. Cladach an iar-thuath - Scottish Natural Heritage
skip to main content

Bunaitean gelais cladach an iar-thuath / Northwest sea-board geological foundations

Tha bunaitean gelais cladach iar-thuath Alba, agus a' gabhail a-steach nan Eilean Siar, Colla, Tiriodh, Rm, An t-Eilean Sgitheanach agus Iar-thuath na Gidhealtachd bhon Pharbh gu Caol Loch Aillse, air an togail bho chreagan a bhuineas do thr linntean eadar-dhealaichte. Tha na bunaitean sin air an sgaradh bho cheann a tuath na Gidhealtachd le sgineadh ris an canar Moine Thrust.

Creagan Lewisianach

Tha na creagan as sine ann an iar-thuath na Gidhealtachd suas ri 3 billean (3,000 millean) bliadhna a dh'aois agus canar creagan Lewisianach riutha. 'S iad na creagan as sine ann an Alba agus cuid dhen fheadhainn as sine air an t-saoghal. Chaidh na creagan Lewisianach a chruthachadh thar ine mhr, mhr (suas ri 2 bhillean bliadhna), air sgth trr mr de chreagan leaghte air fuarachadh a bhith air an tiodhlacadh, an dlthadh, am pasgadh agus an teasachadh, agus nas lugha de ghridean puill, gainmhche agus carbonat gann (me aol-chlach).

Creagan Torridonianach

O chionn timcheall air 1,000 millean (billean) bliadhna, bha na creagan Lewisianach mar-th aosta agus bha iad air am bleith sos gu bhith nan cruth-tre cnocach. Bha aibhnichean mra a' sruthadh thar na cruth-tre seo, o chionn timcheall air 1200 agus 800 millean bliadhna. Bha iad sin a' tasgadh fhillidhean de chlach-ghainmhich ruadh, eabar agus molagan. Canar an Torridonian ris an t-sreath seo de ghridean aibhne, agus bha i uaireigin a' danamh cmhdach a bha suas ri 7.5 cilemeatair a thiughad air a' chruth-tre Lewisianach.

Cleas nan creagan Lewisianach, chaidh cuid dhe na creagan Torridonianach a bhleith an didh sin. An-diugh tha mran dhen t-seann chruth-tre Lewisianach air ath-nochdadh le beanntan de chreagan Torridonianach leithid An Sleaghach agus Suil-bheinn aig a' bhrr. O chionn timcheall air 550 agus 500 millean bliadhna anns na h-amannan gelais anmoch san linn Chambrianach agus trth san Ordovician, bha an sgre air a cmhdach le muir tana agus gainmheach gheal (cuartsait a-nis). Leagadh air uachdar nan creagan Lewisianach agus Torridonianach a chaidh a bhleith, gridean le barrachd eabair (a-nis nan iomairean Fucoid bog, ln mathachaidh), agus mu dheireadh creagan ln carbonat (a-nis nan aol-chlach ln magnesium ris an canar dolomait Dhirnais). A-nis tha a' mhr-chuid dhe na gridean Cambro-Ordovician sin air bleith s. An-diugh chan fhaighear iad ach sreath chaol air oir an ear na sgre, dlth ri Moine Thrust, agus air mullaich bheanntan mar Beinn Eighe agus Fionn Bheinn.

English version



Last updated on Monday 16th April 2012 at 09:50 AM. Cliog an seo airson beachd a thoirt air an duilleag seo