. Maerl - Scottish Natural Heritage
skip to main content

Maerl ľ Feamainn Chreagach

Chan eil trÓighean brŔagha, geala, coraileach taobh an iar Alba idir air an dŔanamh de chorail, ach de phýosan marbh de dh'fheamainn chruaidh, ne˛nach ris an canar maerl, a chaidh a phronnadh le na tuinn agus a ghealachadh leis a' ghrŔin. Tha dath Ólainn purpaidh-pinc air maerl be˛, agus bidh e na bhratan biorach air grunnd na mara.

Carson a tha maerl cudromach?

Tha iomairean maerl a' toirt fasgadh do dh'iomadh ainmhidh mara. Nochd deuchainnean gum b'áfheÓrr le creachain ˛ga gu h-Óraidh iomairean maerl be˛ mar Óitean-Óraich. Tha dýon nan iomairean maerl a' cuideachadh iasgach a' chreachain a tha cho cudromach air taobh an iar Alba. Mar sin tha e annasach gun deach a shealltainn gu bheil sgrýobadh chreachain a' dŔanamh cron m˛r air iomairean maerl - le bhith gam briseadh Ós a chŔile agus a' tiodhlacadh an fhillidh thana de mhaerl be˛ - agus cuideachd a' milleadh nan gnŔithean a tha co-cheangailte riutha. Tha maerl lag agus slaodach a' fÓs, agus faodaidh acraichean trom agus sŔineachan am milleadh.

Tha dýon iomairean maerl be˛ riatanach do riaghladh glic na mara mu chuairt Alba, Plana Gnýomha └rainnean external site agus tha Riaghaltas na h-Alba a' toirt seo air adhart mar phÓirt de Ro-innleachd Bith-iomadachd Alba.

DŔ th' ann am maerl?

Chan eil maerl idir coltach ri feamainn - chan eil am buidheann neo-Óbhaisteach seo de dh'fheamainn dhearg ceangailte idir agus canar lýonanaich choraileach riutha. Bidh an fheamainn seo a' cur aol dha na ceallan aca nuair a bhios iad a' fÓs. Tha seo a' toirt dhaibh cnÓimhneach cruaidh, brisg. Tha sinn nas e˛laiche air lýonanaich choraileach mar ch˛mhdach cruaidh, pinc a bhios ann am pollagan am measg nan creagan air a' chladach. 'S e se˛rsa nach eil ceangailte ri creagan a th' ann am maerl. Bidh maerl a' fÓs na thopain geugach ann an gainmhich air grunnd na mara. Tha dÓ she˛rsa maerl cumanta ann an Alba: tha Phymatolithon calcareum pailt air feadh na d¨thcha, agus tha Lithothamnion glaciale buailteach a bhith nas fhaide tuath, ged nach eil e furasta an aithneachadh bho chŔile. Air cladaichean fosgailte air am bi tuinn, bidh maerl a' fÓs le cruth c˛mhnard air, ach far nach eil uiread de thuinn, bidh e glŔ thric na thopain tiugh, geugach le suas ri 10cm de thrast-thomhas.

Iomairean maerl

Ann an iomadh sgýre air an taobh an iar, agus ann an caolasan lochan-mara, bidh iomairean m˛ra de mhaerl Ólainn, purpaidh-pinc a' fÓs c˛mhla ri seann mhaerl geal a tha marbh agus bidh seo a' dol na ghrinneal domhainn gu h-ýosal. Tha na h-iomairean seo nan Órainnean cudromach do dh'iomadh se˛rsa lus agus ainmhidh mara nas lugha a bhios be˛ anns na geugan. 'S e fýor dheagh Óite a th' annta do dh'ainmhidhean ˛ga nuair a bhios iad a' falach air creachadairean. Bidh iomadh maorach dÓ-shligeach (bivalves), cnagain-trÓghad (urchins), cularain-mhara (sea-cucumbers), cýochan na maighdinn-mara (anemones)áagus cnuimhean a' cladhach a-steach do ghrinneal a' mhaerl fon iomaire bhe˛. Ann an cuid de dh'Óitichean, far am bi gluasad nan tonn uaireannan a' cur dragh air grunnd na mara, bidh na h-iomairean maerl coltach ri claisean is dromannan. Bidh stuthan garbh, mar maerl be˛, molagan agus sligean mhoileasgan marbha nan laighe sna claisean agus bidh grinneal maerl nan dromannan eatarra. Bidh feamainn tric a' fÓs air na sligean agus air na molagan anns na claisean. Bidh seo a' toirt coltas achaidh air a threabhadh air grunnd na mara le 'bÓrr' feamad air a chur sna claisean. Bidh feamainn chumanta agus feamainn thearc a' fÓs san Órainn seo.

Luach maerl

Seach gu bheil maerl lÓn aoil, chleachd daoine a bhith ga chruinneachadh agus ga chleachdadh airson an ¨ir a mhathachadh no airson uisge ˛il, a bha searbhagach, a shýoladh. Chaidh cruinneachadh coimeirsealta a mholadh (ach cha tug riamh air adhart e) ann am Barraigh anns na h-Eileanan Siar. Chaidh sgrýobadh fheuchainn ann an Caolas Wyre ann an Arcaibh.

An-diugh, tha sinn a' faicinn barrachd is barrachd cho luachmhor 's a tha maerl mar Órainn bhe˛ do mh˛ran bheathaichean a tha a' faighinn fasgadh ann, agus an taic a tha ann do ghnŔithean malairteach.

á

á

English version



Last updated on Thursday 3rd January 2013 at 10:59 AM. Cliog an seo airson beachd a thoirt air an duilleag seo