. Cruthan-tre air an gearradh le deigh - Scottish Natural Heritage
skip to main content

Cruthan-tre air an gearradh le deigh / Ice-carved landscapes

Nuair a bhios an suidheachadh ceart, faodaidh eigh-shruthan a bhith for mhath air bleith. Air na monaidhean rda, gherr sruthan cumhachdach deighe amaran domhainn eigheachail bho na srathan a bh' ann mar-th (me Gleann Chlabhaidh agus Gleann Dochartaich), agus uaireannan dhealbh iad amaran creige domhainn air a' ghrunnd aca (me Loch Nis agus Loch Mhonair). Ann an iteachan eile, bhris iad tro dhromannan-uisge, a' cruthachadh ghlinn ra a tha cudromach an-diugh mar shlighean do chmhdhail (me Gleann Comhann agus Gleann Seile).

A' sgrobadh na tre

Ann an cuid de dh'iteachan, cha robh buaidh nan eigh-shruthan cho cunbhalach, agus chaidh glinn a dhanamh na bu dhoimhne, ach cha do dh'atharraich uachdair nan rd-chlr ach gl bheag, mar a thachair air a' Mhonadh Ruadh. Ann an iteachan eile, rinn na h-eigh-shruthan trr sgrobaidh, rinn iad an fho-chreag na bu ghairbhe, uaireannan cho fada suas ri na mullaich. Mar sin chaidh cruthan-tre a dhealbhadh air sgth an sgrobaidh sgreil mar a thachair sna h-Eileanan Siar, ann an Cataibh agus ann an Aird Ghobhar.

A' Ghalltachd an ear

Air a' Ghalltachd air taobh an ear Alba, chaidh cruthan na tre a dhealbhadh agus a shmpleachadh le na h-eigh-shruthan. Thug sin dhuinn cruthan-tre le creag agus earball mar a th' ann an Creag Caisteal Dhn ideann agus air a' Mhle Roghail. Gl thric chaidh cruth 'roches moutonnes' a thoirt air creagan fa leth. Chaoinich iad na cliathaichean a bha taobh shuas na h-aibhne agus chladhaich iad na cliathaichean a bha taobh shos na h-aibhne; tha deagh eisimpleirean air Oir Dh Shuas, deas air an Aghaidh Mhir agus aig Inbhir Tuilnein.

A' Ghidhealtachd an iar agus an iar-thuath

B' ann air a' Ghidhealtachd an Iar agus an Iar-thuath a bu mhotha a bha a' bhuaidh, mar a chithear, seach gu bheil 90% dhe na coireachan agus crr is 90% dhe na h-amaran-creige ann an cernaidhean tionail aibhnichean a' sruthadh an iar. Bha barrachd sneachda an sin, bha an deigh na bu thiughe agus bha na h-eigh-shruthan na bu chaise agus a' siubhal na bu luaithe. Bha iad mar sin na b' ifeachdaiche air bleith.

Gun atharrachadh san ear-thuath

Ach ann an cuid de dh'iteachan bha buaidh nan eigh-shruthan na bu chaoine air cruth na tre, gu h-raidh ann an ceann an ear-thuath Alba. 'S e gl bheag de dh'atharrachadh a thinig air feartan an ama ro-eigheachail, gu h-raidh air leidean snte agus air fo-chreag a bh' air caitheamh leis an t-sde (mar ann am Buchan). Chaidh tors a thoirt am brr ach cha deach an sgrios (mar a th' air Bennachie) agus tha siostaman aibhnichean fhathast an re mhath sln.

English version



Last updated on Monday 16th April 2012 at 10:16 AM. Cliog an seo airson beachd a thoirt air an duilleag seo