. Creagan agus mŔinnirean Alba - Scottish Natural Heritage
skip to main content

Creagan agus mŔinnearaich Alba / Scotland's rocks and minerals

Tha eachdraidh ge˛lais bheairteach agus ge˛las eugsamhail aig Alba. Faodar an-diugh coimhead air ge˛las Alba mar shreath de ch˛ig raointean s˛nraichte no blocaichean bunaiteach.

Chaidh na blocaichean bunaiteach sin a chruthachadh fada bho chŔile o chionn millean bhliadhnaichean. ThÓinig iad c˛mhla mu dheireadh tro bhualaidhean m˛ra eadar 480 is 425 millean bliadhna no mar sin. Aon uair 's gun tÓinig na bunaitean c˛mhla, ghluais Alba gu tuath, thar a' chrios-meadhain gu far a bheil i an-drÓsta. RŔ an turais seo, chaidh fillidhean urÓ de chreig a chruthachadh nuair a bha gr¨idean a' cruinneachadh agus gan tiodhlacadh. Thachair seo ann an iomadh se˛rsa Órainneachd eadar cuantan domhainn is marannan tana agus fÓsaichean, boglaichean agus lochan.

Tha iomadh mŔinnearach tearc, prýseil, iongantach ann an creagan Alba. Chaidh luaidhe, airgead, ˛r, mangaineis, baryte, sinc, cromium, copar, mica agus talc a chladhach ann an Alba. GlŔ thric, bidh mŔinnearaich thearc no gun shamhail far an robh seann mhŔinnean. Chaidh clachan brŔagha, meadhanach prýseil mar saphairean, topasan gorma, criostail CÓrn Gorm (cuart sche˛thach), agatan agus ametistean cuideachd fhaighinn ann an Alba, agus uaireannan gheibhear fhathast iad.

Coire nan Lochan, Gleann Comhann ęLorne Gill/SNH Airson fiosrachaidh mu chleachdadh dhealbhan aig Dualchas NÓdair na h-Alba cuir f˛n gu 01738 444177 no thŔid gu www.snh.gov.uk

Bunaitean ge˛lais na h-Alba

Faigh a-mach barrachd mu na c˛ig blocaichean ge˛lasach, bunaiteach ann an Alba. DŔ th' annta? CÓit a bheil iad? Ciamar agus cuin a chaidh an cruthachadh?

TŔarmann NÓdair NÓiseanta Beinn Eighe ęSNH. Airson fiosrachaidh mu chleachdadh dhealbhan aig Dualchas NÓdair na h-Alba cuir f˛n gu 01738 444177 no thŔid gu www.snh.gov.uk

Mar a thÓinig bunaitean ge˛lasach Alba ri chŔile

Faigh a-mach mar a thÓinig bunaitean ge˛lasach Alba c˛mhla; an t-sreath mh˛r bheanntan a chleachd a bhith ann an Alba; agus mar a thÓinig sinn gu bhith ceangailte ri Sasainn.

Sgurr Ban agus Liathach ęJohn MacPherson/SNH Airson fiosrachaidh mu chleachdadh dhealbhan aig Dualchas NÓdair na h-Alba cuir f˛n gu 01738 444177 no thŔid gu www.snh.gov.uk

Creagan air an cruthachadh an dŔidh bunaitean Alba tighinn c˛mhla

An robh fios agad gum b' Óbhaist Alba a bhith deas air crios na cruinne? Seo tuairisgeul goirid air mar a ghluais Alba gu tuath.


Ceanglaichean

Scottish geology .com

Scottish geology .com

LÓrach-lýn le taic bho SNH le tuilleadh fiosrachaidh mu dhualchas ge˛lasach Alba, eadar na creagan agus ge˛laichean ainmeil.

Scotland: Creation of its Natural Landscape

Scotland: Creation of its Natural Landscape

Chaidh an leabhar Beurla seo fhoillseachadh le SNH. Tha e ag innse mar a chaidh Alba a chruthachadh, agus mar a thug ge˛las cumadh air an týr.

Scotland: Creation of its Natural Landscape

Scotland: Creation of its Natural Landscape

Chaidh an leabhar Beurla seo fhoillseachadh le SNH. Tha e ag innse mar a chaidh Alba a chruthachadh, agus mar a thug ge˛las cumadh air an týr.