Eòin-choille / Woodland birds
Tha coilltean uabhasach cudromach mar àrainnean do dh'eòin ann an Alba, agus chan ann a-mhàin air sgàth nan sgìrean mòra a tha againn. Bidh na coilltean-daraich dùthchasach a' cumail taic ri eòin a tha a' gabhail a-steach eàrr dhearg, riabhag-choille agus an ceileiriche-coille, agus anns na coilltean giuthais Albannach (feadhainn nàdarra agus a chaidh a chur) tha a' chailleachag chìreach agus an capall-coille.
Nuair a chaidh gnèithean annasach de chraobhan durcanach a chur air talamh àrd san dara leth dhen 20mh linn, dh'atharraich an cruth-tìre gu tur. Thug seo buaidh mhòr air eòin, ach gu h-iongantach, tha mòran ghnèithean rim faotainn sna h-àrainnean ùra seo. Faodaidh gnèithean, as àbhaist a bhith co-cheangailte ri coilltean sa bheil craobhan le duilleagan leathann agus talamh fosgailte, dèanamh gu math aig gach ìre fàis a tha ann an cuid dhe na h-àitichean san deach craobhan durcanach a chur o chionn fhada. Mar eisimpleir, bidh an t-snàthag, riabhagan-coille agus an gocan a' gintinn ann an àitichean san do leagadh craobhan, agus gheibhear gealbhoinn-gàraidh, deargain-seilich agus crìonagan-giuthais ann am bàrr mus tig sgàil-bhrat air. Bidh smeòraich, loin-dubh, coilich-choille agus iomadh gnè eun-cobhartaich far a bheil craobhan nas sine. Cuideachd, tha gnèithean co-cheangailte ri craobhan durcanach air an raon aca a leudachadh gu mòr ann an Alba. Nam measg sin tha gealagan-buidhe, cam-ghoban, crìonagan-giuthais agus cailleachag cheann-dubh.
Capall-coille / Capercaillie
Seo fear de bheagan eòin le ainm Beurla a thàinig on Ghàidhlig. 'S e an t-eun eireachdail seo, le a phrìomh àrainn ann an coilltean de ghiuthas Albannach, an gnè as motha air an t-saoghal dhen choileach-fhraoich. Tha eachdraidh annasach air a bhith aige ann an Alba, agus tha e a-nis na thargaid aig riaghladh choilltean, a tha cuideachd a' gabhail a-steach tèarmann an RSPB ann an Obar Neithich.
Cailleachag chìreach / Crested tit
'S ann ainneamh a bhios an t-eun aithnichte seo a' gluasad ro fhada bho choilltean giuthais Albannach, am prìomh àite-fuirich aige. Bidh an fheadhainn bhoireann a' cladhach neadan ann an seann stocan giuthais. Chithear feadhainn òga a-mach bho dheireadh a' Chèitein, agus sa gheamhradh chithear iad glè thric còmhla ri eòin-choille eile mar a' chrìonag-bhuidhe agus a' chailleachag cheann-gorm. Tha gnè sònraichte (no fo-ghnè) ann an Alba dhen chailleacheig chìrich, Parus cristatus scoticus. Tha gnèithean eile dhiubh anns an Roinn Eòrpa.
Eàrr dhearg / Redstart
Seo eun cho aithnichte 's a bhios a' tadhal air na coilltean daraich as siar ann an Alba. Tha an t-eun dathach seo, a bhuineas do threubh nan uiseag, a' tilleadh à Afraga a h-uile earrach. Bidh iad a' sireadh thuill ann an craobhan le duilleagan leathann airson neadachadh annnta, ach gabhaidh iad cuideachd ri bogsaichean neadachaidh. Tadhail air Ionad Tèarmainn Nàdair Nàiseanta Thaighnis tràth sa mhadainn deireadh an earraich no toiseach an t-samhraidh, agus ' iongantach mura faic thu an eàrr-dhearg a' dìon a h-àite le seinn bho mhullach nan craobhan daraich.