. Cearbain - Scottish Natural Heritage
skip to main content

Cearbain / Basking sharks

Is math dhuinn gu bheil an dara iasg as motha air an t-saoghal a' tighinn a dh'uisge Alba gach samhradh - abair fhŔin sealladh! Bidh an cearban a' fÓs gu 10m (33tr) a dh'fhaid, agus tha Óite no dhÓ ann an Alba math airson am faicinn. Bidh iad ann an uisge domhainn, ach as t-samhradh bidh iad a' tighinn nas fhaisge air a' chladach. Chý sinn iad an uair sin aig an uachdar agus ag ithe le na be˛il mh˛ra fosgailte. Chan eil fiaclan idir anns na creutairean solta seo, agus tha iad be˛ air brot de phlancton!

C¨ram mu chearbain

Seach gum bi cearbain a' snÓmh faisg air an uachdar, tha e furasta cron a dhŔanamh orra an dara cuid ann an tubaist no a dh'aon ghnothaich. Chleachd beagan chearban a bhith air an glacadh ann an Alba airson malairt oir tha Ódha mh˛r annta anns a bheil ola a bhiodh cuid de ghnýomhachasan a' cleachdadh uaireigin. Chaidh an Óireamh bu mhotha, 250 cearban, a mharbhadh ann an 1947, ach air sgÓth uallach mu chrýonadh san Óireamh aca, tha an cearban air a dhýon fon lagh bho 1998 fo Achd na Fiadh-bheatha & na D¨thcha 1981 (mar a chaidh a h-atharrachadh le Achd GlŔidhteachas NÓdair (Alba) 2004).

An-drÓsta, 's e cuid dhe na cunnartan a bhith a' dol an sÓs ann an lýn-iasgaich, droch bhuaidh bho na diet-sgithean, luath-bhÓtaichean agus soithichean eile. Tha C˛d Coimhead Eunlaith Alba a' toirt deagh sti¨ireadh do bhuidhnean coimhead eunlaith, agus tha ceumannan gus mothachadh a thogail mun ch˛d agus lÓraich ann an Alba air leth feumail a thaobh glŔidhteachas an Ŕisg iongantaich seo. Tha Plana gnýomha Bith-iomadachd na RA external site áann dhan chearban, agus tha Riaghaltas na h-Alba a-nis ga thoirt air adhart mar phÓirt de Ro-innleachd Bith-iomadachd Alba external site . Aig ýre na cruinne, tha an t-inbhe glŔidhteachais aige air a mheas cunnartach.

Mar a dh'aithnicheas tu iad

Chan eil creutair sam bith eile sa mhuir ga ghi¨lan fhŔin mar an cearban agus e a' gluasad air a shocair aig an uachdar. Cha mh˛r nach saoil thu gur e dÓ shiorc a tha a' leantainn a chŔile, oir glŔ thric chithear ite an droma agus bÓrr ite an earbaill air an uachdar aig an aon Óm. Nuair a bhios e ag ithe, 's d˛cha cuideachd gum faicear bÓrr an t-suic aige os cionn an uisge, agus chan eil beul cho m˛r air iasg sam bith eile! Tha dath eadar dorcha glas agus dubh air le mionach nach eil cho dorcha.

CÓit am bi iad a' fuireach?

Gheibhear cearbain ann an cuantan meadhanach blÓth air feadh an t-saoghail. Ged a bhios iad a' cur seachad m˛ran ¨ine sa chuan fhosgailte, bidh iad air an tÓladh chun a' chladaich far a bheil aghaidhean-lÓin earbsach (far am bi diofar uisgeachan a' coinneachadh), far a bheil am plancton a bhios e ag ithe pailt. Ann an uisgeachan Alba, 's ann far chladaichean an taoibh an iar agus mu cheann a-muigh Linne Chluaidh as trice a chithear na cearbain. Dhaingnich sgr¨daidhean a rinnáDualchas NÓdair na h-Albaábho chionn ghoirid, a thug c˛mhla dÓta a chruinnich na h-Urrasan Fiadh-bheatha, dÓ lÓrach eile sa bheil cearbain: sa Bhun Dubh, eadar Colla agus Tiriodh, agus mu eilean creagan HŔisgeir, an iar-dheas air Canaigh. Chaidh cuid mhath de shiorcan a chlÓradh an seo gu cunbhalach. Tha an Óireamh air a bhith suas ri ceithir uiread nan Óireamhan ann an Óitichean eile san RA.

Bidh siorcan a' dŔanamh m˛ran siubhail, ach 's ann dýreach o chionn ghoirid a chaidh t˛iseachadh a' tragadh shiorcan fa leth. Chan eil fhios fhathast am bi iad a' siubhal eadar domhan-leud nas ýsle agus nas Óirde no eadar uisge domahainn agus uisge nach eil cho domhainn. Tha t˛rr dhen ola a bhios ann an siorcan ann an uisge domhainn sna h-Ódhan aca. 'S d˛cha gu bheil sin na chomharra gum bi iad a' cur seachad ¨ine ann an uisge domhainn.

Ciamar a bhios iad be˛?

'S Óbhaist cearban a bhith leis fhŔin, ach uaireannan bidh 100 no barrachd c˛mhla gu h-Óraidh far a bheil am biadh pailt. Ann an uair a thýde, thŔid aig cearban a tha ag ithe air 1.5 millean liotair (330,000 galan) uisge a shýoladh tro na gi¨rain aige, agus bidh e a' toirt Ós maorach beag, býodach a tha coltach ri grÓinneanan pinc de rus a' snÓmh. GlŔ thric chithear buidhnean m˛ra shiorcan anns na lÓraich ann an Alba. Bidh iad a' nochdadh modhan suirghe ged nach eil fhios againn air m˛ran dhen ch˛rr mun d˛igh gintinn aca. Rugadh sia ˛ga a bha be˛, agus eadar 1.5 agus 2m a dh'fhaid, do dh'aon chearban. 'S iongantach mura bheil an t-iasg fada mus tig e gu inbhe agus mall gu gintinn, agus bidh sin ga fhÓgail ann an cunnart bho chus iasgaich, gu h-Óraidh seach gum bithear a' glacadh barrachd de dh'iasg boireann na de dh'iasg fireann.

á

á

English version



Last updated on Friday 31st August 2012 at 15:56 PM. Cliog an seo airson beachd a thoirt air an duilleag seo