. Permian gu Cretaceous Alba o chionn 299-65 millean bliadhna - Scottish Natural Heritage
skip to main content

Permian gu Cretaceous Alba o chionn 299-65 millean bliadhna / Permian to Cretaceous Scotland 299-65 million years ago

Bha an linn Phermian, o chionn mu thimcheall air 299 and 250 millean bliadhna, blth agus tioram. Bha Alba air gluasad dhan t-sn a bha fo-thropaigeach tuath air a' chrios-mheadhain, agus bha e coltach ri fsach. Bha a' ghaoth a' sideadh grid air feadh an ite agus ga h-ath-thasgadh mar din-ghainmhich. Bha trr sginidhean a' tachairt san linn Phermian air sgth 's mar a bha rsg na Talmhainn fhathast a' leudachadh ann an ceann a deas Alba. Lean suidheachadh na fsaich a-steach dhan linn Triasaig, ach san linn Iurasaig o chionn timcheall air 200 millean bliadhna (nuair a bha Alba aig domhan-leud coltach ris a' Mhuir Mheadhan-threach an-diugh), bha muir tana, tropaigeach a' cmhdach a' mhr-chuid de dh'Alba. Bha beatha gu ler sa mhuir, agus nam measg bha corailean agus amonaitean. Air an talamh mun cuairt bha eag-shiostam san robh dneasairean.

R na cuid bu mhotha dhen linn Chretaceous (o chionn 145 is 65 millean bliadhna), b' e tr uabhasach thioram a bh' ann an Alba. Ach mu dheireadh an linn Chretaceous o chionn timcheall air 75 millean bliadhna, bha a h-uile sgath de dh'Alba, ach a-mhin na pirtean a b' irde, air a dhol fo mhuir thropaigeach. Chaidh fillidhean tiugh de chailc a thasgadh air grunnd na mara. Chan eil mran fianais ri fhaicinn air a' chailc an-diugh oir chaidh a' mhr-chuid dhith a bhleith air falbh.

An-diugh chan eil mran chreagan Permian, Triasaig, Iurasaig no Cretaceous ann an Alba. Tha a' chuid as motha de chreagan Permian agus Triasaig air a 'Mhonadh a Deas (Permian) agus ann an Arainn (Permian agus Triasaig). Tha cuid mhath cuideachd ann an Siorrachd ir (Permian), cladach a deas Linne Mhoireibh (Permian agus Triasaig) agus ann an Ledhas (Permian agus Triasaig), le beagan ann an iteachan eile mar Rm, Muile agus A' Chomraich.

Tha am beagan chreagan Iurasaig agus Cretaceous ann an Alba rim faotainn air cladaichean an taobh sear agus siar a-mhin. Tha a' chuid as motha timcheall Bhun Ilidh air an taobh sear agus san Eilean Sgitheanach - 'Eilean Dneasairean Alba' - air an taobh siar.

English version



Last updated on Monday 16th April 2012 at 10:09 AM. Cliog an seo airson beachd a thoirt air an duilleag seo