. Bruic - Scottish Natural Heritage
skip to main content

Mamalan fo dh́on - Bruic /                   Protected mammals - Badgers

Dè a th' annta?

Ged a tha bruic furasta an aithneachadh 's ann ainneamh a chithear iad. 'S ḍcha gu bheil seo air sgàth 's gur ann air an oidhche a bhios iad a' tighinn a-mach agus gur e beathaichean gealtach a th' annta sa chumantas.

'S e beathaichean air leth ṣisealta a th' ann am bruic. Bidh iad a' fuireach ann an ĺonraidhean de thunailean fon talamh rin canar broc-lainn. Tha grunn bhroc-lainn aig na buidhnean as ṣisealta dhiubh taobh a-staigh an fhearainn a bhios iad a' cleachdadh. Canar a' phŕomh bhroc-lann ris an fhear as cudromaiche dhiubh, far am bi a' chuid mḥr den ghńomhachadh a' gabhail àite agus far am bi iad a' briodachadh.

Faigh tuilleadh a-mach mu eag-ẹlas nam broc ...

Ciamar a thathas gan d́on?

Tro na linntean tha bruic air a bhith air an geur-leanmhainn, agus mar sin tha an lagh a' toirt d́on dha bruic is dham broc-lainn tro Achd D́on nam Broc 1992 (leasaichte).

Eucoirean

Tha eucoirean fo Achd D́on nam Broc1992 (leasaichte) a' gabhail a-steach:

  • a' glacadh, a' dochann no a' marbhadh bruic a dh'aona ghnothaich
  • an-iochd
  • a' beantainn ri broc-lainn a dh'aona ghnothaich no neo-chùramach*
  • a' reic is a' gabhail seilbh
  • a' comharrachadh is a' cur cearcaill orra

*Tha a bhith a' beantainn ri broc-lainn a' gabhail a-steach milleadh no cur às dheth no de phàirt sam bith dheth, a' bacadh faighinn thuige, a' cur dragh air broc fhad 's a tha e na bhroinn, no a' toirt cothrom dha cù a dhol a-steach do bhroc-lainn.

Ceadachd is bruic

Tha ceadan rim faighinn gus cothrom a thoirt dha daoine aithnichte gńomhan a ghabhail os làimh, a bhiodh air mhodh eile nan eucoir. 'S ann a-mhàin airson adhbharan ṣnraichte a th' air an cur a-mach san reachdas a thèid ceadan a thoirt seachad. Ma tha thu an dùil càil sam bith a dhèanamh a dh'fhaodadh buaidh a thoirt air bruic is air am broc-lainn, bi cinnteach gu bheil thu taobh a-staigh an lagha.

Faigh tuilleadh a-mach mu bhruic is ceadachd.

*Thoir aire* Chan eil geàrr-chunntas an reachdais agus liosta nan eucoirean air an duilleig seo idir cunbhalach; 's ann a-mhàin airson stiùireadh a tha iad. Feumar an reachdas iomlan a sgrùdadh airson liosta iomlan de dh'eucoirean fhaicinn. Tha e cuideachd cudromach gum bithear mothachail gur e an lagh ann an Alba a tha seo; dh'fhaodadh gum biodh cùisean eadar-dhealaichte ann an àiteachan eile san RA.

 

 

English version