. Iasg a' mhadaidh - Scottish Natural Heritage
skip to main content

Iasg a' Mhadaidh / Wolf fish

Ged a tha coltas eagalach air an iasg seo, chan eil e cho borb 's a tha e a' coimhead - cha toir e ionnsaigh mura cuirear dragh air, agus bidh e a' cleachdadh nam fiaclan biorach airson beireachdainn air sligean nan creutairean a bhios e ag ithe agus airson am pronnadh. Le ceann mr coltach ri cloitheag, silean balgach agus bodhaig thiugh coltach ri easgann, faodaidh iasg a' mhadaidh fs gu faid 120cm agus crr is 20kg a chuideam. Gl thric, bidh an craiceann glas aige rocach, agus bidh lotan air aodann bho bhith a' coinneachadh ri crbagan agus creachadairean eile.

Cit am bi e a' fuireach?

Buinidh an t-iasg seo do dh'uisge nas fhuaire, agus gheibhear e air feadh Bhreatainn, ach chan fhaicear iad gu cunbhalach ach ann an uisge a tha an re mhath tana air taobh an ear Alba agus ann ceann an ear-thuath Shasainn. Tha e bitheanta anns na firdan Lochalannach agus bidh e ann an uisge nas doimhne sos gu 450m cho fada deas ri Bgh Bhiscay.

Far a bheil grunnd na mara creagach, bidh iasg a' mhadaidh a' cleachdadh sgoltadh mr no ite fo chreig mar ite-fuirich, agus gl thric bidh e a' fuireach ann an toll freagarrach airson ine mhr. Bha aon iasg dhiubh seo, air an robh Seras, no George, a dh'fhs ainmeil am measg dhibhearan ann an St Abbs fad iomadh bliadhna, oir bha e furasta a lorg seach gun robh e san aon toll aig dreach 10m. Thathar fhathast dhen bheachd gur e St Abbs an t-ite as fherr san RA airson am faicinn. Bidh iasg a' mhadaidh cuideachd ann an grid air grunnd na mara, gu h-raidh ma tha creagan ann airson fasgadh. 'S dcha gum bi iasg g am fasgadh ann an coilltean ceilpe.

Ciamar a tha e be?

Gl thric, tha e furasta ite-fuirich iasg a' mhadaidh a lorg. Bidh e air a chuartachadh le fuigheall a bhdh - sligean mhoileasgan, chrbagan is chnagain-trghad. Cho math ri tosgan fada, tha fiaclan ann an cirein iasg a' mhadaidh a tha ga chuideachadh gu bhith a' pronnadh sligean cruaidh na creich aige. Bidh an t-iasg a' solachadh sa gheamhradh. Bidh iad a' breith bhadan de dh'uighean buidhe fo chlachan no fo phallachan, agus bidh an t-iasg fireann gan don sin eadar d mhos agus a tr, gus am beirear an t-iasg g. R na h-ine sin, bidh an t-iasg fireann a' feuchainn ri eagal a chur air creachadairean - tha dibhearan ag rdh gum bi e a' sideadh agus a' glagadaich fhiaclan ma thid iad ro fhaisg air! Bidh na larbhae a' seladh greiseag ann an uisge domhainn aig 100-200m mus dan iad dachaigh air grunnd na mara. Bheir iasg a' mhadaidh eadar 6 is 7 bliadhna mus ruig iad aois solachaidh, agus tha dil gum bi iad be airson timcheall air 20 bliadhna.

English version