. Lusan cladaich is mara - Scottish Natural Heritage
skip to main content

Lusan mara is cladaich /                        Coastal and marine plants

Tha àrainnean cladaich a' fulang na cuid as miosa de ghnàth-sh́de Alba, ach, mar as àbhaist, tha cuid de lusan ann a chuireas suas ri cruadal. Seach gu bheil iad iomallach agus doirbh an atharrachadh le creag faisg air an uachdar, tha a-nis barrachd lusan le d́thean ann an iomadh àrainn cladaich na th' ann an àitichean a dh'atharraich sinn dhuinn fhèin. Glè thric, bidh talamh fẹir ris a' chladach làn dh́theanan. 'S e am machair an ceann an iar-thuath Alba as ainmeile dhiubh sin.

Chan eil ach lus àrd a bhris a-steach a dh'àrainn mhara cheart agus 's e sin - ailbean Zostera - 's e seann ĺonanaich no algae a tha anns a' cḥrr de lusan na mara agus tha iad a' dèanamh a' chùis air lusan nas ùire.

A' buntainn do dh'Alba

'S e an t-ṣbhrag Albannach, Primula scotica, lus a tha gun shamhail ann an àrainnean mara Alba. Chan fhaighear i ann an àite eile air an t-saoghal ach ann an Arcaibh agus ann an ceann a tuath ṃr-th́r Alba. Tha samh brèagha, nach fhairich sṛinean dhaoine, air an d́thean bheag phurpaidh seo san àrainn ghaothach aige. Feuch an samh aige nuair a ch́ thu e. Tha cridhe na h-àrainn aige ri oir nam bearraidhean fiadhaich far am bi a' ghaoth a' leagail lusan nas àirde a tha a' farpais ris agus a mhùchadh e ann an àite sam bith eile. 'S iongantach mura do leudaich raon a' ghnè seo air ais bho na bearraidhean gu na h-achaidhean lom.

An seo an-diugh, a' falbh a-màireach, air ais...?

Tha am measgachadh de dh'àrainnean bog agus de stoirmean ṃra a' ciallachadh gum faod lusan cladaich a bhith air an sguabadh air falbh gu tur, ach tillidh cuid dhiubh, leithid tiodhlac na mara. Feumaidh gum bi an śol aca ga shèideadh air ais à àiteigin eile. Ach tha sinne a' farpais ri lusan airson an àrainnean agus chuir leasachadh às do chuid dhiubh. Faodar feadhainn a chall cuideachd air sgàth atharrachadh ann an ḍigh riaghlaidh, mar eisimpleir mura bi uiread de dh'ionaltradh ann an àrainnean sa bheil ṭrr dh́theanan, faodaidh feur nas àirde agus preaslach grèim fhaighinn.

 

 

English version