. Cladaichean ṣnraichte Alba - Scottish Natural Heritage
skip to main content

Cladaichean ṣnraichte Alba /                     Scotland's varied coasts

Bearraidhean de chreag chruaidh

Tha bearraidhean de chreig chruaidh mun chladach ann am pàirt de dh'Alba. Chan e a-mhàin gu bheil iad seo nan seallaidhean ḿorbhaileach, ach tha iad nan àrainnean cudromach do dh'ẹin a bhios a' fuireach orra agus cuideachd do dh'ẹin a bhios a' tadhal.

Tha na bearraidhean as àirde san RA, le 430m a dh'àirde, ann an Hiort. Tha eisimpleirean iongantach eile ann cuideachd agus tha e nas fhasa faighinn thuca. Tha bearraidhean de chreig chruaidh air feadh Alba. Gheibhear cuid dhe na bearraidhean as iongantaiche de chreig aig: Villians of Hamnavoe (Sealtainn), Taobh an Iar Arcaibh, Rubha Dùn Gasbaith (Gallaibh), Rubha Thairbeirt (Taobh Sear Rois), Ceann a Tuath ̀le (Earra-Ghàidheal), Bullers of Buchan (Siorrachd Obar Dheathain), Dùn Barra (Lodainn an Ear) agus Ceann Eaba (Siorrachd Bhearuig).

Bearraidhean de chreig bhog

Chan eil cus bhearraidhean de chreig bhog ann an Alba. Tha seo co-cheangailte ri eachdraidh a' ghẹlais agus an eigheachaidh san dùthaich seo. Far a bheil iad, tha na bearraidhean de chreig bhog buailteach a bhith nan tasgaidhean eigheachail a bhleitheas. Tha eisimpleirean air cladach Pennan (an ear air A' Bhruaich) agus Bàgh Neig deas air Obar Dheathain.

Tràighean greabhail & caol-thràighean

Tha cuid mhath de thràighean greabhail ann an Alba.

Tha an tràigh ann an Inbhir Spè air cladach Mhoireibh air tè dhe na tràighean greabhail as cudromaiche san RA. Tḥisich tràighean ṃra greabhail a' tighinn gu bith an seo o chionn 6500 bliadhna, agus dh'fhàg iad sreath dhromannan a tha a' śneadh a-steach air an dùthaich bhon tràigh. Tha pṛiseasan cladaich a' leantainn air adhart ann an Inbhir Spè, agus an abhainn a' toirt 6,400m3 de ghainmhich agus de ghreabhal chun na tràghad gach bliadhna. Tha 30 meatairean dheth air a phutadh dhan iar gu Inbhir Ḷsaidh gach bliadhna.

Tha cuid dhe na h-eisimpleirean as fheàrr de thràighean greabhail aig: Inbhir Spè agus Rubha na h-Innse Ṃire ann an Linne Mhoireibh agus air taobh an iar Dhiùra.

'S e caol-thràighean an cruth cladaich as motha a bhios ag atharrachadh (faic an treas dealbh). Bidh cùrsa sruth far a' chladaich a' giùlan grùid a-null an tràigh air sgàth nan claon-thonn a tha cho bitheanta. Tha am Flying Bar aig Bàr Inbhir Èireann a' śneadh an iar 15 meatairean gach bliadhna agus tha a' Chaol-thràigh aig Rubha na h-Innse Ṃire (cuideachd air cladach Mhoireibh) a' śneadh 30 meatair gach bliadhna.

Tràighean gainmhiche agus docaichean

Tha ṃran thràighean agus dhocaichean ann an Alba, agus tha a' chuid as motha de dh'àrainn docan gainmhiche na RA ann an Alba. Tha cuid dhe na tràighean as motha a th' againn air cladach Siorrachd Obar Dheathain, am Moireibh agus sna h-Eileanan Siar. Ach 's ann ainneamh a bhios tu fada bho thràigh.

Chaidh ṃran dhe na tràighean agus na docaichean sin a dhealbhadh rè nan 4000 bliadhna mu dheireadh, no mar sin. Chaidh an dealbhadh le tuinn, sruthan, gaoithean agus, barrachd is barrachd, le obair dhaoine. An-dràsta is a-rithist, bidh na cruthan-t́re agus na h-àrainnean sin ag atharrachadh an cruth agus an dealbh.

Machair

'S e àrainn co-cheangailte ri docan gainmhiche a th' ann am machair, agus tha e air a dhèanamh le gainmhiche sa bheil ṭrr shligean. Tha e ainmeil airson eag-ẹlas a tha pailt ann an gnèithean, agus bidh e làn dhathan as t-samhradh. 'S ann sna h-Eileanan Siar agus sna h-Eileanan a Tuath as motha a tha e, ach gheibhear e ann an àiteachan eile cuideachd.

Airson tuilleadh fiosrachaidh air machair, cliog air a' cheangal a bhuineas ris.

Fideachan

'S e cuid dhen talamh le fàsmhorachd eadar na làin-mhara, air cladach cuartaichte, a th' ann am fidich. Mar sin, tha fasgadh aca bho bhuaidh làidir an làin-mhara, agus 's e pṛiseasan an làin as motha a tha' toirt buaidh orra.

Ann an Alba tha fideachan a' dèanamh suas 15% dhe na th' ann am Breatainn gu lèir. Aocoltach ri fideachan ann an àiteachan eile, glè thric, bidh beathaichean ag ionaltradh orra, chan eil ṭrr grùid a' faighinn thuca, agus tha iad ag atharrachadh gu tur bho bhith nam fàsmhorachd halotrofaig (dèidheil air salann) gu bhith nam fàsmhorachd t́re.

Tha na fideachan as pailte ann an Alba ann an dà phŕomh sǵre: Linne Shalmhaigh agus Linne Mhoireibh.

Airson tuilleadh fiorachaidh air fideachan, cliog air a' cheangal a bhuineas riutha.

 

 

English version



Last updated on Tuesday 22nd May 2012 at 10:22 AM. Cliog an seo airson beachd a thoirt air an duilleag seo