. Ẹin-mhara agus ẹin-chladaich - Scottish Natural Heritage
skip to main content

Ẹin-mhara agus ẹin-chladaich /            Birds of coast and sea

Le cladach fada, camasach, gun ṃran leasachaidh air a' mḥr-chuid dheth, tha Alba làn àrainnean farsaing, eadar-dhealaichte do dh'ẹin-chladaich. Tha àireamh ẹin-ghrunnachaidh a' gheamhraidh mar ghille-Bŕghde cudromach gu h-eadar-nàiseanta ann am beul aibhnichean mar Uisge Fhoirthe agus Uisge Shalmhaigh. Ann an Arcaibh, far nach eil cron air na cladaichean no na muil, tha seo na àite cudromach dhan tŕlleachan bheag airson stad airson a' gheamhraidh. Tha na h-eileanan creagach agus na bearraidhean mara againn nan dachaigh as t-samhradh dha na ḿltean de dh'ẹin-mhara, agus chithear seallaidhean iongantach mun timcheall. Sa gheamhradh, tha uisge fasgach mun chladach sàbhailte dhan t-śolta-dhearg agus do lachairean, agus gheibh iad biadh gu lẹr sa mhuir mu sgeilf na ṃr-roinne nach eil ro fhada bhon taobh siar.

Buthaid / Puffin

Tha daoine measail air an eun-mhara seo a tha air feadh nan eilean agus mu na cladaichean a tuath agus siar. Bidh e bẹ gu math fada, ach tha atharrachadh ann an àireamh nan śolagan, a bhios e ag ithe, a' toirt buaidh air. Mar sin tha am buthaid na fhianais air dè cho fallain 's a tha am muir mu chuairt Alba.

Luaireag / Storm petrel

Gu h-iongantach, bidh an t-eun-mara beag, b́odach seo a' cur seachad na cuid as motha dhe bheatha aig muir. Cha bhi e a' tighinn air t́r ach airson tadhal air an nead aige, a tha ann an toll, no ann an sgoltadh eadar creagan, no uaireannan ann am ballachan cloiche, ach fiù 's an uair sin fhèin, 's ann d́reach air an oidhche. Tha iad pailt, ach doirbh an sgrùdadh. Mar sin tha na luaireagan mar as trice air an cunntas le bhith a' cluich clàradh de ghairm an ẹin fhireann, agus an uair sin a' cunntas cia mheud eun boireann a fhreagras e.

Lach dhonn / Eider

Tha an lach-mhara àlainn seo a' gintinn air feadh cladaichean Alba, agus bidh àireamh chudromach a' neadachadh aig beul abhainn Ythan ann an ceann an ear-thuath Alba. Taobh a-muigh an àm gintinn, gheibhear i ann an uisge fasgach mun chladach. Uaireannan bidh ceudan dhiubh ann an aon sgaoth. Tha mionc, sionnaich agus daoine a bhios a' coiseachd le coin a' dèanamh dragh do lachan donna a bhios a' neadachadh. Seach gu bheil na h-ẹin seo cho measail air maorach, bidh iad uaireannan nan dragh do thuathanaich maoraich.

 

 

English version



Last updated on Thursday 3rd January 2013 at 10:46 AM. Cliog an seo airson beachd a thoirt air an duilleag seo