. Trý billean bliadhna de dh'eachdraidh na Talmhainn - Scottish Natural Heritage
skip to main content

Trý billean bliadhna de dh'eachdraidh na Talmhainn / Three billion years of Earth history

Chaidh cuid dhe na creagan as sine ann an Alba a chruthachadh o chionn 's d˛cha 3 billean (3,000 millean) bliadhna agus 's fhada on uair sin! Chan eil e furasta a thuigsinn an ¨ine mh˛r, mh˛r - cho m˛r 's a tha ¨ine ge˛lais - a thug e gus Alba a chruthachadh.

GeÓrr eachdraidh ge˛lais

B' e an tuathanach agus an ge˛laiche Albannach, James Hutton (1726-1797) a' chiad duine a thuig cho m˛r 's a bha an ¨ine a bh' againn ri thuigsinn. Thuig Hutton gum feumaidh gun robh iomadh cuairt ann de thasgadh gr¨ide; tiodhlacadh; teasachadh; dl¨thadh agus pasgadh; agus ath-nochdadh air sgÓth bleith gus na cruthan creige a chunnaic e ann an Alba a mhýneachadh. Thuig e cuideachd gun toireadh gach cuairt iomadh mýle no millean bliadhna. Tron sgr¨dadh aige thÓinig am beachd 'nach eil fianais ann air t¨s, no coltas air crýoch' nam pr˛iseasan a dhealbh creagan san Óm a dh'fhalbh agus a tha fhathast gan dealbhadh an-diugh.

Linntean is amannan

San latha an-diugh, tha deiteadh rŔidio-isotope air leigeil leinn t˛iseachadh a' tomhas ¨ine ge˛lais, agus tha an sgŔile-tým a chaidh aontachadh gu h-eadar-nÓiseanta a' leigeil leinn ceangal a dhŔanamh eadar creagan agus tachartasan ge˛lais air feadh an t-saoghail. Tha an sgŔile-tým a' sgaradh ¨ine ge˛lais na Linntean (a tha nas motha) agus na h-Amannan (a tha nas lugha). Th˛isich an t-Óm ge˛lais a th' ann an-drÓsta, an Quaternary, o chionn 2.6 millean bliadhna le toiseach an Linn Deighe mu dheireadh. An coimeas ri sin, mhair an Linn Iurasaig ('Linn nan Dýneasair) Óirson ¨ine gu math na b' fhaide na an Quaternary a th' ann an-drÓsta. Mhair e bho chionn 200 millean bliadhna gu chionn 145 millean bliadhna. Tha amannan ge˛lais eile ann de dhiofar fhaidean. Tha an toiseach agus an deireadh air an s˛nrachadh le feartan mar atharrachadh sgýreil no cruinneil san Órainneachd no le tachartasan a rinn tur sgrios.

ClÓran fosail

Tha toiseach an linn Chambrian (o chionn 542 millean bliadhna) na chrýoch ge˛lais cudromach. B' ann an uair sin, a rŔir a' chlÓir ge˛lais, a th˛isich beatha le buill bodhaig chruaidh (me sligean) a' nochdadh an toiseach. Seach gum bi buill bodhaig chruaidh gan gleidheadh gu math mar fhosailean, rud nach bi feadhainn bhog, seo far a bheil prýomh chlÓr nam fosailean a' t˛iseachadh. Seach gu bheil sinn a' faighinn t˛rr fiosrachaidh mu Órainneachdan a dh'fhalbh agus mu ¨ine ge˛lais bho fhosailean, tha toiseach an linn Chambrian air a mhýneachadh mar toiseach a' Phanerozoic Eon no '┘ine Aithnichte'. GlŔ thric canar dýreach an linn Ro-chambrian ris an ¨ine ron linn Chambrian.

Hutton air thoiseach

B' e beachdachadh agus te˛iridhean Hutton a chomharraich t¨s saidheans ge˛lais an latha an-diugh. Thug iad bunait do ghe˛laichean an dŔidh sin air an t˛isicheadh iad a' fuasgladh na sgeulachd iongantach air mar a thug e 3 billean (3,000 millean) bliadhna a' cruthachadh Alba. Bha sgr¨dadh na Talmhainn mar a tha i an-diugh, le bholcÓnothan agus eigh-shruthan, cudromach ann a bhith a' tuigsinn eachdraidh Alba a tha a' dol air ais 3 billean bliadhna. Tha seann eachdraidh ar d¨thcha, agus an fhainais a tha mun cuairt oirnn, cudromach gus ar cuideachadh a' tuigsinn an t-saoghail an-diugh agus gu bhith a' ro-innse ciamar a dh'atharraicheas e an dŔidh seo.

á

á

English version



Last updated on Tuesday 17th April 2012 at 12:59 PM. Cliog an seo airson beachd a thoirt air an duilleag seo