. Cuan Iapetus agus cruthachadh beanntan Chaledonia - Scottish Natural Heritage
skip to main content

Cuan Iapetus agus cruthachadh beanntan Chaledonia / The Iapetus Ocean and the Caledonian Orogeny

O chionn sia ceud millean bliadhna, bha ceann an iar-thuath na Gidhealtachd, ceann a tuath na Gidhealtachd agus Gidhealtachd a' Mhonaidh aig oir mr-thr air an robh Laurentia. Cha robh ann an creagan Dalradianach Gidhealtachd a' Mhonaidh an uair ud ach fillidhean gride, a bha a' cruinneachadh ann an uisge tana cuan mr Iapetus a bha deas air mr-thr Laurentia.

Thisich Cuan Iapetus a' fosgladh o chionn timcheall air 800 millean bliadhna nuair a chaidh seann mhr-thr a tharraing s a chile air sgth forsaichean gluasaid na mr-thr. Uaireigin o chionn timcheall air 500 millean bliadhna, thisich forsaichean gluasaid na mr-thre air Cuan Iapetus a dhnadh a-rithist. B' ann an Cuan Iapetus, nuair a bha e a' dnadh, a thathar an dil a chaidh bunaitean Sgre a' Mheadhain a chruthachadh.

Mar a bha Cuan Iapetus a' dnadh, bha tr trean mra an re mhath a' gluasad air slighe a bheireadh orra bualadh na chile aig Laurentia. B' e a' chuid a b' fhaisge, agus a bha air an t-slighe a dh'ionnsaigh Gidhealtachd a' Mhonaidh, mar a bhiodh ann uaireigin, sreath de dh'eileanan bholcnach, a chaidh a chruthachadh ann an Cuan Iapetus. Air cl sin, agus na laighe air cladach thall Cuan Iapetus, bha mr-thr ris an cante Avalonia an Ear agus 's ann an sin a bha Sasainn. B' e an talamh mu dheireadh, mr-thr air an robh Baltica, agus b' ann an sin a bha na dthchannan Lochlannach a dh'aithnicheas sinn an-diugh. Bha sin na b' fhaide an ear agus cuideachd air cladach Cuan Iapetus. Ach bha e air slighe a bheireadh air bualadh, chan ann air Gidhealtachd a' Mhonaidh, ach ann am bunaitean Cheann a Tuath na Gidhealtachd.

Air sgth nam bualaidhean a lean, chaidh sreath bheanntan a bha cho mr 's dcha ri beanntan nan Ailpean no nan Himalayas, a chruthachadh. B' e sin na Beanntan Caledonianach. Chaidh na Beanntan Caledonianach a thogail ann an tr ceumannan. Bha a' chiad cheum ann o chionn timcheall air 480-460 millean bliadhna nuair a bhuail sreath eileanan bholcnach. Sin an Tachartas Grampianach. Bha an dara ceum ann o chionn timcheall air 440 millean bliadhna nuair a bhuail Baltica. Sin an Tachartas Scandianach. Bha an treas ceum, an ceum deireannach, ann nuair a bhuail Avalonia an Ear o chionn timcheall air 425 millean bliadhna. Chuir sin croch air ceangal bunaitean gelais Alba, agus cheangail e cuideachd Alba agus Sasainn cmhla.

English version



Last updated on Monday 16th April 2012 at 10:00 AM. Cliog an seo airson beachd a thoirt air an duilleag seo