. Mu iasg fýor-uisge - Scottish Natural Heritage
skip to main content

Mu iasg fýor-uisge / About freshwater fish

Obair chudromach

Tha Óite cudromach aig iasg fýor-uisge ann an coimhearsnachd agus ann an iasgach Alba, agus gu h-Óraidh iasgach slaite, a ch¨m taic ri iomadh sgýre air an d¨thaich fad bhliadhnaichean. A dh'aindeoin sin, tha iasg d¨thchsach Alba ann an suidheachadh truagh an taca ri Óitichean eile san RA agus san Roinn E˛rpa. B' ann on mhuir a thÓinig a' mh˛r-chuid dhen iasg a thuinich ann am fýor-uisge Alba bho th¨s. Chleachd iad, agus dh'fhuirich iad ann am fýor-uisge, nuair a sheac an clÓr-deighe a bha a' c˛mhdach Alba o chionn 10 is 15,000 bliadhna a dh'ionnsaigh an tuath aig deireadh na linn deighe mu dheireadh. B' ann mar seo a thuinich a h-uile gnŔ ann an Alba a tha a-nis nam prýomhachasan glŔidhteachais mar an easgann bhreac, bradan an Atlantaig, breac,ácarr Artaigeach, pollag, pollan, spŔirlinn, gabharáagus easgann. B' e seo cuideachd an t-slighe a ghabh na stangaran trý-chnÓimheach agus naoi-chnÓimheach airson faighinn a dh'Órainnean fýor-uisge ann an Alba. Agus tha cuid dhiubh sin, gu h-Óraidh feadhainn gun chnÓimh-droma, air am meas luachmhor a thaobh glŔidhteachais. Bu ch˛ir iomradh a thoirt cuideachd air a' bhradan bhacach. Ged nach fhaicear ach ainneamh e ann an uisgeachan Alba, tha e air a chunntas mar phÓirt dhe na h-ainmhidhean d¨thchasach againn.

Mar a thÓinig iad an seo

Dh'fhaodadh gun tÓinig cuid dhen iasg eile a tha cumanta ann an lochan agus ann an aibhnichean m˛ra, mar geastag, forrach, roiste, doirbeag agus breac-beadaidh an seo thar na drochaid týre a bha uair a' ceangal aibhnichean ann an ceann an ear-dheas Shasainn ri týr-m˛r na Roinn E˛rpa. Ach 's e daoine a bu chudromaiche a thaobh a bhith a' sgaoileadh bhuidhnean ¨ra Ŕisg air feadh Alba. Chaidh a' mh˛r-chuid dhen iasg a thugadh a-steach Ós ¨r, no a chaidh ath-ghluasad, a dhŔanamh airson iasgach sp˛rs ¨r a stŔidheachadh, no uaireannan airson gum biodh iasg ann mar bhiadh. Tha cuid dhen iasg sin mar am forrach, an roist agus a' gheastag nan iasgach math a tha a' fÓs.

An duilgheadas le cuid dhe na thugadh a-steach

Dh'adhbharaich ath-ghluasadan Ŕisg Ó pÓirtean eile dhen RA an deagh chuid cron air iasg fýor-uisge d¨thchasach Alba no air na h-Órainnean aca. The an ruffe a thugadh a-steach ann an Loch Laomainn na eisimpleir dhen seo, agus tha an t-iasg seo, a bhios ag ithe uighean pollaig, a-nis gu math stŔidhte an sin. Bithear an d˛chas, nuair a bhios smachd air toirt a-steach iasg fýor-uisge, nach tachair a leithid seo tuilleadh. ThÓinig cuid dhen iasg a tha a-nis ri fhaotainn an seo bho Óitichean nas fhaide air falbh. Thugadh am breac dathach a-steach Ó Ameireaga a Tuath anns na 1970an, agus thug seo dhuinn gnýomhachas iasgaich prýseil airson an Ŕisg seo. Thugadh se˛rsaichean eile a-steach, mar an carr aibhne agus tha e fŔin-sheasmhach rud nach eil am breac dathach.

á

á

English version