. Mu iasg mara - Scottish Natural Heritage
skip to main content

Iasg mara / Sea fish

Iasg Alba

Tha iomadh gnŔ Ŕisg ann an uisgeachan Alba, agus 's e pÓirt dhen adhbhar gu bheil uiread de dh'Órainnean agus de shuidheachaidhean againn. Bidh cuid de ghnŔithean be˛ ann an uisge fosgailte, ach tha cuid eile nas freagarraiche airson a bhith faisg air grunnd na mara, an dara cuid ann an uisge domhainn, dorcha no ann an tanalach faisg air a' chladach. Tha iomadh se˛rsa Órainn air grunnd na mara cuideachd; gainmheach, poll, greabhal, molagan agus creagan agus tha iad sin a' tÓladh diofar ghnŔithean Ŕisg. Bidh iasg eile a' dŔanamh gu math far an robh lýonanaich, corailean, spuingean agus beatha-mhara eile a' fÓs air a' ghrunnd.

Tha Óite cudromach aig an iasg air fad ann an Órainn na mara, agus feumaidh iad muir glan, fallain, ach tha iomadh gnŔ gan iasgach airson malairt agus tha iad air leth luachmhor dhan eaconamaidh dh¨thchail agus nÓiseanta. BidháDualchas NÓdair na h-Albaáa' cur ri m˛ran iomairtean riaghladh iasgach mara.

Faodar gnŔithean Ŕisg a she˛rsachadh a rŔir 's dŔ a' chuid dhen uisge sa bheil iad be˛: faisg air a' ghrunnd no faisg air an uachdar. Bidh iasg a tha faisg air an uachdar, mar rionnach agus sgadan, a' snÓmh san uisge faisg air an uachdar no am meadhan an uisge agus glŔ thric ann an sgaothan m˛ra. Am measg nan gnŔithean a bhios faisg air a' ghrunnd tha trosg, adag, caoiteag, mac-lÓmhaich agus iasg rŔidh mar lŔabag-mh˛r agus lŔabag-cheÓrr.

Iasgach slaite

Glacar biorach, liughaáagus blalaoghagábhon chladach. Bidh iasgairean slaite cuideachd a' glacadh siorc, sgaitáagus s˛rnaná(elasmobranch), glŔ thric bho bhÓtaichean oir tha na gnŔithean sin buailteach a bhith ann an uisge nas doimhne. Tha barrachd fiosrachaidh air elasmobranchs gu h-ýosal.

Siorcan, sgaitean agus s˛rnain - elasmobranchs

Tha cnÓimhneach an Ŕisg sa bhuidheann seo air a dhŔanamh Ó maoth-chnÓimh, ach glŔ thric bidh giallan math orra. Tha iomadh se˛rsa siorc ann an uisgeachan Alba, ach 's e am fear as motha, agus 's d˛cha as ainmeile, an cearban. Tha itean m˛ra coltach ri sgiathan air s˛rnain, agus thŔid aca air gluasad tron uisge gun dragh. Chan eil an sgait chumanta pailt ann an Alba, ach mar ghnŔ UK BAP external site thathar a' dŔanamh m˛ran airson cuideachadh a' gleidheadh an Ŕisg seo.

GnŔithean le obair chudromach

Ann an d˛igh tha Óite cudromach aig a h-uile gnŔ ann an cothromachadh na h-Órainneachd nÓdarra le bhith a' cuideachadh gus smachd a chumail air a' chreich aca, le bhith nam biadh cudromach dha na creachadairean aca, no le bhith a' dŔanamh obair eile mar ag ath-chuartachadh mathachadh. A dh'aindeoin sin, tha obair sh˛nraichte aig cuid de ghnŔithean. 'S e an t-sýolag tŔ dhe na h-eisimpleirean as fheÓrr ann an Alba, oir tha i cudromach mar bhiadh do mh˛ran dhe na h-e˛in-mhara ann an Alba, gu h-Óraidh dhan bhuthaide. Chrýon Óireamh nan sýolagan roimhe air sgÓth iasgach malairteach, ach tha coltas gu bheil iad a-nis a' feuchainn ri tighinn air ais ann an cuid de sgýrean ri linn buaidh atharrachadh sa ghnÓth-shýde air co-thýmeachadh c˛mhla ri blÓthan plancton.

Iasg beag tanalaich

Bidh m˛ran Ŕisg ann am pollagan chreagan mu na cladaichean. Chan eil fhios nach fhaic thu cloitheag, creagag-uisge, iasg-imeach, sýol-ghobach agus m˛ran eile. Tha iomadh lus agus beathach beag anns na h-Órainnean seo a bhios iasg mar seo ag ithe, agus tha fasgadh annta cuideachd bho chreachadairean m˛ra.

Iasg annasach

Am measg gach iasg iongantach san uisge againn tha iasg a' mhadaidh anns a bheil fiaclan m˛ra airson biadh a chnamhach. Tha iasg-sgairb uabhasach math air breug-riochd agus thŔid iad an l¨ib na tha mun cuairt orra gu furasta. 'S e iasg na grŔine an t-iasg cnÓimheach as motha air an t-saoghal, agus fýor chorra uair, chithear e ann an Alba.

á

á

English version