. Ceilp - Scottish Natural Heritage
skip to main content

Ceilp / Kelp

'S e feamainn mhr, ruadh air chumadh boise a th' ann an ceilp. Bidh ceilp a' fas air creagan fon mhuir-ln agus nas sle air feadh cladaichean Alba. Bidh ceilp a' dol na coille thiugh a thaceart cho prseil do dh'fhiadh-bheatha 's a tha coilltean air tr. Bidh coilltean ceilpe a' toirt biadh agus fasgadh do dh'iomadh ainmhidh sa mhuir. Tha iad cuideachd cudromach airson a bhith ag ath-chuartachadh mathachadh air a' chladach, agus a' cumail taic ri sreathan-bdh a tha a' gabhail a-steach ghnithean a tha uabhasach cudromach a thaobh malairt ann an sgrean air cladach Alba.

D th' ann an ceilp?

Bha am facal 'ceilp' bho ths a' ciallachadh luath bho fheamainn a chaidh a losgadh. Bha uair ann a bha sin ga chleachdadh airson glainne agus siabann a dhanamh. A-nis tha 'ceilp' ga chleachdadh gu bitheanta airson buidheann fheamainnean mra, donna a tha coltach rithe dhe na gnithean Laminaria, Saccharina agus Saccorhiza. Tha ceithir ceilpean cumanta ann an Alba. Tha sinn elach air an stamh (Laminaria digitata) a bhios air a' chladach. Bidh e a' fs timcheall air uisge tana, ach dreach foidhe, tha a' phromh cheilp-choille (Laminaria hyperborea) ann an Alba ach chan fhaicear i ach nuair as sle an ln. Mar as trice canar dreach ceilp rithe. Cha bhi ceilp sicair Laminaria saccharina a' danamh choilltean ach ann an itichean uabhasach fasgach, nam measg lochan-mara. Bidh sgrothach (Saccorhiza polyschides) a' fs luath gach bliadhna. Thid i uaireannan na coilltean an didh do stoirmean a' gheamhraidh falbh le ceilpean eile.

Chan eil freumhan idir aig ceilpean; an ite sin, bidh meuran dhiubh a' greimeachadh ri na creagan. An ite ghasan, tha sersa de stopagan rag orra a bhios gan cumail suas ri solas na grine. Air an uachdar sin tha sersa de dhuilleagan a dh'fhaodas a bhith fada mar iall no air an gearradh le grunnan stiallan a rir 's d an gn a th' ann.

Coilltean fon uisge

Bidh coilltean ceilpe a' fs an ite sam bith sa bheil fo-chreag no creagan mra, stidheil ris an greimich iad. Fsaidh iad nas fherr far a bheil gluasad math san uisge, an dara cuid air sgth thuinn no sruth. Feumaidh iad trr solais. Mar sin cha bhi iad cil nas doimhne na 5m ann an lochan-mara fasgach, dorcha, ach faodaidh iad fs ann shos aig 30m anns an uisge ghlan timcheall Hiort.

Fhad 's nach bi cus chnagain-trghad a' biathadh ann, tha 'grunnd na coille' fon cheilp ln nithean be: bidh anemonaidhean, ailmean-mara, sptairean-mara, spongan agus grunn shersaichean feamainn dhearg a' fs far a bheil stopagan na ceilp a' toirt beagan fasgaidh dhaibh bho na tuinn. Bidh isg bheaga a' chreagag d-spotach a' snmh am measg nan duilleagan agus bidh a' chreagag-uisge a' sealbh creach bheag. Bidh sgaothan phollagan no shaoithein os cionn na coille. Dh'fhaodadh gu bheil coilltean ceilpe a' toirt beagan don bho stoirmean do chuid de chladaichean le bhith a' sghadh pirt de chumhachd nan tonn.

Duilleagan sleamhainn

Bidh ronn (mucus) sleamhainn a' tighinn s na duilleagan agus tha sin ga dhanamh doirbh do dh'ainmhidhean greimeachadh ris. A dh'aindeoin sin, mus tig deireadh an t-samhraidh, faodaidh na duilleagan a bhith air an cmhdach le ailmean-mara agus bratan-mara a tha a' cumail a-mach an t-solais agus a tha a' cur bacadh air foto-co-chur. Mar sin, deireadh a' gheamhraidh agus as t-earrach, bidh a' cheilp a' cur dhith nan duilleagan agus gach ainmhidh a th' orra agus bidh feadhainn ra a' fs. Ach bidh birnich bheaga, a bhios a' biathadh air na duilleagan fad an t-samhraidh, a' cromadh sos nan stopagan dhan t-structar greimeachaidh mus falbh na seann duilleagan gus nach caill iad an ite. Bidh cnagain-trghad ag ithe nan seann duilleagan, no air am briseadh sos le bacteria. Bidh sin a' leigeil mathachadh mu sgaoil san uisge airson fs r na bliadhna.

Stopagan rag

Bidh grunnan fheamainnean beaga a' greimeachadh ri stopag gharbh na ceilpe, agus cuideachd ainmhidhean mar bratan-mara, sptairean-mara agus corailean boga. Gl thric bidh amphipodan beaga agus muasgain-chaola be am measg na feamad, agus bidh cnagain-trghad a' sreap nan stopagan airson biathadh air an fheamainn aig amannan socair.

Structaran greimeachaidh

Tha mran ainmhidhean eile be ann an ciltean ann an structar greimeachaidh na ceilpe. Tha 50 gn eadar-dhealaichte (agus na ceudan de chreutairean fa leth) a' fuireach an seo. 'S e biastagan, briosgagan (brittlestars), amphipodan (ainmhidhean-sligeach beaga) moileasgan, anemonaidhean agus sptairean-mara (seasquirts) air an fheadhainn as cumanta. Bidh isg bheaga mar isg-ghreimeachaidh agus m-iasg am falach an sin. Bidh isg nas motha mar sgairp-iasg (scorpionfish) agus cearcan-mara (lumpsuckers) a' breith nan uighean anns na structaran greimeachaidh.

English version



Last updated on Friday 31st August 2012 at 10:55 AM. Cliog an seo airson beachd a thoirt air an duilleag seo