. Fiosrachadh mu mionc Ameireaganach - Scottish Natural Heritage
skip to main content

Fýrinn agus fiosrachadh /ááááááááááááááááááááááááááááá Facts and information

Am Mionc Ameireaganach (Neovison vison)

'S e beathach fe˛il-itheach leth-uisgeach a th' anns a' mhionc Ameireaganach Neovison vison, a stŔidhich e fhŔin san fhiadh-bheatha ann am Breatainn an toiseach anns na 1950an. An dŔidh iomadh uair a bhith air teicheadh is air a leigeil ma sgaoil bho thuathanasan bŔin tha e a-nis air sgaoileadh tron chuid mh˛r den d¨thaich. Thug tuathanaich bŔin mionc dha na h-Eileanan Siar sna 50an agus 60an agus chaidh e a chlÓradh airson a' chiad uair ann an Le˛dhas ann an 1969. On uair sin tha iad air sgaoileadh gu deas, a' ruighinn Uibhist a Deas ann an 2001. Tha am beathach ionnsaigheach neo-dh¨thchasach seo na shealgair comasach agus tha am biadh eadar-dhealaichte a tha e ag ithe a' gabhail a-steach e˛in sa mh˛r chuid ach cuideachd mamailean beaga, iasg is cr¨bagan. Tha cuid de dh'e˛in gu s˛nraichte ann an cunnart bho chreachadh mionc oir bidh iad a' neadachadh air an talamh ann an colonaidhean m˛ra.

An dŔidh cliathadh as t-earrach bidh eadar trý is seachd iseanan aig na h-e˛in bhoireann san Ďgmhios. Tha na h-iseanan sin neo-eisimeileach agus t˛isichidh iad a' sgapadh bho meadhan an L¨nastail. Faodaidh mionc Ameireaganach a bhith be˛ suas gu c˛ig bliadhna ach bidh 50% den fheadhainn ˛ga a' bÓsachadh sa chiad bhliadhna. Gun teagamh sam bith tha mionc a' toirt fýor dhroch bhuaidh air bith-iomadachd dh¨thchasach nan Eilean Siar agus tha iad nan cunnart sh˛nraichte dha na h-Óireamhan de dh'e˛in neadachaidh aig a bheil cudromachd eadar-nÓiseanta. Tha iad a' sýor lorg biadh dhaibh fhŔin agus falbhaidh iad le uighean, iseanan is e˛in inbheil. Tha iad cuideachd a' toirt buaidh air tachartasan eaconamach leithid tuathanas-Ŕisg iteigeach, iasgaireachd aibhne, sealg sithne, tuathanas chearc agus, gu neo-dhýreach, air turasachd agus gnýomhachas a tha a' cur suas ri ú50 M gach bliadhna, (22%) gu eaconamaidh nan eilean.

GnŔithean fo chunnart

Tha an sgaoileadh mhionc o chionn ghoirid gu Uibhist a Tuath agus Beinn nam Fadhla a' cur bithealas leantainneach iomadh eun ann an cunnart, gu s˛nraichte aig na h-Aonadan Dýon S˛nraichte anns an Aird agus ann am Borgh ann am Beinn nam Fadhla, air M˛inteach Scabadhaigh ann an Uibhist a Tuath, air Machair agus Eileanan Uibhist a Tuath, air Machair Uibhist a Deas agus na lochan, agus bho Cille Pheadair gu Smeircleit ann an Uibhist a Deas. 'S iad na leanas na prýomh ghnŔithean a thathas den bheachd a th' ann an cunnart: steÓrnan, stŔarnag chumanta, steÓrnan beag, learga dhubh, learga chaol, traon,ágille-feadaig agus bothag.

á

á

English version



Last updated on Thursday 20th March 2014 at 12:56 PM. Cliog an seo airson beachd a thoirt air an duilleag seo