. Cladhain uisge-aiteimh agus tasgaidhean - Scottish Natural Heritage
skip to main content

Cladhain uisge-aiteimh agus tasgaidhean / Meltwater channels and deposits

Nuair a leagh na h-eigh-shruthan, chuir iad uisge do dh'aibhnichean bras uisge aiteimh. Bha iad tric a' leantainn ch¨rsaichean nan aibhnichean a bh' ann mar-thÓ. Ach ann an iomadh Óite, bha an deigh a' ciallachadh gun do ghabh an t-uisge slighe eile. Tha m˛ran dhe na cladhain uisge aiteimh sin a-nis tioram, no tha sruthain annta a tha gu math nas lugha na na srathan sa bheil iad a' sruthadh. Tha deagh eisimpleirean air iomaill a deas Beanntan Phentland (me aig Carlops), sliosan a tuath a' Mhonaidh Ruaidh agus timcheall Dh¨naidh air Oir DhŔ.

Lochan uisge-aiteimh deigheach

Ann an Óiteachan, dh˛irt an t-uisge-aiteimh a-steach a shrathan air an robh damaichean deighe agus chruthaich iad lochan. 'S e an t-eisimpleir as iongantaiche Gleann Ruaidh, far am faicear fhathast cladaichean locha far an robh dama deighe agus ris an canar na 'R˛idean Co-shýnte'. Thraoigh na lochan corra uair fon deigh ann an tuiltean m˛ra.

Cruthan-týre s˛nraichte

GlŔ thric bidh na tasgaidhean bho na h-aibhnichean uisge-aiteimh sin a' dealbhadh chruthan-týre s˛nraichte air an dŔanamh de ghainmhich agus de ghrinneal.

  • Air taobhan nan eigh-shruthan, chaidh uchdan de chnuic-mhorghain a thasgadh (me eadar Loch Nis agus Inbhir Nis).
  • Fon deigh (mar as trice ann an tunailean), chaidh dromannan l¨bach no 'eiscirean' a chruthachadh (me aig Caisteal Tarrais).
  • Seachad air iomall na deighe, chaidh an spr¨illeach a leagail ann an cruth raointean 'os-sgaoilidh' no dealtathan locha (me ann an Ach na Sýne).

Tha sgaoileadh farsaing nan tasgaidhean ann an glinn agus air talamh ýosal taobh an ear agus ceann a deas Alba a' sealltainn coimeas eadar cruthan-týre a dhealbhadh an ýre mhath air sgÓth bleith eigheachail air an taobh an iar agus tasgadh eigheachail air an taobh an ear.

á

á

English version



Last updated on Monday 16th April 2012 at 10:20 AM. Cliog an seo airson beachd a thoirt air an duilleag seo