. Feamainn-ghruaige - Scottish Natural Heritage
skip to main content

Feamainn-ghruaige / Wig wrack

Nuair a bhios an làn a-muigh, bidh sealladh annasach a' nochdadh air cladaichean fasgach iomadh loch-mhara ann an Alba. Bidh brat de dh'fheamainn dhonn, le topain coltach ri gruag, air feadh a' chladaich. Chan eil i ceangailte ri creagan mar a bhios a' mḥr-chuid de dh'fheamainnean eile. Bidh i d́reach a' sẹladh ris an làn coltach ri luibhean ann an gaoth an fhàsaich. 'S e bratan tiugh dhen fheamainn ̣r-dhonn seo fear dhe na feartan a tha a' dèanamh nan lochan-mara cho tarraingeach do luchd-tadhail, agus seach nach eil a leithid an àite eile ach ann an Alba, tha pŕomh àite aca a thaobh ar cùraim.

Dè th' ann am feamainn-ghruaige?

'S e pàirt de dh'fheamainn bhalgain chumanta, Ascophyllum nodosum a th' innte. Canar feamainn ris a h-uile sẹrsa ĺonanaich air a' chladach. Tha an fheamainn bhalgain fada le balgain bheaga oirre. Bidh i a' fàs ceangailte ris na creagan a bhios eadar an làn agus an cladach. Nuair a bhios an làn a-staigh, bidh i air a cumail suas ris a' ghrèin leis an èadhar a tha sna balgain. Ach nuair a bhriseas ṕosan dhen fheamainn seo dhith, agus a thig iad gu lochan-mara fasgach, bidh iad a' roinn agus a' fàs pailt ann an cruth ùr, biorach, geugach le d́reach beagan bhalgain bheaga. Cha bhi seo a' tachairt ach far a bheil filleadh meirealach, mar as trice bho allt a tha faisge, a' c̣mhdach nam ṕosan feamad le uisge meirealach agus sàl, fear mu seach, nuair a bhios an làn a' dol a-mach agus a-steach. Tha an cruth eag-ẹlach seo, no 'ecad' - cho aocoltach ris an fheamainn on tàinig am ṕos bho thùs agus gun d' fhuair e ainm Albannach: ecad mackaii. Tha an t-ainm feamainn-ghruaige a' tighinn bho na topain mḥra, chruinn a tha oirre.

Carson a tha i cudromach?

Cha bhi feamainn-ghruaige ga cruthachadh ach ann an suidheachadh àraidh nan lochan-mara a tha cho ṣnraichte ann an Alba. Mar thoradh air an seo, chaidh feamainn-ghruaige a chomharrachadh mar phŕomhachas fo Phlana-gńomh Bith-iomadachd na RA external site , agus tha Riaghaltas na h-Alba a-nis a' toirt seo air adhart mar phàirt de Ro-innleachd Bith-iomadachd na h-Alba, agus tha Dualchas Nàdair na h-Alba na chom-pàirtiche cudromach.

Loidsearan beaga

Tha na bratan fuasgailte de ecad mackaii nam fasgadh agus nan àrainn thais do dh'iomadh ainmhidh meadhan-cladaich nach b' urrainn a bhith bẹ air cladach fosgailte le eabar no morghan ḿn. Bidh crùbagan cladaich, seilcheagan mara agus creutairean beaga ris an canar amphipodan am falach am measg na feamad. Tha iad seo nam biadh do dh'ẹin ghrunnachaidh air a' chladach, agus do dh'iasg nuair a thig an làn a-steach. Mar sin tha na bratan de dh'fheamainn-ghruaige nan ionad-b́dh ann an loch-mhara agus nam buannachd do mḥran ainmhidhean eile.

 

 

English version