. C˛ a tha a' riaghladh nam fiadh - Scottish Natural Heritage
skip to main content

C˛ a tha a' riaghladh nam fiadh, agus carson? / Who manages the deer and why?

Chan eil fŔidh na h-Alba le neach sam bith. Ged nach eil seilbh aig duine orra, tha caochladh bhuidhnean is daoine fa leth a' riaghladh fŔidh airson diofar amasan a choinneachadh.

Tha riaghladh fŔidh na phÓirt de riaghladh d¨thaich, fearann is maoin na h-Alba. Airson riaghladh Ŕifeachdach a dhŔanamh air fŔidh feumar coimhead orra mar phÓirt den t-siostam riaghlaidh fharsaing seo. Tha iad nam maoin nÓdarra, pÓirt riatanach den d¨thaich agus faodaidh an lÓthaireachd buaidh a thoirt air an Órainneachd mun timcheall - na diofar luibhean, chraobhan is fiadh-bheatha eile.

Tha na d˛ighean sa bheil buidhnean is daoine fa leth a' riaghladh fŔidh na h-Alba an urra ri na tha daoine fa leth is buidhnean ag iarraidh a dhŔanamh len cuid fearainn.

FŔidh mar mhaoin seilge

Dha uachdarain, tha fŔidh a' riochdachadh maoin seilge - bidh daoine a' pÓigheadh airson sealg is losgadh air fŔidh. San t-suidheachadh seo, 's e aon de phrýomh amasan siostam riaghlaidh nam fiadh dŔanamh cinnteach gu bheil fŔidh gu le˛r ann airson iarrtasan seilge a choinneachadh. Feumaidh na fŔidh fhŔin a bhith fallain gus am bi fios aig luchd-tadhail gu bheil iad a' sealg beathach de dheagh inbhe.

Buaidh fŔidh air Óiteachas agus air feartan eile

Tha uallach air croitearan is tuathanaich gu tric airson dýon a chur air talamh Óiteachais a th' air a chleachdadh airson bÓrr fhÓs no airson crodh a thogail. Sna suidheachaidhean sin, 's d˛cha nach bithear a' faicinn fŔidh nam maoin ach nan duilgheadas. Ma tha fŔidh a' faighinn a-steach dhan fhearann aca is ag ionaltradh no a' stampadh air barran dh'fhaodadh an croitear no an tuathanach losgadh orra gus an cunnart bho mhilleadh a l¨ghdachadh.

Thathas cuideachd a' riaghladh fŔidh air sgÓth nithean eile, nam measg coilltearachd is glŔidhteachas.

A' riaghladh fŔidh airson leas poblach

Feumar aire cuideachd a thoirt dha leas poblach. Tha leas poblach a' gabhail a-steach tachartasan far am bi fŔidh a' dol air seachran gu r˛idean poblach, a' meudachadh cunnart bho thubaistean le fŔidh. Feumar ceuman a ghabhail, le uachdarain mar as trice, gus tubaistean a sheachnadh.

Ar dleastanas aig Dualchas NÓdair na h-Alba

Aig Dualchas NÓdair na h-Alba (SNH) tha uallach reachdail oirnn airson na leanas:

  • GlŔidhteachas, smachd is riaghladh seasmhach air gach gnŔ de dh'fhŔidh fhiadhaich ann an Alba adhartachadh.
  • DŔanamh cinnteach nach eil fŔidh a' toirt droch bhuaidh air lÓraichean s˛nraichte - LÓraichean de Shuim Sh˛nraichte Shaidheansail (SSSI), Ionadan de GhlŔidhteachas Sh˛nraichte (SAC) agus Ionadan de Dhýon Sh˛nraichte (SPA). Tha na h-ionadan sin air feadh Alba tro sh˛nrachasan suidhichte le lagh AE, airson craobhan is luibhean tearc agus fiadh-bheatha a th' ann an cunnart, leithid an Capall-coille, a dhýon.
  • DŔanamh cinnteach gu bheil gach neach san obair a' cumail smachd cheart air fŔidh, ann an d˛igh a tha a' gabhail a-steach nan diofar amasan is ¨idhean a th' ann, agus nach eilear a' toirt droch bhuaidh air cor nam fiadh fhiadhaich gun adhbhar.
  • DŔanamh cinnteach gun tŔid ceuman a ghabhail, mar as trice le manaidsearan fearainn, airson dýon a chur air math a' phobaill, m.e. ann an c¨isean far a bheil cunnart mheudaichte ann a thaobh tubaistean rathaid co-cheangailte ri fŔidh.
  • Ath-sgr¨dadh a dhŔanamh air gach c¨is co-cheangailte ri fŔidh, a' gabhail a-steach an sÓbhailteachd.

Uallach roinnte

Tha dleastanas c¨raim air luchd-seilbh fearainn ann an Alba airson nan goireasan nÓdarra a bhuineas dhaibh. Feumaidh iad cuideachd a bhith ag obrachadh c˛mhla ri nÓbaidhean airson amasan eile a choileanadh.

Aig SNH feumamaid dŔanamh cinnteach gu bheil na diofar shiostaman riaghlaidh a thathas a' cleachdadh a' coinneachadh ri na h-iarrtasan sin agus nach eil iad, le bhith a' dŔanamh sin, a' toirt droch bhuaidh air cor nam fiadh.

á

á

English version