. Amasan a' phr˛iseict - Scottish Natural Heritage
skip to main content

Amasan a' phr˛iseict / Aims of the project

Chan eil grÓineagan d¨thchasach dha na h-eileanan agus bho chaidh an toirt a-steach dha na h-eileanan an toiseach ann an 1974, tha iad air a bhith ag ithe uighean e˛in grunnachaidh a bhios a' neadachadh air an talamh. Bha na neadan sin saor bho chreachadairean ach mheudaich Óireamhan nan grÓineag gun ýre agus gu bheil iad a-nis a' toirt fýor dhroch bhuaidh air briodachadh nan eun grunnachaidh agus air an Óireamh iomlan sna h-eileanan.

Tha e˛in-grunnachaidh cudromach gu h-eadar-nÓiseantach a' gabhail a-staigh gille-brýghde, curracag, gille-feadaig, bothag, cam-glas agus naosg. 'S e gille-feadaig, curracag agus cam-glas a tha fo chunnart as mýosa.

C˛ th' annainn?

B' e Pr˛iseact E˛in-grunnachaidh Uibhist a b' Óbhaist a bhith air Pr˛iseact Rannsachaidh E˛in-grunnachaidh Uibhist. Tha e air a riaghladh le Dualchas NÓdair na h-Alba cuide ri RSPB external site áScotland, Riaghaltas na h-Alba external site , Comhairle nan Eilean Siar external site , SSPCA external site áagus Uist Hedgehog Rescue external site mar bhuidhnean-¨idhe.

Ciamar a tha sinn a' cuideachadh e˛in grunnachaidh nan eilean gu dhol am meud?

Tha an ýre seo den phr˛iseact ag amas air pr˛gram ¨r rannsachaidh a leasachadh is a chur an gnýomh, gus ar tuigse Órdachadh mu Óireamh nan eun grunnachaidh, mu na nithean a tha a' toirt buaidh orra agus mun chudromachd dhÓimheach aca. Bithear cuideachd a' cumail smachd aig ýre ýosal airson bacadh a chur air na grÓineagan bho bhith ag ath-thuineachadh ann an Óiteachan bhon deach am fuadach roimhe.

Rannsachadh gnÓthaichte

Tha BTO Scotland external site a' sti¨ireadh co-bhanntachd de luchd-saidheans a ný measadh air Óireamhan e˛in grunnachaidh a bhios a' briodachadh ann an Óiteachan bhon deach grÓineagan a thoirt air falbh, agus air d˛ighean sam bith eile a ghabhas cleachdadh gus cuideachadh le bhith a' meudachadh Óireamh e˛in briodachaidh grunnachaidh. Tha an rannsachadh seo na leudachadh de dh'obair sgr¨daidh external site a chaidh a dhŔanamh roimhe agus bidh e a' gabhail Óite tro trý seusanan briodachaidh, 2012 - 2014 le toraidhean rim faighinn ann an 2015.

Leanaidh sinn oirnn a' sgr¨dadh an dÓta a fhuaras mu ghrÓineagan, airson fiosrachadh a chumail ri ro-innleachdan gluasaid is d˛ighean glacaidh nan grÓineag.

Fuasgladh cleachdaichte

Chaidh feansaichean bacaidh s˛nraichte a chur suas ann an Óiteachan comharraichte airson sgaoileadh nan grÓineag nas fhada tuath ýsleachadh. Chaidh buaidh feansaichean-bacaidh ghrÓineag a dhearbhadh roimhe le rannsachadh RSPB external site áagus fhuaras a-mach gun robh iad Ŕifeachdach, ach aig ýre ionadail, geÓrr-¨ineach.

A' glacadh is a' gluasad ghrÓineag

Bidh grÓineagan a' cadal tron gheamhradh is mar sin cha bhi an obair a' t˛iseachadh gus an tig an t-earrach. Bidh ar sgioba-lÓraich a' t˛iseachadh an cuid obrach ann am meadhan na MÓirt, agus a' lorg nan grÓineag le bhith gan glacadh be˛ ann an ribeachan, gan glacadh le solais agus le coin shn˛tach. Bithear an uair sin gan cur fo ch¨ram Uist Hedgehog Rescue external site agus gan toirt gu týr-m˛r na h-Alba.

Tha ar n-obair gluasaid cuimsichte air a bhith a' rannsachadh Óiteachan far nach bi na grÓineagan cho dualtach a bhith torrach no a' toirt bainne dha Ól, suas gu meadhan a' ChŔitein agus a-rithist an dŔidh meadhan na Sultain. Bidh sinn cuideachd a' seachnadh a bhith a' lorg air lÓraichean d¨mhail neadachaidh gu deireadh na h-Ďgmhios nuair a tha a' chuid mh˛r de na h-e˛in air sgur a neadachadh.

Chaidh caochladh dh˛ighean air grÓineagan a lorg is a ghlacadh a dhearbhadh ann an suidheachaidhean rannsachaidh ann an 2002, agus on uair sin mar phÓirt den obair gluasaid fhŔin. 'S e cleachdadh coin shn˛tach an d˛igh as fheÓrr, agus an dŔidh dŔiligeadh ri camaidhean laghail, tha neach-lÓimhseachaidh coin an dreuchd againn bho 2010.

Tha sÓbhailteachd nan grÓineag glacte air leth cudromach dhan phr˛iseact. Ann an 2002, an dŔidh beachdachadh gu c¨ramach air na chaidh fhoillseachadh chunnacas gum b' e bÓs roghnaichte an d˛igh bu thruacanta, oir nuair a thŔid an ath-shuidheachadh tha a' chuid mh˛r dhiubh a' bÓsachadh an ceann corra sheachdain. Ach ann an 2006 lorg foillseachadh ¨r le Warwick, H. et al. (Lutra 2006 49 (2): 89-102 ) gun robh 67% dhiubh be˛ mýos an dŔidh ath-shuidheachaidh. Tha SPCA na h-Alba, comhairlichean sÓbhailteachd a' phr˛iseict, a' mýneachadh soirbheachadh ath-shuidheachaidh nuair a tha 60% dhiubh a' fuireach be˛. On uair sin tha na grÓineagan glacte air fad air an cur air c¨ram Uist Hedgehog Rescue external site agus air an ath-shuidheachadh air týr-m˛r na h-Alba. Tha pÓigheadh ga ghabhail airson na seirbheis seo.

á

English version