. Talamh fliuch ́osal - Scottish Natural Heritage
skip to main content

Talamh fluich ́osal / Lowland wetlands

Tha raon de thalmhaichean fliucha air a' cḥmhnard, eadar lagan beaga taise gu na tuil-bhoglaichean ṃra leudaichte ann an Innis, faisg air an Aghaidh Mḥir external site . A thuilleadh air a bhith nan dachaigh dha raon farsaing de dh'ẹin, bhiastagan is lusan, tha talmhaichean fliucha cuideachd a' toirt uisge glan dhuinn, a' cuideachadh le bhith a' cuibheasachadh thuiltean agus a' cur ́omhaigh sḥnraichte ri àrainneachd na h-Alba. A bharrachd air sin, tha talmhaichean fliucha a' sṭradh meudachd mḥr de charbon agus a' toirt uisge dhuinn nuair a bhios ṃr-thiormachd ann gus sruth aibhnichean a chumail a' dol.

Tha talmhaichean fliucha a' cḥmhnaird de dhà shẹrsa: an fheadhainn a tha a' tarraing uisge bhon talamh, chreig agus bho frasan-uisge, mar boglaichean, fèithean is làthaich, agus an fheadhainn a tha a' faighinn an uisge a-mhàin bho frasan-uisge (boglaichean togte). Tha talmhaichean fliucha a' cḥmhnaird eadar-dhealaichte a thaobh na th' annta de dh'uisge agus far a bheil e a' tighinn. Tha iad nan àiteachan tarraingeach airson diofar fhiadh-bheatha fhaicinn, eadar c̣inneach is lusan an àirneag gu ẹin nam boglaichean agus ḍbhrain. Carson nach tadhail sibh air cuid de Thèarmainn Nàdair Nàiseanta external site nam boglaichean, leithid Flanders Moss external site , Blawhorn Moss external site , Ṃinteach Dhùnaidh external siteWhitlaw Moss external site no Sruth Cille Chonaill external site .

Boglaichean, fèithean, làthaich agus leapannan cuilce / Fens, marshes, swamps and reedbeds

Tha boglaichean a' nochdadh air feadh Alba agus faodaidh iad a bhith gu math beag, feadhainn nach eil a' c̣mhdach ach corra mheatair ceàrnagach, agus feadhainn eile ceudan heactair ann an leud. Tha boglaichean tric torrach ann an gnèithean agus le farsaingeachd de sheisg, luachair agus lusan eile boglaich.

Tha boglaichean ṣnraichte le raointean luachrach is feur àrd air talamh far a bheil an t-uisge faisg air an uachdar agus uaireannan a' tighinn thairis air an uachdar. Tha boglaichean tric a' nochdadh air raointean-d́le, agus gu traidiseanta bha ionaltradh orra nuair a bha àirdean an uisge ́osal.

Tha làthaich a' nochdadh far a bheil uisge neo-ghluasadach fad na bliadhna. Tha na lusan a bhios a' fàs ann an làthaich tric ĺonmhor, le aon shẹrsa a' faighinn làmh an uachdair.

'S e gnè sḥnraichte de làthaich a th' ann an leapannan-cuilce, le cuilbh dhùmhail de chuilc chumanta a dh'èireas uaireannan gu àirde 4 meatairean. Tha leapannan-cuilce cudromach dha ẹin mar cinn dhubha agus corra-ghrian agus tha iad feumail airson mathachadh a tharraing às an uisge.

Boglach thogte a' cḥmhnaird / Lowland raised bog

'S e gnè sḥnraichte de thalamh fliuch a th' ann am boglaichean togte c̣mhnaird is iad a' faighinn an cuid uisge bho na tha a' tighinn às an adhar, bho shneachd is bho chẹ. Tḥisich na boglaichean sin a' gabhail cruth o chionn 8000 bliadhna ann an lagan eu-domhainn, far an robh droch dhrèanadh a' cur bacadh air grodadh san fhàs-bheatha is mar sin chaidh e na mḥine. 'S e c̣inneach rin canar sphagnum a tha a' cruthachadh na ṃnach agus tha comas iongantach aice, uisge a tha fichead uair nas truime na a cuideam tioram, a ghleidheadh. Tha an comas seo a bhith mar spong a' cuideachadh le bhith a' lùghdachadh na tha de dh'uisge a' ḍrtadh nar n-uillt nuair a bhios sruthadh ṃr ann.

Tha a' mḥine a tha a' cḥinneach sphagnum a tha a' seargadh a' cruthachadh a' dlùthachadh aig ́re de 1mm gach bliadhna, agus gu slaodach ag àrdachadh na boglaich os cionn na talmhainn mu chuairt. Tha a' mḥine air tàthadh gu leithid a dh'́re agus, air cuid de leapannan togte, gu bheil a' mḥine 11 meatair a thighead. Tha a' mḥine aig bonn na boglaich a' sealltainn mar a bha a' ghnàth-sh́de san àite sin o chionn grunn mh́le bliadhna. Air uachdar na boglaich, tha an suidheachadh searbh a' toirt fàs air lusan mar braoileag agus lus itheach na feàrnaich agus bidh tairbh-nathrach agus cruinneagan a' briodachadh ann an ḷin eu-domhainn.

Air taobh tuath is taobh siar na h-Alba agus aig àirdean àrd bidh boglach fharsaing a' cruthachadh ann an ḍigh coltach.

 

 

English version



Last updated on Thursday 19th July 2012 at 15:18 PM. Cliog an seo airson beachd a thoirt air an duilleag seo