. Lusan lochan, aibhnichean is bhoglaichean - Scottish Natural Heritage
skip to main content

Lusan lochan, aibhnichean agus bhoglaichean / Plants of lochs, rivers and marshes

Tha ṃran lusan le d́thean ann an aibhnichean, lochach is bhoglaichean ann an Alba. Tha f́or-uisge gu lẹr againn ach 's e an sẹrsa uisge a tha cudromach: domhainn no tana, a' sruthadh no tàmhach, searbh no làn mathachaidh. 'S e sin a tha a' toirt buaidh air na lusan a lorgas tu.

Anns an t-sruth

Tha e doirbh do lusan le d́thean grèimeachadh ann an uillt is ann an aibhnichean bras. Far a bheil sruth, gu h-àraidh ann an ceann a deas agus an ear Alba, bidh buidheag-uisge (a bhuineas do bhuidheann nam buidheagan an t-samhraidh) a' dol na bhadan de ghasan uaine agus a' dèanamh bhratan de dh́theanan buidhe-gheal air uachdar an uisge. 'S ann an Abhainn Thuaidh as motha a tha de shẹrsaichean buidheag-uisge, agus nam measg tha haighbridean gun shamhail nach fhaighear an àite sam bith eile mar buidheag-uisge Chealsaidh.

Anns a' mhorghan

'S e àite a th' ann am morghan airson lusan fàs, ach tha śol agus fuidheall an-c̣mhnaidh a' tighinn annta leis an t-sruth. Air a' mhonadh, ch́ thu lusan artaigeach-ailpeach mar miann-Moire agus clach-bhriseach phurpaidh a thug an t-uisge a-nuas bho na bearraidhean àrda far a bheil iad a' fàs aig ́re ́osal a chuireadh iongnadh ort. Ma choisicheas tu air talamh ́osal thar morghan na h-aibhne, ch́ thu nach eil cuid dhe na lusan dùthchasach agus gum buin iad do sh́ol a dh'fhalbh à gàrraidhean mar an gall-pheasair, no nas trice, tomàtothan a' fàs bho sh́ol a chaidh a sgaoileadh ann an ḍigh eile!

Boglaichean – mathachadh nan creagan

Gheibh lusan a tha a' fàs air ṃinteach beagan mathachaidh bho uisge nan speuran ach 's ann bhon ùir agus bho na creagan mun cuairt a tha lusan sna boglaichean a' faighinn mathachadh. Far a bheil na creagan mun cuairt searbhagach agus gun ṃran mathachaidh annta, tha tŕ-bhileach, luachair bhog agus an c̣ig-bhileach a' fàs gu math. Far a bheil uisge sa bhoglaich a shruth thairis air creagan no tro ùir le barrachd mhèinnearaich, faodaidh na lusan a bhith glè eadar-dhealaichte. Bidh seisg ṃr a' fàs ann an àite mar sin, agus mar a thuigear on ainm, tha e ṃr le 1.5 meatair a dh'àirde. Bidh am fionnan -geal, d́thean beag, àlainn, geal a' fàs gu math far a bheil aol agus mèinnearaich gu lẹr san aol.

Lochan ṃra agus lochan beaga

Cha bhi lochan domhainn le taobhan cas, leithid Loch Nis, a' toirt ṃran cothrom do lusan le d́thean grèim fhaighinn. Mar sin chan eil e na iongnadh gu bheil thu nas fheàrr coimhead ann an uisge tana. Anns na beanntan àrda agus anns a' mḥintich, tha na lochain searbhagach gu nàdarra agus chan eil ṃran mathachaidh annta. Chan eil lusan le d́thean idir pailt an so ged a tha ḍighean annasach aig cuid air a' chùis a dhèanamh. Rinn Teàrlach Darwin sgrùdadh air lusan nam balgan, agus tha na ficheadan de ghlacan beagan orra leis am beir iad air mialan-uisge agus neo-dhruim-altachain eile a dh'itheas iad. Ann an lochan nas motha sna beanntan bidh lusan beaga a' fàs le badan dhuilleagan mar flùr an lochain a' fàs anns an uisge thana. Bidh iad sin a' fàs tron bhliadhna agus bidh gas le aon d́thean a' nochdadh suas air uachdar an uisge as t-samhradh. 'S ann ann an lochan le uisge soilleir tron tèid an solas agus sa bheil barrachd mathachaidh as fheàrr a dh'fhàsas lusan le d́thean. Tha lusan mar liobhagan (Potamogeton) agus duilleagan-bàthte nas pailte an seo. Tha duilleagan orra le chèile a bhios a' sẹladh os cionn an uisge agus duilleagan eile a bhios fon uisge.

 

 

English version