. A' riaghladh ge˛idh - Scottish Natural Heritage
skip to main content

A' riaghladh ge˛idh / Managing geese

A' cothromachadh ¨idhean Óiteachais is glŔidhteachais

Gu h-eachdraidheil, tha ge˛idh fhiadhaich air a bhith cudromach a thaobh nÓdar is cruthan-týre na h-Alba. Tha frŔam poileasaidh nÓiseanta airson ge˛idh a riaghladh air a bhith suidhichte ann an Alba bho 2000 airson cuideachadh le bhith a' cothromachadh ¨idhean Óiteachais is glŔidhteachais.

A' l¨ghdachadh milleadh air barran is feur

Nuair a tha ge˛idh air talamh Óiteachais, 's ann air a' chroitear no an tuathanach a tha uallach airson milleadh a l¨ghdachadh air barran is feur sa chiad Óite. Ach dh'fhaodar beachdachadh air sgeama ionadail airson smachd a chumail air ge˛idh, nuair nach obraich seo air sgÓth:

  • Óireamhan ghe˛idh;
  • nach urrainnear am fuadach no losgadh orra seach gu bheil an Óireamh dhiubh fo dhýon.

Tha riochdairean bhon luchd-earrainne air B˛rd Ath-sgr¨daidh NÓiseanta Riaghladh Ghe˛idh (NGMRG) a bhios a' cumail s¨il air buileachadh a' phoileasaidh agus a' beachdachadh air tagraidhean airson riaghladh ghe˛idh.

Sgeamaichean gnÓthaichte airson ge˛idh a riaghladh

Aig an Óm seo tha seachd sgeamaichean ann air feadh Alba airson ge˛idh a riaghladh, a tha ag obrachadh taobh a-staigh frŔam a' phoileasaidh nÓiseanta:

  • ╠le
  • Cinn Týre
  • Salmhaigh
  • Strath Beag
  • South Walls
  • Na h-Uibhistean
  • Tiriodh is Colla

Tha na sgeamaichean sin maoinichte troáDualchas NÓdair na h-Albaáa tha cuideachd a' tabhann taic rianachd dhaibh. Tha gach sgeama leasaichte le buidheann ionadail de riaghladh ghe˛idh aig a bheil Buidheann-sti¨iridh Sgr¨dail PÓighidhean D¨thchail Riaghaltas na h-Alba sa chathair.

Tha na sgeamaichean ag amas air a bhith a' l¨ghdachadh milleadh dha tuathanaich fhad 's a tha iad a' dŔanamh cinnteach gu bheil Alba a' coileanadh a dleastanasan glŔidhteachais nÓdair eadar-nÓiseanta.

á

English version