́theanan a' fàs gun shamhail. Faic an duilleag mu mhachair airson barrachd fhaighinn a-mach mun àrainn sḥnraichte seo.

 

English version