. Lusan coille - Scottish Natural Heritage
skip to main content

Lusan coille / Woodland plants

B' e coille an Órainn nÓdarra a bha uaireigin a' c˛mhdach m˛ran de dh'Alba. Tha achaidhean a-nis air a h-Óite a ghabhail air cuid mh˛r dhen talamh ýosal agus chuir ionaltradh agus losgadh Ós do th˛rr dhith air na beanntan. Ach tha deagh eisimpleirean againn fhathast a leigeas leinn dealbh a dhŔanamh de dh'Alba mar a chleachd an d¨thaich a bhith. Chan e a-mhÓin craobhan a tha mar phÓirt dhen sin ach lusan cuideachd.

Coilltean le br˛g na cuthaig / Bluebell woods

As t-samhradh bidh duilleagan nan craobhan a' dŔanamh sgÓil-bhrat agus bidh a' chuid as motha dhen choille ann an dubhar. Mar sin cha bhi na lusan air ¨rlar na coille a' faighinn solas no biadh. Gus dŔiligeadh ris an seo, bidh m˛ran lusan a' t˛iseachadh a' fÓs sa gheamhradh, bidh an dýthean orra as t-earrach agus bidh iad a' searg meadhan an t-samhraidh. 'S e br˛g na cuthaig as dathte dhiubh sin agus faodaidh e dath gorm a chur air coille gu lŔir sa ChŔitean ach, ron sin 's d˛cha gum bi an ceann ruadh air dath ˛r-bhuidhe, agus fl¨r na gaoithe dath geal, a chur air an Óite. (Tha an t-ainm aig fl¨r na gaoithe ann an GÓidhlig, Beurla agus Laideann a' toirt dealbh air mar a bhios an lus seo a' gluasad sa ghaoith sa MhÓrt). Bidh na duilleagan a' t˛iseachadh air fÓs air a' cheann ruadh san t-Samhain airson a bhith deiseil airson 15 latha de chli¨ as t-earrach. Tha na lusan seo a' feumachdainn biadh fon talamh airson gus an c¨m iad a' fÓs trÓth air a' bhliadhna, dýreach mar a bhios lus a' chrom chinn a' cleachdadh a' mheacain. Chan fhaicear sealladh mýorbhaileach br˛g na cuthaig ach air costa an Atlantaig dhen Roinn E˛rpa, far a bheil na geamhraidhean an ýre mhath ci¨in, agus 's ann am Breatainn as fheÓrr a chithear iad.

Lusan na coille ghiuthais / Pine wood plants

Anns na coilltean giuthais tha an sgÓil-bhrat stŔidheil fad na bliadhna agus 's Óbhaist gur e fraoch an lus as fhollaisiche sa choille. Tha beagan fianais ann nach eil a' ch¨is air a bhith mar seo ach o chionn beagan cheudan bhliadhnaichean agus gum b' Óbhaist gur e braoileagan Vaccinium myrtilus a bu mhotha a bha ann. Am measg nam braoileagan gheibhear lusan a tha s˛nraichte dhan choille ghiuthais mar am mogairlean ealaidheacháGoodyera repens agus lus linneuis Linnaea borealis. ThÓinig an t-ainm GÓidhlig agus Laideann on fhear a stŔidhich siostam ainmeachaidh nan lusan ann an Laideann, an luibh-e˛laiche Suaineach Linnaeus. Tha dýthean an beaga geala no pinc air, le dhÓ air gach gas agus tha beagan de dh'fhÓileadh faoineig dheth.

á

á

English version