. Sprùilleach a ghiùlain an deigh - Scottish Natural Heritage
skip to main content

Sprùilleach a ghiùlain an deigh /                 Ice-transported debris

Bidh creagan agus sprùilleach creige dhe gach meud agus cruth (agus ḿrean beaga, b́odach ris an canar 'min chreige') gan giùlan air uachdar eigh-shruthan agus aig am bonn. Faodaidh eigh-shruthan creagan a ghiùlan astar ṃr mus taisg iad iad. Tha fianais nan creagan a chaidh fhàgail a' ciallachadh gu bheil fios againn dè an taobh a bha an deigh a' siubhal agus dè cho fada 's a shiubhail i. Mar eisimpleir, tha cnapan cloich-ghràin far Ṃinteach Rainich a-nis sgapte thairis air beanntan Dhruim Uachdair chun an ear.

D́leab ùire

Ann an Alba, thaisg na h-eigh-shruthan sprùilleach creige air an talamh fodhpa, nuair a shlaodaich an t-astar aca agus a dh'fhàs na srathan na bu leatha. Tha na tasgaidhean seo air leth cudromach oir tha iad rim faotainn fad is farsaing air an talamh ́osal agus ann an srathan air talamh nas àirde, agus 's iad a tha a' toirt dhuinn a' bhun-stuth airson ṃran dhe na h-ùirean, mar a th' ann an Lodainn an Ear agus ann an Srath Ṃr. Ann an cuid de dh'àiteachan, chaidh a' chrèadh a dhealbhadh agus a sh́mpleachadh le na h-eigh-shruthan agus chaidh druimlinean a chruthachadh, mar a ch́ sinn ann an srath Thuaidhe, timcheall Ghlaschu agus air talamh ́osal Shalmhaigh.

Moirèanan

Thaisg na h-eigh-shruthan 'moirèanan' far an do stad iad. Tha f́or dheagh eisimpleirean co-cheangailte ri eigh-shruthan Ath-thilleadh Loch Laomainn, mar eisimpleir timcheall ceann a deas Loch Laomainn, faisg air Buchlyvie, aig Calasraid, agus ann an iomadh gleann is coire air a' Ghàidhealtachd. Ann an cuid de dh'àiteachan, chaidh moirèan 'tomanach' a thasgadh air grunnd shrathan ann an cruth chnocain, gu ṣnraichte ann an Gleann Thoirbheartan.

 

 

English version



Last updated on Monday 16th April 2012 at 10:17 AM. Cliog an seo airson beachd a thoirt air an duilleag seo