. Ĺonanaich f́or-uisge - Scottish Natural Heritage
skip to main content

Ĺonanaich f́or-uisge / Freshwater algae

Tha ĺonanaich pailt ann an iomadh àrainn f́or-uisge, gu h-àraidh ann an uisge nach eil a' ruith. Tha a' mḥr-chuid dhe na gnèithean ann an lochan f́or-uisge uabhasach beag, ged a tha feadhainn eile ann a tha a' fàs nas motha no ann an coloinidhean. Faodaidh ĺonanaich bheaga bh́odach a bhith a' sẹladh no ceangailte ris a' ghrùid, ri clachan no lusan nas àirde. Tha e d́reach ḿorbhaileach gum faod lusan a tha cho beag, 's nach fhaic thu iad le do shùil, a bhith a' cumail taic ri eag-shiostaman slàn. Thèid aca air sin a dhèanamh seach gu bheil caochladh stuthan-dath ann an ceallan ĺonanaich. Bidh iad a' cruinneachadh solas airson pṛiseas cruthachaidh charbahaidreatan a chumail a' dol, agus thèid sin an uair sin a chleachdadh mar bhun lùth. Tha na lusan beaga b́odach seo rim faotainn ann an caochladh chruthan. Tha iomradh orra sin gu h-́osal, agus cuideachd buidheann de ĺonanaich nas motha, lusan nan clach.

Ĺonanaich uaine / Green algae

Tha iomadh sẹrsa ann de ĺonanaich uaine, ach tha lusan nan clach agus desmidan air leth inntinneach.

Tha desmidan inntinneach air sgàth an cruthan ḿorbhaileach agus an ceallan co-chothromaichte, seach gu bheil ṃran dhe na ĺonanaich sin co-chothromaichte ann am barrachd is aon raon. Faodaidh gum bi oiseanan nan ĺonanaich air an dèanamh nas fhaide agus gum bi iad a' cruthachadh, mar as trice, dà 'ghàirdean' no tŕ, air gach leth-chealla. Nuair a bha luibh-ẹlaichean a' coimhead air desmidan, bha iad an toiseach an dùil gun robh iad a' coimhead air paidhrichean cheallan.

Lusan nan clach / Stoneworts

Bidh lusan nan clach external site , no charophytes, a' fàs ann am f́or-uisge a bharrachd air lochan sàil. Glè thric 's iad a' chiad lusan ṃra a thig a-steach a dh'àrainnean ùra no a dh'àrainnean air am milleadh. Ann an lochan f́or-uisge, far am faigh solas thuca, faodaidh a dhol nan imirean ṃra, a bhios nan àrainn do ghnèithean eile.

Faodaidh cuideachd gun leig charophytes ceimigean mu sgaoil a bhios nam bacadh air cuid de ĺonanaich bheaga bh́odach bho bhith a' fàs agus, mar sin, bidh iad a' cuideachadh le bhith a' cumail an uisge glan. 'S e a' bhuannachd eile a tha orra gum bi iad a' dèanamh sp̣ran-śl (oospores) air an torrachadh a bhios bŕgheil airson grunn bhliadhnachan. Faodaidh sp̣ran-śl falbh gu àrainnean ùra le gluasad uisge, beathaichean no ẹin agus faodaidh iad a bhith tàmhach gus am bi cùisean freagarrach airson fàs.

Lorgar corra ghnè ann an lochan anns nach eil uiread de mhathachadh 's a th' ann an uisge bog, ach tha a' mḥr-chuid dhe na sẹrsaichean sa ghnè Chara mar as trice co-cheangailte ri uisge nas cruaidhe. Bidh iad cuideachd tric a' fàs ann an lochan air machair mar sna h-Eileanan an Iar.

Tha ṃran de lusan nan clach san RA tearc. Mar sin tha e air leth cudromach na h-àrainnean aca a ghleidheadh ann an uisge meirealach ach Nitella confervacea, a tha co-cheangailte ri ́re ́osal gu meadhanach de mhathachadh, agus Nitella gracilis, a tha cuideachd co-cheangailte ri uisge gun ṃran mathachaidh, a lorgar ann an lochan f́or-uisge. Tha Nitella confervacea anns na h-Eileanan an Iar agus Tuath, ann am Moireibh agus ann an sǵre Spè, ach tha Nitella gracilis ann an Siorrachd Àir agus ann an Cataibh.

