. Creagan air an cruthachadh an dèidh bunaitean Alba tighinn còmhla - Scottish Natural Heritage
skip to main content

Creagan air an cruthachadh an dèidh bunaitean Alba tighinn còmhla /           Rocks formed after Scotland's foundations came together

Nuair a thàinig na bunaitean geòlasach aice còmhla, bha Alba deas air a' chrios-mheadhain. On uair sin, tha fòrsaichean gluasad mòr-thìreach air Alba a ghluasad gu tuath gu far a bheil e an-diugh. Rè an turais seo, tha sgeulachd Alba a' gabhail a-steach cuairt gun stad de bhleith agus de thasgadh grùide fhad 's a bha i a' gluasad gu tuath thairis air a' chrios-mheadhain.

B' e creag ghrùideach a bu mhotha a bha sa chreig a chaidh a chruthachadh aig an àm seo. Chaidh a dèanamh bho ghrùidean a chaidh a thasgadh ann an aibhnichean, lochan agus marannan. Bha an seòrsa creige a dheigheadh a chruthachadh aig àm sam bith (m.e rud sam bith bho chreag-ghainmhich agus creag-aoil gu gual) a rèir na h-àrainneachd a bh' ann an Alba aig an àm. Bha loch mhòr ri gnàth-shìde a bha an ìre bha tioram a' dèanamh ghrùidean eabarach làn de dh'iasg marbh. 'S iad sin a-nis na leacan a th' ann an Gallaibh, agus tha iad làn fhosailean iongantach. Bha a' ghnàth-shìde bruthainneach, tropaigeach nuair a bha Alba na laighe air a' chrios-mheadhain, agus dh'adhbharaich sin gun do chruinnich fillidhean tiugha de dh'fhàsmhorachd mharbh ann am boglaichean. Sin a-nis an gual a th' ann am Meadhan Alba.

Chaidh creagan bholcànach a chruthachadh cuideachd, an toiseach mar thoradh air sìneadh stèidhte ann am Meadhan Alba, ach an dèidh sin mar thoradh air stuth teth ag èirigh suas agus sìneadh co-cheangailte ri fosgladh a' Chuain Atlantaig a Tuath. 'S àbhaist gu bheil na creagan sin nas cruaidhe na creagan grùide, agus tha iad mar sin, glè thric, a' dèanamh bheanntan no sreathan bheanntan.

English version

Creagan faisg air Stromness, Arcaibh ©Lorne Gill/SNH Airson fiosrachaidh mu chleachdadh dhealbhan aig Dualchas Nàdair na h-Alba cuir fòn gu 01738 444177 no thèid gu www.snh.gov.uk]

Devonian Alba o chionn 416-359 millean bliadhna

Devonian o chionn 416-359 millean bliadhna

Baile na h-Uaimh agus Neuk of Fife ©P&A Macdonald/SNH. Airson fiosrachaidh mu chleachdadh dhealbhan aig Dualchas Nàdair na h-Alba cuir fòn gu 01738 444177 no thèid gu www.snh.gov.uk

Carbonach Alba o chionn 359-299 millean bliadhna

Carboniferous o chionn359-299 millean bliadhna

Coire Ardair, Tèarmann Nàdair Nàiseanta ©P&A Macdonald/SNH. Airson fiosrachaidh mu chleachdadh dhealbhan aig Dualchas Nàdair na h-Alba cuir fòn gu 01738 444177 no thèid gu www.snh.gov.uk

Permian gu Cretaceous Alba o chionn 299-65 millean bliadhna

Permian gu Cretaceous o chionn 299-65 millean bliadhna

An Sgùrr, Eige ©Lorne Gill Airson fiosrachaidh mu chleachdadh dhealbhan aig Dualchas Nàdair na h-Alba cuir fòn gu 01738 444177 no thèid gu www.snh.gov.uk

Palaeogene agus Neogene Alba o chionn 65-2.6 millean bliadhna

Palaeogene agus Neogene o chionn 65-2.6 millean bliadhna


Ceanglaichean

Cruthan-tìre Linn na Deighe an Alba

Cruthan-tìre Linn na Deighe an Alba

Cruthan-tìre Linn na Deighe an Alba



Last updated on Wednesday 18th July 2012 at 14:47 PM. Cliog an seo airson beachd a thoirt air an duilleag seo