. C̣innich & lusan an àirneig - Scottish Natural Heritage
skip to main content

C̣innich & lusan an àirneag (cuislean aibheach) / Mosses & liverworts

Bha c̣innich agus lusan an àirneag air a bhith air an talamh ro na d́neasairean, agus tha na 977 de cḥinnich agus de luasan nan àirneag ann an Alba nam pàirt eugsamhail agus iongantach dhen bhith-iomadachd againn air ́re na Roinn Ẹrpa agus na cruinne. Tha seo air sgàth seallaidhean-t́re  eugsamhail Alba agus gnàth-sh́de le buaidh mḥr on Chuan Atlantaig. Tha geamhraidhean nach eil buileach fuar agus samhraidhean fliuch, gu h-àraidh air an taobh an iar, air leth freagarrach airson nan lusan beaga seo.

Beag ach cudromach

Bidh c̣innich agus lusan an àirneag a' dèanamh sp̣ran an àite śol agus d́theanan. Tha eadar-dhealachaidhean eadar c̣innich agus lusan nan àirneag, ach tha cuid dhe na h-aon fheartan aca agus canar bryophytes riutha gu lèir. Ged a tha iad beag, tha iad uabhasach cudromach a thaobh fallaineachd agus obrachadh san àrainneachd againn.

Gabh cuairt ann an coille dharaich air an taobh siar agus ch́ thu bratan àlainn de cḥinnich agus de lusan an àirneag air grunnd na coille agus air geugan nan craobhan. Tha samh inntinneach far ṃran lusan an àirneag agus tha iad sin a' toirt fàileadh cùbhraidh, milis dhan choille. A bharrachd air a bhith nan dachaigh do dh'iomadh creutair coille, tha na bratan boga seo coltach ri spong mḥr a tha a' cur dàil air sruthadh an uisge dha na sruthain agus dha na h-aibhnichean agus tha sin a' cuideachadh gar d́on bho thuiltean bras.

Aig ́re nas motha, 's e c̣innich stuth togail boglaichean ṃna ṃra, farsaing Alba. Tha a' mḥine a tha ga cruthachadh bho fhuigheall marbh nan c̣inneach, gu h-àraidh a' mḥinteach liath àlainn, air a bhith cudromach mar chonnadh do choimhearsnachdan air a' Ghàidhealtachd. Ach nas cudromaiche na sin, tha sinn a-nis a' tuigsinn gu bheil na tha c̣innich a' glasadh a-steach de charbon ann am ṃine cudromach gu bhith a' sabaid an aghaidh an adhbhair airson atharrachadh na gnàth-sh́de.

A' d́on a' cḥinnich

Tha cuid dhe na c̣innich agus de lusan an àirneag cumanta agus le sgaoileadh farsaing, ach tha cuid eile tearc agus tha iad ann an cunnart cŕonadh no a dhol à bith mura bi sinn a' riaghladh na h-àrainneachd ceart. 'S e cuid dhe na cunnartan as motha gun caillear àrainnean air nach do chuireadh dragh tro atharrachadh ann an cleachdadh fearainn, agus le iomadh gnè coille cudromach a' dol fodha air sgàth na pris ionnsaigheil, neo-dhùthchasaich Ṛs-chraobh (Rhododendron ponticum). Tha sǵrean a tha air leth cudromach a thaobh nan c̣inneach agus lus an àirneag air an d́on fo iomadh comharrachadh làraich eadar-nàiseanta agus comharrachadh làraich nàiseanta . Tha cuid de ghnèithean air an d́on fon lagh.

Mar a chuidicheas tu

  • Theirig an sàs ann am buidhnean clàraidh gus ionnsachadh mu na gnèithean seo, agus gus cur ri ar tuigse mu dheidhinn far an lorgar iad.
  • Ma tha fearann agad no ma tha thu a' riaghladh fearann, faigh a-mach càit a bheil na h-àiteachan cudromach airson cḥinnich agus lusan an àirneag agus smaoinich mun deidhinn anns na planaichean riaghlaidh agad.
  • Thoir an aire nach sgaoil Rhododendron ponticum agus lusan ionnsaigheil eile às a' ghàrradh agad gu coille a tha faisg ort.
  • Feuch ri ceumannan a ghabhail gus na tha thu a' cur ri atharrachadh na gnàth-sh́de a lùghdachadh.

 

English version



Last updated on Tuesday 9th July 2013 at 09:38 AM. Cliog an seo airson beachd a thoirt air an duilleag seo