Ĺonanaich ghorm-uaine / Blue-green algae

Canar cuideachd cyanobacteria riutha oir 's e dha-ŕribh bacteria a th' annta seach lusan f́or. Tha bŕgh nan ceallan aca fuasgailte taobh a-staigh na cealla agus chan ann air am pacaigeadh ann an structaran mar a tha iad ann an ĺonanaich. Tha stuth-dhathan uaine, dearg agus gorm ann an cyanobacteria agus, mar sin, tha coltas gorm-uaine orra. Faodaidh cuid de ghnèithean cyanobacteria gas a chruinneachadh anns na ceallan aca. Cleachdaidh iad an comas seo gus gluasad suas san uisge ach am bi iad ann an àite nas fheàrr airson solas agus mathachadh a chruinneachadh. Cleas cuid de lusan air an talamh, tha cuid dhe na gnèithean cyanobacteria a dh'atharraicheas naitridean. Tha ceallan ṣnraichte annta ris an canar heterocysts. Bidh àireamh nan ceallan sin a' dol am meud nuair nach eil ṃran naitridean san uisge. Tha droch ainm aig ĺonanaich ghorm-uaine oir ń iad blàthan agus a chionn 's gu bheil cuid de ghnèithean puinnseanta. A dh'aindeoin sin, tha beagan dhiubh an-c̣mhnaidh ann an iomadh uisge.

Ĺonanaich bhuidhe-ruadh / Yellow-brown algae

Bithear tric dhen bheachd gu bheil diatoman a' nochdadh as t-earrach oir, aig an àm sin dhen bhliadhna, tha mathachadh ann an colbh an uisge agus uisge ann an lochan a' dol am measg a chèile gu ṃr. Tha am measgadh math dha na diatoman, oir chan eil iad idir cleas ṃran ĺonanaich eile a gheibh ḍigh air fuireach ann an raon an t-solais. Gun mheasgadh, bidh iad a' dol śos a dh'àite nas doimhne san loch, far a bheil e dorcha, agus cha bhi iad bẹ an sin. Tha diatoman glè thric co-cheangailte ri lochan nach eil domhainn air an aon adhbhar.

Tha iomadh cruth annasach air diatoman. Faodaidh ceallan on aon ghnè tighinn c̣mhla agus sreathan brèagha a dhèanamh le cumaidhean mar rionnagan. Le bhith a' cur na farsaingeachd aca air an uachdar am meud san ḍigh seo, cha tèid iad fodha cho luath. Tha diatoman air an c̣mhdach le plaosg silica ris an canar frustailean. Bidh iad sin a' fuireach san àrainneachd fada an dèidh dha na ceallan bàsachadh. Ann a bhith a' rannsachadh eachdraidh eag-ẹlas locha, faodar meadhan ghrùidean a thoirt air falbh ach, fhathast, bidh fillidhean eadar-dhealaichte na grùid, a chaidh a rannsachadh airson nan diatoman, air fhàgail. Mar as ́sle an ́re aig an lorgar fuigheall sa ghrùid, 's ann as fhaide air ais ann an t́m a ghabhas an suidheachadh aca a thuairmse.

'S e flaigeallaichean chrysophyte as motha a tha sa bhuidheann de phytoplanctan ann an iomadh loch anns nach eil ṃran mathachaidh dhaibh. Tha earball, no dà earball, air na ĺonanaich sin ris an canar flagellae, agus tha sin a' leigeil dhaibh an àite a chumail ann an raon an t-solais, far am bi iad a' cruinneachadh lùth solais leis na stuthan-dath bhuidhe aca. Ged a tha na h-earbaill seo orra, lorgar cuideachd 's ḍcha flaigeallaichean chrysophyte ann an ceallan tiugha, beag, b́odach ris an canar lorica. Ann an cuid de ghnèithean, faodaidh cuid dhe na ceallan tiugha sin tighinn c̣mhla ann an coloinidhean. Faodaidh gum bi cuideachd lannan air na ĺonanaich sin a th' air an dèanamh à sileacon. Tha flaigeallaichean chrysophyte cuideachd freagarrach ann an lochan anns nach eil ṃran mathachaidh. Tha seo air sgàth 's gun dèan iad ceimigean, a bhriseas śos stuthan fillte, gu bhith na mhathachadh a ghabhas a chleachdadh, ach faodaidh iad cuideachd bacteria agus ĺonanaich bheaga a ghabhail thairis.

Dinoflagellates

Sa chumantas tha dà flagella air dinoflagellates. Mar sin cleas fheadhainn eile le dà flagella, gluaisidh iad timcheall na colbh uisge airson an t-àite as fheàrr a lorg. Tha iad neo-àbhaisteach seach gu bheil aon flagella a' dol gu cùl airson an gluasad air adhart agus tha an tèile na laighe thar na cealla agus gan cumail stèidheil fhad 's a tha iad a' gluasad. Ged a tha dinoflagellates 'lomnochd' ann, tha ṃran sa bhuidheann ĺonanaich seo ṣnraichte air sgàth 's gu bheil coltas làidir air a' cḥmhdach aca. Ged a tha dinoflagellates buailteach a bhith co-cheangailte ri uisge cruaidh, tha na pleitean aca air an dèanamh le polysaccarides, seach tasgadh calcium. Tha iomadh stuth-dath ann an dinoflagellates agus nam measg tha donn airson solas a chruinneachadh.

 

 

English version



Last updated on Wednesday 10th July 2013 at 09:50 AM. Cliog an seo airson beachd a thoirt air an duilleag seo