. Ceann a Tuath na GÓidhealtachd - Scottish Natural Heritage
skip to main content

Bunaitean ge˛lais Cheann a Tuath na GÓidhealtachd / Northern Highlands geological foundations

Tha creagan Cheann a Tuath na GÓidhealtachd air an cuartachadh chun an iar-thuath leáMoine Thrust agus chun an ear-dheas le SgÓineadh a' Ghlinn Mh˛ir. Tha SgÓineadh a' Ghlinn Mh˛ir a' dol cho fada ri Sealtainn far an Óbhaist dha nochdadh air mapaichean an co-cheangal ri Walls Boundary Fault. Sa mh˛r-chuid tha bunaitean Cheann a Tuath na GÓidhealtachd air an dŔanamh de chreagan Moine no Moine Supergroup, a chaidh ainmeachadh air an sgýre, A' Mh˛ine, ann an Cataibh. Ach fo chreagan na Moine, tha creagan a tha coltach, ann an iomadh d˛igh, ri creagan Lewisianach Iar-thuath na GÓidhealtachd, agus mar sin, canar gu bheil iad Lewisianoid (coltach ri Lewisianach) no canar dýreach creagan Lewisianach riutha.

Gheibhear creagan Lewisianach Cheann a Tuath na GÓidhealtachd ann an Óiteachan far an deach na creagan Moine as ˛ige a bhleith air falbh. Tha an aon eachdraidh cruthachaidh, teasachaidh agus dl¨thaidh aig a' mh˛r-chuid de chreagan Lewisianach Iar-thuath na GÓidhealtachd. Ach, tha fianais ann an cuid de dh'Óiteachan, gun do thachair rudeigin a thog beanntan, agus gun tug sin buaidh air creagan ann an roinn Grenville air taobh an ear Chanada, ach air glŔ bheag de chreagan ann an Alba. A dh'aindeoin agus mar a tha iad coltach ri chŔile, bidh e coltach gun robh na creagan Lewisianach, a bha fon Mhoine ceudan chilemeatairean air falbh bho chreagan Lewisianach Cheann an Iar-thuath na GÓidhealtachd nuair a chaidh creagan na Moine a chruthachadh air an uachdar. Bho th¨s, b' e fillidhean de ghr¨idean gainmhiche agus eabair, a chaidh a thasgadh ann am muir tana, o chionn timcheall air 1000 - 800 millean bliadhna, air uachdar chreagan Lewisanach, a bh' annta.

Chaidh na creagan Moine a theasachadh agus a dhl¨thadh nas fhaide air adhart nuair a bhuail m˛r-thýrean ri chŔile agus a thugadh bunaitean Alba c˛mhla. Dh'atharraich sin iad bho chreagan gr¨ideach gu creagan cruaidh, cruth-atharrachail. Tha a' mh˛r-chuid dhiubh nam psammites shoilleir (fillidhean gainmhiche bho th¨s) agus pelites nas duirche (fillidhean eabair bho th¨s). A dh'aindeoin an atharrachaidh, chithear fhathast, glŔ thric, na fillidhean agus na feartan gr¨ide co-cheangailte ri structaran stuaghach.

á

á

English version



Last updated on Monday 16th April 2012 at 09:52 AM. Cliog an seo airson beachd a thoirt air an duilleag seo