. Eachdraidh àirde na mara an Alba - Scottish Natural Heritage
skip to main content

Eachdraidh àirde na mara ann an Alba / Scotland's sea-level history

Thar nam 20,000 bliadhna mu dheireadh, tha ́re na mara ann Alba air a bhith eadar-dhealaichte, agus thug sin buaidh air cruth na t́re agus dh'dhàg e fianais inntinneach.

Muir a' dol a-steach a Mheadhan Alba

O chionn sia no seachd ḿle bliadhna, bhiodh ṃran sǵrean ́osal ri taobh nan linneachan, mar Cars Shruighlea, Cars Ghobhairidh agus Cluaidh ̀ochdrach, air a dhol fon mhuir.

Àrd agus ́osal

Bha ́re na mara ann am Meadhan Alba aig an ́re a b' àirde o chionn timcheall air 20,000 bliadhna nuair a bha an deigh a' leaghadh agus a bha an t́r fhathast ́osal. Thuit an ́re an uair sin airson greis, ach dh'èirich i a-rithist o chionn 9,500 agus 6,500 bliadhna nuair a bha àiteachan mar Cars Shruighlea nan caolasan fada mara. An dèidh sin, bha ath-èirigh na t́re na bu luaithe na àrdachadh ann an ́re na mara, agus nochd an cladach a-rithist.

Buaidh an eigheachaidh

O chionn timcheall air 20,000 bliadhna tḥisich an clàr-deighe mu dheireadh ann an Alba air leaghadh. C̣mhla ri ceapan-deighe eile san leth-chruinne mu thuath, leig e an t-uabhas uisge mu sgaoil a chuantan an t-saoghail. Bha dà bhuaidh aig an seo: dh'èirich ́re na mara air feadh an t-saoghail, agus dh'èirich an talamh, nach robh a-nis fo chuideam na deighe, suas. Thug an ceangal eadar an dà sheata phṛiseasan sin atharrachaidhean ann an ́re na mara air feadh cladaichean Alba.

Bha sin a' ciallachadh gun deach an talamh a-staigh air an dùthaich ann an Alba a thogail os cionn ́re na mara thar nam beagan mh́ltean bhliadhnachan mu dheireadh, (faic dealbh Arainn) agus chaidh an cladach ann an sǵrean air an iomall fodha, fo ́re na mara (faic dealbh Uibhist a Deas).

Airson faighinn a-mach dè tha a' tachairt an-dràsta, leugh ́re na mara an-dràsta agus san àm ri teachd.

 

 

English version



Last updated on Tuesday 22nd May 2012 at 10:24 AM. Cliog an seo airson beachd a thoirt air an duilleag seo