. Ẹin tuathanais agus talamh ́osal - Scottish Natural Heritage
skip to main content

Ẹin air tuathanais agus croitean /                Farmland and croftland birds

Tha talamh-àitich agus talamh croite uabhasach cudromach do mḥran shẹrsachan ẹin a tha air fàs cleachdte ris na h-àrainnean seo a chaidh atharrachadh le daoine. Aig an aon àm, faodaidh atharraichidhean ann am modh àiteachais buaidh mḥr a thoirt air àireamh ẹin air tuathanais. Mar eisimpleir, 's ann ainneamh a-nis bàrr àitich a' fàs air taobh an iar Alba, agus tha seo cŕonadh gu math ṃr a thoirt air àireamh ẹin a chleachd a bhith cumanta mar an uiseag, a' ghealag-bhuachair agus a' bhuidheag bhealaidh. Ach aig an aon àm, tha an àireamh sǵrean a tha air an dian riaghladh airson saidhleids (feur air a bhuain agus air a sṭradh airson biadh sa gheamhradh) air a dhol suas gu ṃr agus tha seo a' ciallachadh gun tàinig leudachadh ṃr, ṃr air na tha de ghẹidh a' cur seachad a' gheamhraidh an seo. Tha àiteachas nach eil dian, gu h-àraidh ann an Innse Gall, fhathast na dheagh àrainn airson àireamh mḥr de dh'ẹin-ghrunnachaidh mar an gille-feadag, gille-Bŕghde, an trilleachan traghad agus a' cham glas.

Ẹin a' gheamhraidh / Wintering birds

Bidh aireamh chudromach de chathain agus de ghẹidh blàir a' tadhal air Alba sa gheamhradh. Tha na sgaothan ṃra a chithear ann an Earra-Ghàidheal an dà chuid ḿorbhaileach agus nan cunnart eaconamach do thuathanaich air am bi feur ga mhilleadh. Tadhail air Caerlaverock no theirig a dh'̀le airson na sgaothan ṃra seo fhaicinn faisg ort.

Traon / Corncrake

Tha an traon na h-eisimpleir air mar a dh'fhaodas cuid de dh'ẹin a bhith an eisimeil shiostaman ṣnraichte de riaghladh fearainn. Chleachd an traon a bhith pailt air feadh Bhreatainn. Bidh i a' soirbheachadh nuair a bhios feur àrd gu lẹr air tuathanas aig àm gintinn, agus far nach bi am feur ga bhuain tràth airson gum bi iad fhèin agus an àl bẹ. Chŕon an traon gu ṃr san 20mh linn ann am beagan dheicheadan air sgàth atharraichidhean ann an tuathanas, ach tha beagan fhathast air taobh an iar agus ann an ceann a tuath Alba. Air sgàth 's gun deach an àrainn aca a riaghladh a dh'aon ghnothaich, tha an àireamh nas fheàrr a-nis, ach chan eil iad anns gach àite san do chleachd iad a bhith.

Cathag dhearg-chasach / Chough

Bidh ionaltradh cruidh a' cuideachadh le bhith a' cumail nan cathagan dearg-chasach ann an ̀le a agus ann an Colbhasa, sa chuid as fhaide tuath dhen raon aca. Is toigh le na starragan càirdeil, èibhinn seo a bhith ag ithe ann an ṭrr innearach làn mheanbh-fhŕdean ann am feur mun chladach, agus tha uamhan nàdarra agus tobhtaichean a' toirt àite sàbhailte dhaibh airson neadachadh.

 

 

English version



Last updated on Thursday 20th March 2014 at 12:52 PM. Cliog an seo airson beachd a thoirt air an duilleag seo