. Lusan sna ṃr-bhailtean, sna bailtean agus sna bailtean beaga - Scottish Natural Heritage
skip to main content

Lusan anns na bailtean /                               Plants in our towns and cities

Bidh lusan le d́thean a' fàs ann an iomadh àite anns na bailtean.

Badan

Mar a dh'fhàs na bailtean, tha iad air fuidheall de dh'àrainn nàdarra a chuartachadh agus a ghleidheadh. Tha na badan seo de choillteach, de thalamh-fẹir, de sgàrdan agus de bhearraidhean cudromach airson gnèithean de lusan fiadhaich nach faighear ann an àite eile ann am bailtean. Uaireannan 's e lusan tearc a tha ann an cunnart a th' annta mar an glacair-chuileag agus an raineach uaine air Àrd na Said ann an Dùn Èideann. Chaidh àrainnean ùra a chruthachadh mar thoradh air gńomhachas san àm a dh'fhalbh, mar dùin clach-ghuail, agus tha cuid de dh́theanan air ṭiseachadh a' fàs an sin.

Ri taobh na h-aibhne

Dh'fhàs na bailtean ri taobh aibhnichean agus uillt agus aig beul aibhnichean. Cho math ri bhith ag obrachadh mar àitichean cudromach do dh'fhiadh-bheatha, ghlèidh na h-uisgeachan seo ṃran lusan dùthchasach a bhios a' fàs ri taobh aibhnichean mar am machall-uisge, am bàrr cluigeanach ṃr agus meant an uisge. Glè thric tha na gnèithean dùthchasach seo nam pàirt de mheasgachadh ghnèithean a tha a' gabhail a-steach lusan bho sh́ol à gàrraidhean agus lusan a chaidh a chur mar sgeadachadh.

Gnèithean neo-dhùthchasach: gun iarraidh no a bheil fàilte romhpa?

'S e daoine a thug a-steach gnèithean neo-dhùthchasach, an dara cuid a dh'aon ghnothaich no gun fhiosta, do sǵrean anns nach eil iad gu nàdarra. Anns na bailtean 's e lusan neo-dhùthchasach a tha sa mḥr-chuid dhe na lusan fiadhaich a tha a' fàs. 'S e lusan gàrraidh a th' ann an cuid dhiubh, mar balsam Himalaya, agus sgaoil iad sin thar feansa a' ghàrraidh gus ṭiseachadh a' fàs fiadhaich. Thàinig cuid eile a-steach an cois bhàtaichean agus c̣mhdhail eadar-nàiseanta. Faodaidh gnèithean neo-dhùthchasach dath a thoirt dha na bailtean le bhith a' fàs air talamh nach eilear a' cur gu feum. Bheir iad beagan le lusan uaine a-steach a dh'àite làn concrait ach bidh àireamh bheag dhiubh a' fàs glè ionnsaigheil. Tha an lus thalmhainn ṃr na dheagh eisimpleir de lus ionnsaigheil a ń duilgheadas oir, chan e a-mhàin gu bheil e a' cur às do lusan dùthchasach agus a' dèanamh bacadh air slighean, ach tha sùgh puinnseanta ann cuideachd.

A' fàs fiadhaich ann an àite poblach

Tha deagh chothrom ann fiadh-bheatha sna bailtean a chur am meud le bhith a' fàgail lusan fiadhaich gus fàs gu nàdarra far nach eil iad às an rathad oirnn. Tha buannachd eile an cois seo oir cha bhi uiread ri chosg air buain agus air stuth-marbhaidh airson smachd a chumail air. Gheibh ẹin, dealain-dè agus seileanan buannachd às. 'S ḍcha gun gearain daoine an toiseach nuair a ch́ iad àite a tha iad dhen bheachd a tha ḿ-sgiobalte ach atharraichidh iad am beachd nuair a thèid na buannachdan a mh́neachadh dhaibh.

A' fàs fiadhaich sa ghàrradh

Chan urrainn fiadh-bheatha a bhith bẹ gun àrainn agus tha an rud as lugha a' dèanamh feum, fiù 's oisean beag sa ghàrradh agad. 'S e lianag bheag làn dh́theanan no bad dheanntagan dha na dealain-dè na ḍighean as cumanta air seo a dhèanamh, ach tha cuid de ghàrraidhean fiù 's ro bheag airson sin fhèin. Mar sin, smaoinich d́reach air aon ghnè - tha gach lus dùthchasach na bhuannachd bheag do dh'fhiadh-bheatha. Agus tha cuid dhe na lusan dùthchasach againn àlainn fhèin. Dè mu dheidhinn lus na gaoithe no bṛg na cuthaig ann an àite san dubhar? Anns a' ghrèin, feuch an lẹlach, fear dhe na righealan-cùil dùthchasach no an cluaran fhèin. 'S e d́thean àlainn, purpaidh a tha seo a bhuineas do dh'Alba.

 

 

English version